Iudit 16
16
CAIB. XVI.
1An sin thòisich Iudit air òran buidheachais a sheinn ann an Israel uile, agus sheinn an sluagh uile maille rithe an t‑òran molaidh so.
2Agus thubhairt Iudit, Tòisichibh do mo Dhia le tiompanaibh, seinnibh do mo Tighearna le ciombalaibh: gleusaibh dha salm nuadh: àrdaichibh e, agus gairmibh air ʼainm.
3Oir brisidh Dia na coganna: oir a ʼm measg nan camp, ann am meadhon an t‑sluaigh, shaor e mi á làmhaibh na muinntir a rinn geur‑leanmhuinn orm.
4Thàinig Assur as na beanntaibh o ʼn àirde tuath, thàinig e le deich mìle a dhʼ armailte, chuir an lìonmhorachd stad air na bras‑shruthaibh, agus chòmhdaich am marc‑shluagh na beannta.
5Rinn e bòsd gun loisgeadh e suas mo chrìochan, agus gu ʼm marbhadh e mʼ òigairean leis aʼ chlaidheamh, agus gu ʼm spairteadh e leanabana na cìche ris an làr, agus gun deanadh e mo chlann bheag ʼnan creich, agus mʼ òighean nan cobhartaich:
6Ach mheall an Tighearn Uile‑chumhachdach iad ʼnan dòchas le làimh boirionnaich.
7Oir cha do thuit an t‑aon cumhachdach leis na h‑òganaich, ni mò a bhuail mic nan Titach e, agus cha dʼ éirich na famhairean mòra air: ach lagaich Iudit nighean Mherari e le maise a gnuise.
8Oir chuir i dhith trusgan a bantrachais air son àrdachaidh na muinntir a bha air an sàruchadh ann an Israel, agus dhʼ ung i a gnùis le h‑oladh‑ungaidh, agus cheangail i a folt ann an coron, agus ghabh i eudach anairt chum a mhealladh.
9Thruaill a cuarain a shùilean, rinn a maise prìosanach do ʼn inntinn aige, agus an claidheamh troimh a mhuineal.
10Chuir a dànachd crith air na Persaich, agus bha na Medaich fo eagal air son a cruadail.
11An sin ghlaodh mo mhuinntir àmhghaireach le h‑aoibhneas, agus dhʼ éigh mo mhuinntir laga gu h‑àrd; ach bha iongantas orra: thog iad sin suas an guth, ach thilgeadh sìos iad.
12Throimh‑lot mic nan ainnir iad, agus leòin siad iad mar chloinn nam fògaireach: chaidh iad a dhìth le cath an Tighearna.
13Canaidh mi do ʼn Tighearn òran nuadh: O a Thighearna, tha thu mòr agus glòrmhor, mìorbhuileach ann an neart, agus do‑cheannsachaidh.
14Deanadh gach creutair seirbhis duit: oir labhair thu, agus bha iad ann; chuir thu do Spiorad a mach, agus dhealbh se iad; agus cha ʼn eil aon a chuireas an aghaidh do ghuth.
15Oir gluaisear na beanntan o ʼm bunaitibh leis na h‑uisgeachaibh; leaghaidh na creaga mar chéir aig do làthaireachd; gidheadh tha thu tròcaireach dhoibh‑san dʼ an eagal thu.
16Oir tha gach ìobairt tuilleadh ʼs beag, mar fhàile chùbhraidh dhuit‑sa, agus cha ʼn ʼeil an reamhrachd gu léir ni ʼs leòir air son ìobairt‑loisgte, oir tha esan air am bheil eagal an Tighearna mòr an còmhnuidh.
17Is an‑aoibhinn do na cinnich a ta ʼg éiridh suas an aghaidh mo luchd‑dàimhe! nì an Tighearna Uile‑chumhachdach dìoghaltas orra ann an là aʼ bhreitheanais, ann a bhi ʼcur teine agus cnuimheagan ʼnam feòil; agus fairichidh siad iad, agus guilidh iad a chaoidh.
18A nis, an uair a chaidh iad a steach do Ierusalem, rinn iad aoradh do ʼn Tighearn; agus an uair a bha an sluagh air an glanadh, thug iad ìobairtean‑loisgte suas, agus an saor‑thabhartasan, agus an tiodhlacan.
19Thug Iudit mar an ceudna suas uile airneis Holoferneis, a thug an sluagh dhi, agus thug i seachad an ceann‑bhrath, a thug i a mach as a sheòmar‑leapach, mar thiodhlac do ʼn Tighearna.
20Mar so bhuanaich an sluagh aʼ deanamh cuirm ann an Ierusalem air beulaobh an ionaid naoimh rè thrì mìosa, agus dhʼ fhan Iudit maille riù.
21An déigh na h‑ùine so phill gach aon gu oighreachd fein, agus chaidh Iudit gu Betulia, agus dhʼ fhuirich i ʼna seilbh fein, agus bha i urramach ʼna là fein anns an dùthaich uile.
22Agus mhiannaich mòran i, ach cha dʼ aithnich a h‑aon i rè uile làithean a beatha, an déigh bàis Mhanasseis a fir‑pòsda, agus an déigh dha a bhi air a chruinneachadh rʼ a phobull fein.
23Ach chinn i ni ʼs mò agus ni ʼs mò ann an urram, agus dhʼ fhàs i aosda ann an tigh a fir‑pòsda, air di a bhi cùig fichead agus cùig bliadhna dhʼ aois, agus rinn i a ban‑òglach saor; mar so dhʼ eug i ann am Betulia: agus dhʼ adhlaic iad i ann an uaighe a fir‑pòsda fein Manasseis.
24Agus rinn tigh Israeil caoidh air a son rè sheachd làithean: agus mu ʼn dʼ fhuair i bàs, roinn i a maoin orrasan uile bu dlùthaidh ann an dàimhe ri Manasses a fear‑pòsda fein, agus orrasan a bʼfhaigse dʼ a cinneach fein.
25Agus cha robh gin ann a chuir eagal tuille air cloinn Israeil ann an làithibh Iudit, no rè ùine fhada an déigh a bais.
Currently Selected:
Iudit 16: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017