Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 13

13
CAIB. XIII.
1Esan a bheanas ri pice truaillear leis e; agus esan aig am bheil comunn ri duine uaibhreach, bithidh e cosmhuil ris.
2Na cuir uallach ort fein os ceann do chumhachd am feadh is beò thu; agus na biodh comunn agad ri duine a ta ni ʼs cumhachdaichʼ agus ni ʼs saoibhre na thu fein: oir ciamar a chòrdas an coire agus an soitheach crèadha cuideachd? oir ma bhuailear an t‑aon an aghaidh an aoin eile, brisear e.
3Rinn an duine beartach gu mearachdach, agus a dhʼ aindeoin sin gidheadh tha e aʼ bagradh: nithear eucoir air an duine bhochd, agus feumaidh e mar an ceudna a bhi ʼguidheadh.
4Ma bhios tu chum buannachd dha, nì e feum dìot; ach mar ʼeil aʼ bheag agad, tréigidh e thu.
5Ma tha aʼ bheag agad, bithidh e beò maille riut; seadh, rùisgidh e thu, agus cha bhi bròn air air a shon.
6Ma tha feum aige ort, meallaidh e thu, agus bithidh fèith‑ghàire air riut, agus cuiridh e fo dhòchas thu, labhraidh e gu suairce riut, agus their e, Ciod tha ʼdhìth ort?
7Agus cuiridh e nàir ort le a bhiadhaibh, gus an dean e falamh thu dhà na trì uairean, agus ma dheireadh nì e gàire fanoid riut; an déigh sin, an uair a chìth e thu tréigidh e thu agus crathaidh e a cheann riut.
8Gabh an aire nach meallar thu, agus nach leagar sìos thu ʼnadʼ shubhachas.
9Ma bheir duine cumhachdach cuireadh dhuit, fan air falbh, agus an sin bheir e am barrachd cuiridh dhuit.
10Na bi thusa aʼ tarruing dlùth air, air eagal gu ʼn cuir e air ais thu; na seas fad as, air eagal gu ʼn dì‑chuimhnichear thu.
11Na gabh ort a bhi co‑ionnann ris ann an còmhradh, agus na creid a lìonmhorachd fhocal; oir le mòran comuinn buairidh e thu, agus aʼ féith‑ghàire riut, gheibh e mach do nithe dìomhra:
12Ach gu h‑ain‑iochdmhoir taisgidh e suas do briathra, agus cha chaomhain e dochann a dheanamh ort, agus do thilgeadh a ʼm prìosain.
13Faic, agus gabh deagh aire, oir tha thu aʼ gluasad a ʼn cunnart a bhi air do chur sìos; an uair a chluinneas tu na nithe sin, dùisg á do chodal.
14Gràdhaich an Tighearna rè do bheatha, agus gairm air air son do shlàinte.
15Tha gràdh aig gach ainmhidh dʼ a ghnè fein, agus tha gràdh aig gach duine dʼ a choimhearsnach fein.
16Tha gach feòil aʼ co‑chòrdadh a réir a gnè, agus dlùth‑leanaidh duine ri leithid fein.
17Ciod an co‑chomunn a ta aig a mhadadh‑allaidh ris an uan? mar sin am peacach ris an fhìrean.
18Ciod an còrdadh a ta eadar an hiena agus an cù? agus ciod an sìth a ta eadar am beartach agus am bochd?
19Ceart mar a ta an asail fhiadhaich ʼna creich do ʼn leòmhan ʼsan fhàsach; mar sin ithidh am beartach suas am bochd.
20Mar a ta fuath aig na h‑uaibhrich do dhʼ irioslachd; mar sin tha gràin aig aʼ bheartach do ʼn bhochd.
21Tha duine beartach, aig toiseach a thuiteim, air a chumail suas le ʼchàirdibh; ach tha duine bochd air da a bhi air a thoirt sìos, air a dhruideadh a mach le ʼchàirdibh.
22An uair a thuiteas duine beartach, tha mòran luchd‑cuideachaidh aige; labhraidh e nithe nach ʼeil ri ʼn labhairt, agus an déigh sin fìreanaichidh daoine e; shleamhnuich an duine bochd, agus an déigh sin chronaich iad e; labhair e gu glic, agus cha ʼn fhaigheadh e àite.
23An uair a labhras duine beartach, fanaidh na h‑uile ʼnan tosd; agus feuch, àrdaichidh iad na their e chum nan neòil; ach ma labhras an duine bochd, their iad, Cò e am fear so? agus ma thuislicheas e, cuidichidh iad chum cur as da.
24Tha beartas maith dhàsan aig nach ʼeil peacadh, agus tha bochduinn ʼna h‑olc ann am beul nam mì‑dhiadhaidh.
25Tionndaidhidh cridhe duine a ghnùis, cia achd air son maith no uilc; agus nì cridhe subhach gnùis aoibhneach.
26Tha gnùis aoibhneach ʼna comhair air cridhe a ta ann an soirbheas; agus tha a bhi ʼrannsachadh a mach chosamhlachd ʼna obair sgìth do ʼn inntinn.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 13: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in