Ecclesiasticus 11
11
CAIB. XI.
1Togaidh gliocas suas ceann an tì a ta ann an staid ìosail, agus bheir i air suidh am measg dhaoine mòra.
2Na mol duine air son a mhaise; ni mò a bheir thu fuath do dhuine air son a choslais o ʼn taobh a mach.
3Is beag an seillean ʼnam measg‑san a ta ʼg itealaich; ach théid a thoradh air thoiseach ann an nithibh milis.
4Na dean uaill á tʼ eudach agus sgeudachadh, agus na àrdaich thu fein ann an là an urraim: oir tha oibre an Tighearna mìorbhuileach, agus tha ʼoibre a ʼm measg dhaoine folluichte.
5Is iomadh rìgh a shuidh sìos air an làr; agus chaith neach an crùn air nach do smuainicheadh riamh.
6Is iomadh duine cumhachdach a mhaslaicheadh gu mòr; agus duine urramach a thugadh suas do làmhaibh dhaoine eile.
7Na cronaich mu ʼn do rannsaich thu an fhìrinn: tuig an toiseach, agus an sin cronaich.
8Na freagair mu ʼn cual thu aʼ chùis: ni mò a chuireas tu stad air daoinibh ann am meadhon an còmhraidh.
9Na dean strìth ann an cùis nach buin duit; agus na suidh ann am breitheanas le peacaich.
10A mhic, na gabh gnothuch ri mòran chùisean: oir ma ghabhas tu mòran gnothuich, cha bhi thu neo‑choireach; agus ma dhlùth‑leanas tu, cha ʼn fhaigh thu, ni mò a gheibh thu as le teicheadh.
11Tha aon ann a ta ri saothair, a ta gabhail cùraim, agus a ta ʼdeanamh cabhaig, agus a ta cheart uiread sin air deireadh.
12A rìs, tha aon eile ann a ta mall, agus feum aig air còmhnadh, a ʼs eugais comais, agus làn, bochdainn; gidheadh sheall sùil an Tighearna air chum maith, agus chuir e suas e o staid ìosail fein,
13Agus thog e suas a cheann o thruaigh; air chor is gu ʼn robh iongantas air mòran a chunnaic e.
14Thig soirbheas agus doirbheas, beatha agus bàs, bochdainn agus beartas o ʼn Tighearna.
15Is ann o ʼn Tighearn a thig gliocas, eòlas, agus tuigse an lagha: agus is ann uaith‑san tha gràdh, agus slighe nithe maithe.
16Bha toiseach maraon aig mearachd agus dorchadas maille ri peacaich; agus fàsaidh aingidheachd aosda maille riù‑san aig am bheil glòir innte.
17Fanaidh tiodhlac an Tighearna maille ris na daoinibh diadhaidh, agus bheir a chaoimhneas soirbheas a chaoidh.
18Tha e ann a dhʼ fhàsas beartach le cùram agus teannachadh, agus is e so cuibhrionn a dhuaise:
19Do brìgh gu ʼn abair e, Fhuair mi fois, agus ithidh mi a nis do ghnàth dhemʼ mhaoin; agus an déigh sin cha ʼn ʼeil fios aige ciod an ùine a gheibh e, agus gu ʼm feum e na nithe sin fhàgail do mhuinntir eile, agus am bàs fhaotuinn.
20Bi seasmhach ʼnadʼ cho‑cheangal, agus bi fiosrach uime, agus fàs aosda ʼnadʼ obair.
21Na gabh iongantas ri oibribh pheacach, ach earb as an Tighearna, agus bi seasmhach ʼnadʼ shaothair: oir tha e ʼna nì furasd ann an sealladh an Tighearna duine bochd a dheanamh gu h‑ealamh beartach.
22Tha beannachd an Tighearna ann an duais nan daoine diadhaidh, agus bheir e air a bheannachd fein soirbheachadh gu grad.
23Na abair, Ciod aʼ bhuannachd a ta ʼnam sheirbhis? agus ciod na nithe maithe a bhios agam an déigh làimh?
24A rìs, na abair, Tha ni ʼs leòir agam, agus tha mi ʼsealbhachadh mòrain nithe, agus ciod an t‑olc is urrainn teachd orm an déigh so?
25Ann an là an t‑soirbheis tha dì‑chuimhne air àmhghar; agus ann an là na h‑àmhghair cha ʼn ʼeil cuimhne ni ʼs faide air soirbheas.
26Oir tha e ʼna nì furasd do ʼn Tighearna, ann an là aʼ bhàis, duais a thoirt do dhuine a réir a shligheanna.
27Bheir àmhghar aoin uaire air duine a thoilinntinn a dhì‑chuimhneachadh; agus aig a dheireadh bithidh a ghnìomhara air am faotuinn a mach.
28Na toir barail neach sam bith a bhi beannaichte roimh ʼn bhàs; oir aithnichear duine ʼna shliochd.
29Na toir gach duine chum do thighe; oir aig an duine mhealltach tha iomadh cùrsa.
30Ceart cosmhuil ri cearc‑choille air a glacadh (agus air a gléidheadh) ann an gainntir#11.30 gainntir ‑ prìosan ‑ prison, place of confinement, mar sin tha cridhe nan uaibhreach; agus, mar fhear‑brathaidh, nì e faire air son do thuiteim.
31Oir théid e a ʼm feall‑fholuchadh, agus tionndaidhidh e maith gu h‑olc, agus ann an nithibh airidh air cliù cuiridh e a chiont ort‑sa.
32Tha tòrr guail air ʼfhadadh le srad teine, agus tha duine peacach a ʼm feall‑fholuchadh air son fola.
33Bi air tʼ fhaiceall roimh dhuine droch‑bheirteach, oir tha e ʼg oibreachadh aingidheachd; air eagal gu ʼn toir e smal bithbhuan ort.
34Gabh coigreach a steach ʼnadʼ thigh, agus cuiridh e trioblaid ort, agus tionndaidhidh e a mach thu odʼ chuid fein.
Currently Selected:
Ecclesiasticus 11: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017