Ecclesiasticus 15
15
CAIB. XV.
1Ni esan maith air am bheil eagal an Tighearna; agus esan aig am bheil eòlas an lagha gheibh se i.
2Agus mar mhàthair còmhlaichidh si e, agus gabhaidh i ris mar mhnaoi air a pòsadh ʼna maighdinn.
3Beathaichidh si e le h‑aran na tuigse, agus bheir i uisge na gliocais da ri òl.
4Bithidh e air a shuidheachadh oirre, agus cha ghluaisear e; agus earbaidh e rithe, agus cha chuirear as da.
5Ardaichidh si e os ceann a choimhearsnach, agus ann am meadhon aʼ choimhthionail fosgailidh si a bheul.
6Gheibh e toilinntinn, agus coron aoibhneis; agus bheir i air gu ʼn sealbhaich e ainm bithbhuan.
7Ach cha ʼn fhaigh daoine amaideach gréim oirre, agus cha ʼn fhaic peacaich i.
8Oir tha i fad as o uabhar, agus cha ʼn urrainn daoine a ta ʼnam breugairibh a cuimhneachadh.
9Cha ʼn ʼeil moladh ciatach ann am beul aʼ pheacaich, oir cha ʼn ʼeil e air a chur dʼ a ionnsuidh leis an Tighearna.
10Oir cuirear moladh an céill ann an gliocas, agus soirbhichidh an Tighearna leis.
11Na abair thusa, Is ann trìd an Tighearna a thuit mi: oir cha chòir duit‑sa na nithe sin a dheanamh dʼ am bheil fuath aige‑san.
12Na abair thusa, Thug e orm dol a ʼm mearachd: oir cha ʼn ʼeil feum aig air an duine pheacach.
13Tha fuath aig an Tighearna do gach gràineileachd; agus cha ʼn ʼeil gràdh aca‑san dha air am bheil eagal an Tighearna.
14Rinn esan fein an duine air tùs, agus dhʼ fhàg se e ann an làimh aʼ chomhairle fein;
15Ma ʼs i do thoil, na h‑àitheantan a ghléidheadh, agus dìllseachd thaitneach a nochdadh.
16Chuir e teine agus uisge romhad: sìn a mach do làmh far an àill leat.
17Tha beatha agus bàs roimh an duine; agus ge bʼ e a ʼs àill leis gheibh se e.
18Oir is mòr gliocas an Tighearna, agus tha e mòr ann an cumhachd, agus aʼ faicinn nan uile nithe:
19Agus tha a shùilean orra‑san dʼ an eagal e, agus is aithne dhàsan uile obair an duine.
20Cha do dhʼ àithn e do dhuine sam bith a dheanamh gu h‑olc, ni mò a thug e cead do dhuine sam bith a dheanamh peacaidh.
Currently Selected:
Ecclesiasticus 15: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017