Ecclesiasticus 12
12
CAIB. XII.
1An uair is miann leat maith a dheanamh, fiosraich cò dʼ an dean thu e; mar so gheibh thu taing air son do bheannachd.
2Dean maith do ʼn duine dhiadhaidh, agus gheibh thu duais; agus mar faigh uaithsan, gheibh thu e o ʼn Tì a ʼs Airde.
3Cha tig maith dʼ a ionnsuidh‑san a ta an còmhnuidh aʼ cleachdadh an uile, no dhàsan nach toir déirce.
4Tabhair do ʼn duine dhiadhaidh, agus na cuidich leis aʼ pheacach.
5Dean gu maith ris‑san a ta iriosal, ach na tabhair do ʼn duine mhì‑dhiadhaidh; cùm tʼ aran air ais, agus na toir dha e, air eagal le sin gu ʼm faigh e aʼ chuid a ʼs fearr dìot: oir (air an làimh eile) gheibh thu a dhà uiread uile air son gach maith a dhʼ fheudadh tu ʼdheanamh dha.
6Oir tha fuath aig an Tì a ʼs Airde do pheacaich, agus ath‑dhìolaidh e dìoghaltas do na daoinibh mì‑dhiadhaidh, agus gléidhidh se iad fa chomhair là chumhachdaich aʼ bhreitheanais.
7Tabhair do ʼn duine mhaith, agus na cuidhich leis aʼ pheacach.
8Cha ʼn fhainichear caraid ann an soirbheas, agus cha ʼn fholuichear nàmhaid ann an doirbheas.
9Bithidh nàimhdean air an claoidh le soirbheas duine: ach na dhoirbheas teichidh eadhon an caraid.
10Na h‑earb gu bràth á do nàmhaid; oir amhuil mar a mheirgeas iarunn, mar sin tha aingidheachd‑san.
11Ged a dhʼ ùmhlaicheas se e fein, agus a chrùbas e, gidheadh thoir an deagh aire, agus bi air tʼ fhaiceall roimhe, agus bithidh tusa dhàsan mar gu ʼm biodh sgàthain air a suathadh, agus fainichidh tu nach do sguabadh aʼ mheirg aige air falbh gu buileach.
12Na suidhidh e ridʼ thaobh, air eagal, an uair a thilgeas e sìos thu, gu ʼn seas e suas ʼnadʼ àite; ni mò a leigeas tu leis suidh aig do làimh dhéise, air eagal gu ʼn iarr e do chaithir a ghabhail, agus gu ʼn cuimhnich thu mo bhriathra‑sa mu dheireadh, agus gu ʼm bi thu air do bhioradh leò.
13Cò a ghabhas truas ri geasadair#12.13 geasadair ‑ draoidh ‑ wizard, charmer, conjurer, sorcerer a ta air a theumadh le nathair, no riù‑san a thig am fagus do bheathaichibh fiadhaiche?
14Mar sin cò a ghabhas truas ris‑san a théid dhʼ ionnsuidh peacaich, agus a ta air a thruailleadh leis ʼna pheacannaibh?
15Rè tamuill fanaidh e maille riut, ach ma thòisicheas tu ri tuiteam, cha dean e moille.
16Labhraidh nàmhaid gu milis le ʼbhilibh, ach ʼna chridhe tha e ʼsmuaineachadh ciamar a thilgeas e thu ʼsan t‑slochd: guilidh e le ʼshùilibh, ach ma gheibh e cothrom, cha bhi e riaraichte le fuil.
17Ma thig doirbheas ʼnadʼ aghaidh, gheibh thu e air an toiseach; agus ged a leigeas e air do chuideachadh, gidheadh tollaidh e foghad.
18Crathaidh e a cheann, agus bualidh e a làmhan, agus bithidh e ri mòran cogarsaich, agus atharraichidh e a ghnùise.
Currently Selected:
Ecclesiasticus 12: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017