YouVersion Logo
Search Icon

Iudit 5

5
CAIB. V.
1An sin chuireadh an céill do Holofernes, prìomh‑oifigeach armailte Assuir, gun do dheasaich clann Israeil air son aʼ chogaidh, gun do dhùin iad suas slighean thìre nam bèann, gun do dhaingnich iad uile mhullaichean nam beann àrda, agus gun do chuir iad cip‑tuislidh anns na dùchannaibh còmhnard;
2Air son an robh mòr chorruich air, agus ghairm e uile phrionnsa Mhòaib, agus ceannardan Ammoin, agus uachdarain slios na fairge;
3Agus thubhairt e riutha, Innsibh dhomh a nis, sibhse a mhic Chanaain, cò iad an sluagh so a ta a chòmhnuidh ann an tìr ʼnam beann, agus ciod iad na bailtean anns am bheil iad aʼ tàmh, agus ciod e àireamh an armailt aca, agus ciod anns am bheil an cumhachd agus an neart aca aʼ co‑sheasamh, agus cò e an rìgh a ta os an ceann, agus an ceannard air an armailt aca;
4Agus cʼ arson a chuir iad rompa gun teachd agus mise a chòmhlachadh, a thuilleadh air uile luchd‑àiteachaidh na h‑àirdan‑iar?
5An sin thubhairt Achior, an ceannard aig uile mhacaibh Ammoin, Eisdeadh mo thighearn a nis focal o bheul do sheirbhisich, agus cuiridh mi an céill duit an fhìrinn a thaobh an t‑sluaigh so a ta fantuinn am fagus duit, agus a ta ʼg àiteachadh dhùchanna nam beann; agus cha tig breug a mach á beul do sheirbhisich.
6Tha ʼn sluagh so air teachd a mach o na Chaldeich;
7Agus bha iad air chuairt roimh so ann am Mesopotamia, do bhrìgh nach leanadh iad diathan an aithriche, a bha ann an tìr Chaldea.
8Oir thréig iad slighe an sinnsear, agus rinn iad aoradh do Dhia fhlaitheanais, an Dia a bʼ aithne dhoibh: mar so thilg iad a mach iad o ghnùis nan dia aca, agus theich iad do Mhesopotamia, agus chuairtich iad an sin mòran làithean.
9An sin dhʼ àithn an Dia aca dhoibh teicheadh o ʼn àite far an robh iad air chuairt, agus dol do thìr Chanaain: far an do chòmhnuich iad, agus an do mheudaicheadh iad le h‑òr agus airgiod, agus le ro mhòran spréidh.
10Ach an uair a chòmhdaich gorta tìr Chanaain air fad, chaidh iad sìos do ʼn Eiphit, agus bha iad air chuairt an sin, an uair a bheathaicheadh iad, agus a dhʼ fhàs iad an sin ʼnan sluagh mòr, air chor is nach bʼ urrainn neach an cinneach aca àireamh.
11Air an aobhar sin dhʼ éirich rìgh na h‑Eiphit suas ʼnan aghaidh, agus bhuin e gu cealgach dʼ an taobh, agus rinn e ìosal iad le saoithreachadh ann an clachaibh‑crèadha, agus rinn e ʼnan tràillibh iad.
12An sin ghlaodh iad ri ʼn Dia, agus bhuail e uile thìr na h‑Eiphit le plàighibh do‑leigheas: mar so thilg na h‑Eiphitich a mach o ʼn sealladh iad.
13Agus thiormaich Dia aʼ Mhuir Ruadh rompa,
14Agus thug se iad gu beinn Shìna, agus Cades Barne, agus thilg e mach uile luchd‑àiteachaidh an fhàsaich.
15Mar so chòmhnuich iad ann an tìr nan Amorach, agus sgrios iad le ʼn neart muinntir Eseboin gu léir, agus air dol null doibh air Iordan shèalbhaich iad dùthaich nam beann air fad.
16Agus thilg iad a mach rompa an Canaanach, am Peredsach, an Iebusach, agus an Sicemach, agus na Gergesaich gu léir, agus iadsan a chòmhnuich anns an tìr sin mòran làithean.
17Agus an uair nach do pheacaich iad a ʼm fianuis an Dé, shoirbhich iad, do bhrìgh gu ʼn robh an Dia sin aig am bheil fuath do ʼn olc maille riutha.
18Ach an uair a theich iad o ʼn t‑slighe a shònraich e dhoibh, bha iad air am milleadh gu ro ghoirt ann an iomadh cath, agus bha iad air an giùlan ʼnam bràighdibh do thìr nach bu leò fein, agus bha teampull an Dé aca air a thilgeadh gu làr, agus bha am bailtean air an glacadh leis na nàimhdibh.
19Ach a nis tha iad air pilltinn ri ʼn Dia, agus air teachd a nìos as na h‑ionadaibh far an robh iad air an sgapadh, agus fhuair iad sealbh air Ierusalem, far am bheil an t‑ionad‑naomh aca, agus tha iad air an suidheachadh ann an tìr nam beann; oir bha e air fhàsachadh.
20A nis uime sin, mo thighearn agus mʼ uachdarain, ma tha mearachd idir anns an t‑sluagh so, agus ma pheacaicheas iad an aghaidh Dhé, thugamaid fanear gu ʼm bi so ʼna sgrios doibh, agus rachamaid suas agus bheir sinn buaidh orra.
21Ach mar bi aingidheachd sam bith ʼnan cinneach, leigeadh mo thighearn a nis an gnothuch seachad, air eagal gu ʼn dìon an Tighearn aca iad, agus gu ʼm bi an Dia aca air an taobh, agus gun tig sinn gu bhi ʼnar masladh a ʼm fianuis an t‑saoghail.
22Agus an uair a chrìochnaich Achior na briathra sin, rinn an sluagh uile monmhor, a bha ʼnan seasamh mu ʼn bhùth; agus labhair prìomh dhaoine Holoferneis, agus iadsan uile a bha chòmhnuidh ri taobh na mara, agus ann am Moab, gu ʼm bu chòir da a chur gu bàs.
23Oir, arsʼ iadsan, cha bhi eagal oirnn roimh ghnùis chloinn Israeil: oir, feuch, is sluagh iad aig nach ʼeil neart no cumhachd air son catha làidire.
24A nis uime sin, a thighearna Holoferneis, théid sinne suas, agus bithidh iad nan creich, gu bhi air an sgrios le tʼ armailt gu léir.

Currently Selected:

Iudit 5: MacGAP

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in