Iudit 4
4
CAIB. IV.
1A nis chual clann Israeil, a bha chòmhnuidh ann an Iudea, gach nì a rinn Holofernes prìomh‑cheannard Nabuchodonosoir rìgh nan Assiriach air na cinnich, agus an seòl air an do spùinn e na teampuill aca, agus air an tug e gu neoni iad.
2Air an aobhar sin bha iad fo eagal ro mhòr roimhe, agus fo thrioblaid air son Ierusaleim, agus air son teampuill an Tighearna an Dé:
3Oir phill iad o cheann ghoirid o ʼn bhràighdeanas, agus bha uile shluagh Iudea air an cruinneachadh rʼ a chéile o cheann beagain ùine: agus bha na soithichean, agus an altair, agus an tigh air an naomhachadh an déigh aʼ mhì‑naomhachaidh.
4Air an aobhar sin, chuir iad sluagh a mach chum nan uile chrìoch aig Samaria, agus ʼnam bailte breaga, agus gu Betoron, agus Belmen, agus Ierico, agus gu Choba, agus Esora, agus gu gleann Shàleim:
5Agus rinn iad gréim roimh làimh air uile mhullachaibh nam bèann àrda, agus dhaingnich iad na frith‑bhailtean a bha annta, agus thaisg iad suas teachd‑an‑tir air son ullachaidh aʼ chogaidh: oir bha na h‑achan aca o cheann ghoirid air am buaineadh.
6Sgrìobh mar an ceudna Ioacim an t‑àrd‑shagart, a bha anns na làithibh sin ann an Ierusalem, dʼ an ionnsuidh‑san a bha chòmhnuidh ann an Betulia, agus Betomestam, a ta thall fa chomhair Esdraeloin, a ʼm fochair na dùcha fhosgailte, am fagus do Dhòtaim,
7Aʼ sparradh orra slighean thìr nam beann a ghléidheadh, oir trìdsan bha rathad ann do Iudea, agus bha e furas stad a chur orra‑san a thigeadh a nìos, do bhrìgh gu ʼn robh an rathad cumhann air son dithis dhaoine mar is mò.
8Agus rinn clann Israeil mar a dhʼ àithn Ioacim an t‑àrd‑shagart dhoibh, maille ri seanairibh pobuill Israeil uile a bha chòmhnuidh ann an Ierusalem.
9An sin ghairm gach duine ann an Israel ri Dia le mòr dhùrachd, agus dhʼ irioslaich iad an anaman air mhodh ro dhìan:
10Chuir araon iad fein, agus am mnathan, agus an clann, agus an spréidh, agus gach uile choigreach agus fear‑tuarasdail, agus an seirbhisich a cheannaicheadh le h‑airgiod, sac‑eudach air an leasraidh.
11Mar so thuit gach fear agus bean, agus aʼ chlann bheag, agus luchd‑àiteachaidh Ierusaleim, air beulaobh an teampuill, agus thilg iad luaithre air an cinn, agus sgaoil iad a mach an sac‑eudach roimh ghnùis an Tighearna: chuir iad mar an ceudna sac‑eudach mu ʼn altair,
12Agus ghlaodh iad uile ri Dia Israeil gu dùrachdach le aon rùin, nach dʼ thugadh e an clann mar chreich, agus am mnai mar chobhartaich, agus bailte na h‑oighreachd gu bhi air an sgrios, agus an naomh‑ionad do mhì‑naomhachadh agus mhasladh, do na cinnich chum gàirdeachas a dheanamh ris.
13Uime sin, chual Dia an ùrnuighean, agus sheall e air an àmhghairibh: oir rinn an sluagh trasgadh iomadh là ann an Iudea uile agus Ierusalem, an làthair naoimh‑ionaid an Tighearna Uile‑chumhachdaich.
14Agus bha an leasraidh air an cuairteachadh le saic‑eudach, aig Ioacim an t‑àrd‑shagart, agus aig na sagartaibh a sheas an làthair an Tighearna, agus aca‑san a fhritheil do ʼn Tighearn, agus thairg iad na h‑ìobairte‑loisgte làitheil, le bòidibh agus le saor‑thiodhlacaibh an t‑sluaigh.
15Agus bha luaithre aca air an coronaibh, agus ghlaodh iad ris an Tighearna le ʼn uile chumhachd, gu ʼn sealladh e gu gràsmhor air uile thigh Israeil.
Currently Selected:
Iudit 4: MacGAP
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017