Ecclesiasticus 14
14
CAIB. XIV.
1Is beannaichte an duine nach do thuislich le ʼbheul, agus nach ʼeil air a bhioradh le lìonmhorachd pheacanna.
2Is beannaichte esan nach do dhìteadh le choguis fein ʼsan Tighearna.
3Cha ʼn ʼeil beartas maiseach leis an spìocaire; agus ciod a dheanadh duine farmadach le airgiod?
4Tha esan a thionalas le bhiʼ mealladh anama fein, aʼ tional air son sluaigh eile, a chaitheas a mhaoin gu struidheil.
5Esan a ta olc dha fein, cò dʼ am bi e maith? cha ghabh e toilinntinn ʼna chuid.
6Cha ʼn ʼeil neach ann ni ʼs miosa na esan aig am bheil farmad ris fein; agus is duais so air son aingidheachd fein.
7Agus ma nì e maith, nì e gu mì‑dheònach e; agus ma dheireadh cuiridh e aingidheachd fein an céill.
8Tha droch shùil aig duine farmadach; tionndaidhidh e air falbh a ghnùis, agus nì e dìmeas air daoinibh.
9Cha ʼn ʼeil sùil duine shanntaich riaraichte le ʼchuibhrionn fein; agus tiormaichidh droch‑bheairt nan aingidh suas an t‑anam.
10Tha farmad aig sùil aingidh ri aran (fein), agus is spìocair e aig a bhòrd fein.
11A mhic, a réir do chomais dean maith dhuit fein, agus thoir do ʼn Tighearn an tabhartas a ta dligheach dha.
12Cuimhnich nach fad gus an tig am bàs, agus nach ʼeil co‑cheangal na h‑uaigh air a nochdadh dhuit.
13Dean maith dodʼ charaid mu ʼm faigh thu bàs, agus a réir do chomais sìn a mach do làmh, agus tabhair da.
14Na meall thu fein as an làtha mhaith, agus na leig le beagan do dheagh rùin dol seachad ort.
15Nach fàg thu do thrioblaidean aig neach eile? agus do shaothair gu bhi air a roinn le crannchur?
16Tabhair seachad, agus gabh, agus naomhaich tʼ anam fein; oir cha ʼn ʼeil nithe mìllse ri ʼn iarraidh ʼsan uaigh.
17Fàsaidh gach feòil sean mar thrusgan; oir o thoiseach ʼse ʼn cùmhnant, Bàsaichidh tu am bàs.
18Mar do ʼn duilleach uaine air craoibh thiugh, tuitidh cuid, agus fàsaidh cuid; mar sin tha ginealach na feòla agus na fola, tha aon aʼ teachd gu crìch, agus tha aon eile air a bhreith.
19Grotaidh agus caithidh gach obair air falbh, agus teichidh am fear‑oibre mar an ceudna.
20Is beannaichte an duine a smuainicheas ann an gliocas air nithibh maithe, agus a reusonaicheas air nithibh naomha le ʼthuigse.
21An tì a smuainicheas air a slighibh ʼna chridhe, gheibh e mar an ceudna tuigse ʼna dìomhaireachdaibh.
22Rach ʼna déigh mar aon a ta ʼrannsachadh a mach, agus fuirich ʼna slighibh.
23An tì a dhearcas a stigh air a h‑uinneagaibh, éisdidh e mar an ceudna aig a dorsaibh.
24An tì a thàmhaicheas am fagus dʼ a tigh, daingnichidh e mar an ceudna dealg na ballachaibh.
25Suidhichidh e a bhùth am fagus di, agus còmhnaichidh e ann an ionad‑còmhnuidh far am bheil nithe maithe.
26Cuiridh e a chlann fo a fasgadh, agus gabhaidh e còmhnuidh fo a geuga.
27Còmhdaichear e leatha o ʼn teas, agus gabhaidh e còmhnuidh ʼna glòir.
Currently Selected:
Ecclesiasticus 14: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017