YouVersion Logo
Search Icon

Iudit 6

6
CAIB. VI.
1Agus an uair a sguir buaireas nan daoine a bha mu ʼn chomhairle, thubhairt Holofernes, prìomh oifigeach armailte Assuir, ri Achior agus ris na Moabich uile, am fianuis uile chuideachd chinneach eile,
2Agus cò thusa, Achior, agus fir‑tuarasdail Ephraim, gu ʼn dʼ rinn thu fàisneachd ʼnar measg mar air an là an diugh, agus gu ʼn dubhairt thu nach deanamaid cogadh ri sluagh Israeil, do bhrìgh gu ʼn dìon an Dia iad, agus cò is dia ann ach Nabuchodonosor?
3Cuiridh esan a mach a chumhachd, agus sgriosaidh se iad o aghaidh na talmhainn, agus cha saor an Dia aca iad: ach millidh sinne a sheirbhisich iad mar aon duine; oir cha ʼn urrainn iad cur suas le cumhachd nan each againne:
4Oir leò‑san saltraidh sinn fo chosaibh iad, agus bithidh am beanntan air mhisg le ʼm fuil fein, agus bithidh am machraichean air an lìonadh le ʼn closaichibh marbha, agus cha ʼn urrainn an cos‑cheumanna seasamh romhainn, oir théid iad gu buileach a dhìth, a deir rìgh Nabuchodonosor, tighearn na talmhainn gu léir; oir thubhairt e, Cha bhi aon domʼ bhriathraibh‑sa gu dìomhain.
5Agus thusa, Achior, fear‑tuarasdail Ammoin, a labhair na briathra so ann an là tʼ aingidheachd, cha ʼn fhaic thu mo ghnùis tuilleadh o ʼn là an diugh, gus an dean mi dìoghaltas air aʼ chinneach so a thàinig a mach as an Eiphit.
6Agus an sin théid claidheamh mʼ armailte, agus mòr‑chuideachd na muinntir a ta ʼdeanamh seirbhis domh, troimh nan taobh agad, agus tuitidh tu a ʼm measg nam marbh aca, an uair a philleas mise.
7A nis nime sin bheir mo sheirbhisich sibh air bhur n‑ais gu tìr nam bèann, agus suidhichidh iad sibh ann an aon do bhailtibh nan slighean:
8Agus cha téid thusa a dhìth, gus am bi thu air do sgrios maille riutha.
9Agus ma nì thusa thu fein cinnteach ʼnad inntinn nach glacar iad, na tuiteadh do ghnùis: labhair mise e, agus cha bhi aon do mo bhriathraibh gu dìomhain.
10An sin thug Holofernes àithne dʼ a sheirbhisich, a bha frithealadh ʼna bhùth, Achior a ghlacadh, agus a thoirt gu Betulia, agus a liubhairt#6.10 liubhairt lìbhrigeadh, thoirt thairis ‑ delivered, handed over ann an làmhaibh chloinn Israeil,
11Mar sin ghlac a sheirbhisich e, agus thug iad a mach as aʼ champ e dhʼ ionnsuidh aʼ chòmhnaird, agus chaidh iad o mheadhon aʼ chòmhnaird chum tìre nam beann, agus thàinig iad chum nan tobraichean a bha fo Bhetulia.
12Agus an uair a chunnaic fir a bhaile iad, thog iad an innealan, agus chaidh iad a mach as aʼ bhaile gu mullach na beinne, agus chùm gach fear aig an robh crann‑tabhuill air an ais iad o theachd a nìos, le clachaibh a thilgeadh orra.
13Gidheadh, air doibh faotuinn gu h‑uaigneach fo ʼn bheinn, cheangail iad Achior, agus thilg iad sìos e, agus dhʼ fhàg iad an coise na beinne e, agus phill iad chum an tighearna.
14Ach theirinn na h‑Israelich o ʼn bhaile aca, agus thàinig iad dʼ a ionnsuidh, agus dhʼ fhuasgail iad e, agus thug iad gu Betulia e, agus chuir iad e a ʼm fianuis uachdaran aʼ bhaile;
15A bʼ iad anns na làithibh sin Osias mac Mhica, do threubh Shimeoin, agus Cabris mac Ghotonieil, agus Carmis mac Mhelcieil.
16Agus ghairm iad cuideachd seanairean aʼ bhaile gu léir; agus ruith an òigridh uile cuideachd, agus am mnai, dhʼ ionnsuidh a cho‑chruinnichidh, agus chuir iad Achior ann am meadhon a t‑sluaigh gu léir. An sin fheòraich Osias deth ciod a rinneadh.
17Agus fhreagair e agus chuir e an céill doibh briathra comhairle Holoferneis, agus na briathran uile a labhradh leis ann am meadhon phrionnsa Assuir, agus ge bʼ e nì a labhair Holofernes gu h‑uaibhreach an aghaidh tighe Israeil.
18An sin thuit an sluagh sìos, agus rinn iad aoradh do Dhia, agus ghlaodh iad ri Dia, ag ràdh,
19O Thighearna Dhé nan nèamh, faic an uaill, agus gabh truas do staid ìosail ar cinnich, agus seall air gnùis na muinntir sin a ta air an naomhachadh dhuit an diugh.
20An sin thug iad comhfhurtachd do Achior, agus mhol iad e gu mòr.
21Agus thug Osias a mach as aʼ chuideachd e chum a thighe fein, agus rinn e cuirm do na seanairibh; agus ghairm iad air Dia Israeil rè na h‑oidhche sin air son cuideachaidh.

Currently Selected:

Iudit 6: MacGAP

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in