YouVersion Logo
Search Icon

Iudit 7

7
CAIB. VII.
1Air an ath là thug Holofernes òrdugh dʼ a armailt uile, agus do ʼn t‑sluagh uile a thàinig gu bhi air aʼ thaobh, chum gu ʼn atharraicheadh iad an camp an aghaidh Bhetulia, agus gu ʼn glacadh iad roimh‑làimh bruthaichean thìre nam beann, agus gu ʼn deanadh iad cogadh an aghaidh chloinn Israeil.
2An sin dhʼ atharraich na fir‑threun aca an campaichean air an là sin, agus bha armailt an luchd‑cogaidh nan ochd fichead agus deich mìle saighdear‑coise, dà mhìle dheug marcach, a thuilleadh air an àirneis, agus air coisichibh eile a bha maille riù, àireamh ro mhòr sluaigh.
3Agus champaich iad anns aʼ mhachair am fagus do Bhetulia, làimh ris an tobar, agus sgaoil iad iad fein ann an leud thairis air Dotaim eadhon gu Belmaim, agus ann am fad o Bhetulia gu Ciamon, a ta thall fa chomhar Esdraelon.
4A nis bha clann Israeil ann an trioblaid ro mhòr, an uair a chunnaic iad an àireamh aca, agus thubhairt gach aon rʼ a choimhearsnach, A nis imlichidh na daoine sin suas aghaidh na talmhainn: oir cha ʼn urrainn aon chuid na beanntan àrda, no na machraichean, no na sléibhtean, an cudthrom aca a ghiùlan.
5An sin ghlac gach fear na h‑airm chogaidh aige; agus an uair a las iad teine air an tùraibh fein, dhʼ fhan iad, agus rinn iad faire rè na h‑oidhche sin.
6Ach, air an dara là, thug Holofernes a mach a mharc‑shluagh gu léir ann an sealladh chloinn Israeil a bha ann am Betulia,
7Agus ghabh e beachd air na slighibh suas dhʼ ionnsuidh aʼ bhaile, agus thàinig e chum nan tobraichean uisge aca, agus ghlac e iad, agus dhìon e iad le fir‑chogaidh, agus chaidh e fein dhʼ ionnsuidh a shluaigh fein.
8An sin thàinig uile phrìomh‑dhaoine chloinne Esau dʼ a ionnsuidh, agus uile uachdarain sluaigh Mhoaib, agus ceannardan shlios na fairge, agus thubhairt iad,
9Eisdeadh ar tighearn a nis focal, chum nach bi léireadh ʼnad armailt.
10Oir cha ʼn ʼeil aʼ mhuinntir so do chloinn Israeil ag earbsadh ri ʼn sleaghannaibh, ach ri àirde nam beann anns am bheil iad a chòmhnuidh, do bhrìgh nach ʼeil e furasd dìreadh gu mullach nam beann aca.
11A nis uime sin, mo thighearna, na dean cogadh ʼnan aghaidh ann an òrdugh catha, agus cha tuit fiù aon duine dodʼ shluagh.
12Fan ʼsa champ, agus gléidh uile dhaoine an armailt agad, agus deanadh do sheirbhisich gréim air tobar an uisge, a ta brùchdadh a mach aig cois na beinne:
13Oir tha uile luchd‑àiteachaidh Bhetulia aʼ faotuinn an uisge á sin: mar so cuiridh an tart a dhìth iad, agus bheir iad seachad am baile aca; agus théid sinne agus ar cuid dhaoine suas gu mullach nam beann a ta am fagus, agus campaichidh sinn orra, a dheanamh faire nach teich anam as aʼ bhaile.
14Mar so, bithidh iad fein, agus am mnai, agus an clann air an sgrios leis aʼ ghorta; agus mu ʼn éirich claidheamh nan aghaidh, bithidh iad air an léireadh air na sràidibh far am bheil iad aʼ fuireach.
15Mar so, bheir thu dhoibh droch dhuais; aʼ chionn gu ʼn dʼ rinn iad ceannairc, agus nach do chùm iad còdhail shìochail riut.
16Agus thoilich na briathra sin Holofernes, agus a chuid seirbhisich uile, agus shònraich e a dheanamh mar a thubhairt iad.
17Mar so, dhʼ fhalbh camp chloinn Ammoin, agus cùig mìle Assiriach maille riù, agus champaich iad anns aʼ mhachair, agus ghabh iad na h‑uisgeachan, agus na tobraichean uisge aig cloinn Israeil.
18An sin chaidh clann Esau suas maille ri cloinn Ammoin, agus champaich iad ann an dùthaich nam beann, thall fa chomhar Dhotaim; agus chuir iad cuid dhiubh chum na h‑àirde deas, agus chum na h‑àirdʼ an ear, thall fa chomhar Ecrebel, a ta am fagus do Chusi, a ta air an t‑sruth Mocmur: agus champaich aʼ chuid eile do dhʼ armailt nan Assiriach anns aʼ chòmhnard, agus chòmhdaich iad aghaidh na tìre uile: agus bha am bùthan agus an carbatan air an suidheachadh, ann an àireamh ro mhòir.
19An sin ghlaodh clann Israeil ris an Tighearn an Dia, do bhrìgh gu ʼn do thréig an cridhe iad: oir chuairtich an nàimhdean uile iad air gach taobh, agus cha robh slighe ann chum faotuinn as uatha.
20Mar so dhʼ fhuirich uile chuideachd Assuir mu ʼn cuairt doibh, araon luchd‑coise, carbatan, agus marc‑shluagh, ceithir là deug thar fhichead; air chor is gun dʼ fhàilnich an soithichean uisge gu léir uile luchd‑àiteachaidh Bhetulia.
21Agus bha na cistean‑uisge air am falamhachadh, agus cha robh uisge aca a dhʼ òl an leòir car aon là; oir thug iad deoch dhoibh air an tomhas.
22Uime sin bha chlann ògʼ aca air bheag misneach, agus dhʼ fhannaich na boirionnaich agus na h‑òganaich aca leis an tart, agus thuit iad air sràidibh aʼ bhaile, agus air sligheannaibh nan geata, agus cha robh ni bʼ fhaide neart annta.
23An sin chruinnich an sluagh uile chum Osiais, agus chum prìomh‑dhaoine aʼ bhaile, araon oganaich agus òighean, agus clann, agus ghlaodh iad le guth mòr, agus thubhairt iad an làthair nan seanar,
24Biodh Dia ʼna bhreitheamh eadar sinne agus thusa: oir rinn thu cron mòr duinn, do bhrìgh nach dʼ iarr thu sìth o chloinn Assuir.
25Oir a nis cha ʼn ʼeil fear‑cuidichidh againn: ach reic Dia sinn nan làmhaibh, chum gu ʼm biomaid air ar tilgeadh sìos rompa le tart, agus mòr sgrios.
26A nis uime sin gairm orra ʼnadʼ ionnsuidh, agus thoir suas am baile air fad mar chreich do shluagh Holoferneis, agus do ʼn armailt aigʼ uile.
27Oir is fearr duinn a bhi air ar deanamh ʼnar creich dhoibh, na bàsachadh leis an tart: oir bithidh sinn ʼnar seirbhisich dha chum gu ʼm mair ar n‑anama beò, agus nach faic sinn bàs ar cloinne roimh ar sùilean, no ar mnathan, no ar clann a bhàsachadh.
28Togaidh sinn na nèamhan agus an talamh mar fhianuis nadʼ aghaidh, agus ar Dia, agus Tighearn ar n‑aithrichean, a nì peanas oirnn a réir ar peacanna, agus peacanna ar n‑aithriche, nach dean e a réir is mar a thubhairt sinn an diugh.
29An sin bha gul mòr le aon aontachadh ann am meadhon aʼ cho‑chruinnichidh; agus ghlaodh iad ris an Tighearna Dia le guth mòr.
30An sin thubhairt Osias riutha, A bhràithre, biodh deagh mhisneach agaibh; fuilingmaid fathast rè chùig làithean, oir anns an ùine sin feudaidh an Tighearn ar Dia a thròcair fein a thionndadh dʼ ar taobh; oir cha tréig e sinn gu tur.
31Agas ma théid na làithean sin seachad, agus nach tig cuideachadh dʼ ar n‑ionnsuidh, nì mi a réir tʼ fhocail‑sa.
32Agus sgaoil e an sluagh, gach aon gu ʼdhreuchd fein; agus chaidh iad chum nam ballachan agus nan tùr aig aʼ bhaile aca, agus chuir iad na mnathan agus aʼ chlann dhʼ ionnsuidh an tighean fein; agus rinneadh ro ìosal iad anns aʼ bhaile.

Currently Selected:

Iudit 7: MacGAP

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in