YouVersion Logo
Search Icon

Iudit 2

2
CAIB. II.
1Agus anns an ochdamh bliadhna deug, air an dara là thar an fhichead do ʼn cheud mhìos, bha iomradh ann an tigh Nabuchodonosoir rìgh nan Assiriach, gu ʼn deanadh e, mar a thubhairt e, dìoghaltas air an talamh uile.
2Uime sin ghairm e dʼ a ionnsuidh a cheannarda fein gu léir, agus a mhaithean uile, agus chuir e an céill doibh a chomhairle dhìomhair, agus shònraich e le bheul fein an talamh air fad a chur fo àmhghair.
3An sin dhʼ òrduich iad gach feòil a sgrios nach biodh ùmhal do àithne a bhéoil.
4Agus an uair a chrìochnuich e a chomhairle, ghairm Nabuchodonosor rìgh nan Assiriach air Holofernes prìomh‑oifigeach na h‑armailt aige, am fear a bʼ fhaigse dha fein, agus thubhairt e ris,
5Mar so a deir an rìgh mòr, tighearn an t‑saoghail air fad, Feuch, théid thu a mach as mʼ fhianuis, agus bheir thu leat daoine a ta ʼg earbsadh as an neart fein, do luchd‑coise sèa fichead mìle; agus àireamh nan each le ʼm marcaichibh dà mhìle dheug.
6Agus théid thu mach an aghaidh na dùcha an iar air fad, aʼ chionn gu ʼn robh iad eas‑ùmhal do ʼm àithne.
7Agus cuiridh tu an céill doibh, gu ʼn ullaich iad air mo shon‑sa talamh agus uisge: oir théid mi a mach a ʼm chorruich ʼnan aghaidh, agus còmhdaichidh mi uile aghaidh na talmhainn le cosaibh mʼ armailte fein, agus bheir mi seachad iad dhoibh mar chreich:
8Air chor is gu ʼn lìon am mairbh na glinn agus na sruthanna aca, agus bithidh an abhainn air a lìonadh le ʼm mairbh, gus an cuir i thairis:
9Agus bheir mi iad ʼnam bràighdibh gu crìochaibh iomallach na talmhainn.
10Théid thusa uime sin a mach, agus glac roimh làimh air mo shonsa an crìochan air fad: agus ma bheir siad iad fein suas duit, gléidhidh tu iad air mo shonsa gus an là air an deanar peanas orra.
11Ach dʼ an taobh‑san a nì ceannairc, na caomhnadh do shùilean iad: ach cuir gu dìth iad, agus sgrios iad anns gach àit an dʼ théid thu.
12Oir mar is beò mise, agus air cumhachd mo rìoghachd, ge bʼ e nì a labhair mi, sin a nì mi le mo làimh.
13Agus bi thusa air tʼ fhaiceall nach bris thu a h‑aon do àitheantaibh do thighearna, ach coimhlion iad gu buileach, mar a dhʼ òrduich mi dhuit, agus na dearmad an deanamh.
14An sin chaidh Holofernes a mach o làthair a thighearna, agus ghairm e air uile riaghlairibh, agus cheannardaibh, agus air oifigich armailte Assuir;
15Agus chruinnich e na daoine taghta chum aʼ chatha, mar a dhʼ àithn a thighearna dha, gu ruig sèa fichead mìle, agus dà mhìle dheug fear‑bogha air muin each;
16Agus chuir e a ʼn òrdugh iad, mar a ta armailt mhòir air uidheamachadh air son aʼ chatha.
17Agus ghabh e càmhail agus asail air son an carbadan, àireamh ro mhòr; agus caoraich, agus daimh, agus gobhair, gun àireamh, air son an lòin:
18Agus pailteas teachd‑an‑tìr air son gach duine ʼsan armailt, agus ro mhòran airgid agus òir a mach á tigh an rìgh.
19An sin chaidh e a mach, le ʼchumhachd gu léir, gu dol air thoiseach air an rìgh Nabuchodonosor air an turas, agus chum aghaidh na talmhainn gu léir a chòmhdachadh ʼsan àird an iar le ʼn carbadaibh, agus le ʼm marc‑shluagh, agus le ʼn saighdeiribh‑coise taghta.
20Thàinig cuideachd mhòir mar an ceudna á dùchannaibh eugsamhla maille riù, mar na lòcuist, agus ghaineamh na talmhainn: oir bha aʼ chuideachd gun àireamh.
21Agus chaidh iad a mach á Ninebhe asdar thrì làithean a réir còmhnaird Bhectilet, agus o Bhectilet shuidhich iad a ʼm fochair na beinne a ta air làimh chlì Chilicia uachdarach.
22An sin ghabh e ʼarmailt uile, a shaighdeirean‑coise, agus a mharc‑shluagh, agus a charbata, agus chaidh e á sin gu dùthaich nam beann;
23Agus sgrios e Phud agus Lud, agus chreach e clann Rasseis gu léir, agus clann Ismaeil, a bha a ʼm fochair an fhàsaich air taobh deas thìr nan Cheliach.
24An sin chaidh e null air Euphrates, agus chaidh e troimh Mhesopotamia, agus mhill e na h‑àrd‑bhailtean gu léir a bha air an abhainn Arbonai, gus an tig sibh dhʼ ionnsuidh a chuain.
25Agus ghlac e crìochan Chilicia, agus mharbh e na h‑uile a chuir ʼna aghaidh; agus thàinig e gu crìochaibh Iaphet, a bha ris an àirde deas, thall fa chomhair Arabia.
26Chuairtich e mar an ceudna clann Mhadiain gu léir, agus loisg e suas am pàilliuna, agus chreach e an tighean‑chaorach.
27An sin chaidh e sìos do chòmhnard Dhamascuis ann an àm fogharaidh aʼ chruithneachd, agus loisg e suas an achan gu léir, agus mhill e an treudan agus am buar, spùinn e mar an ceudna am bailtean, agus dhʼ fhàsaich e an dùchanna gu buileach, agus chuir e gu dìth an òganaich uile le faobhar a chlaidheimh.
28Air an aobhar sin bha geilt agus eagal roimhe air uile luchd‑àiteachaidh shliosa na fairge, a bha ann an Sidon agus Tìrus, agus orrasan a bha chòmhnuidh ann an Sur agus Ocina, agus air na h‑uile a bha chòmhnuidh ann an Iemnaan; agus iadsan a bha chòmhnuidh ann an Asotus agus Ascalon, bha iad fo eagal mòr roimhe.

Currently Selected:

Iudit 2: MacGAP

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in