YouVersion Logo
Search Icon

Iudit 3

3
CAIB. III.
1Uime sin chuir iad teachdairean dʼ a ionnsuidh a labhairt mu shìth, ag ràdh,
2Feuch, tha sinne seirbhisich an rìgh mhòra Nabuchodonosoir ʼnar luidh ʼnadʼ fhianuis; buin ruinn mar a chìth thu freagarrach.
3Feuch, tha ar tighean, agus ar n‑àitean gu léir, agus ar n‑achan cruithneachd uile, agus ar treudan, agus ar buar, agus uile sheòmhraichean nam bùth againn, ʼnan luidh fa chomhair do ghnùise; buin riutha mar a ʼs àill leat.
4Feuch, tha eadhon ar bailte, agus an luchd‑àiteachaidh, ʼnan seirbhisich dhuit; thig agus buin riutha mar is àill leat.
5Mar so thàinig na fir dhʼ ionnsuidh Holoferneis, agus chuir iad nithe an céill da air an dòigh so.
6An sin thàinig e nuas chum slios na fairge, araon e fein agus ʼarmailt, agus thog e daingneachdan anns na h‑àrd‑bhailtibh, agus thug e a mach asda daoine taghta air son cuideachaidh.
7Mar so ghabh iadsan agus an dùthaich mu ʼn cuairt riutha, le blàth‑fhleasgaidh, le dannsaibh, agus le tiompanaibh.
8Gidheadh thilg e sìos na h‑iomallan aca, agus gheàrr e sìos an doireachan: oir rùnaich e uile dhée na tìre a sgrios, chum gun deanadh na cinnich uile aoradh da Nabuchodonosor ʼna aonar, agus gun gairmeadh gach teanga agus treubh airsan mar dhia.
9Thàinig e mar an ceudna nall fa chomhair Esdraeloin am fagus do Iudea, ma choinneamh caolais mhòra Iudea.
10Agus champaich e eadar Geba agus Scitopolis, agus dhʼ fhan e rè mìosa an sin, chum gun cruinnicheadh e rʼ a chéile uile charbata an armailt aige.

Currently Selected:

Iudit 3: MacGAP

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in