YouVersion Logo
Search Icon

Ester 10

10
Earrann do ʼn deicheamh Caibiteal, a réir na Greugais.
4An sin thubhairt Mardoceus, Rinn Dia na nithe sin.
5Oir tha cuimhne agam air bruadar a chunnaic mi a thaobh nan nithe sin, agus cha dʼ fhàilnich a bheag dheth.
6Dhʼ fhàs tobar beag ʼna abhainn, agus bha solus ann, agus aʼ ghrian, agus mòran uisge: is i an abhainn so Ester, a phòs an rìgh, agus a rinn e ʼna banrighinn.
7Agus is iad an dà dhràgon mise agus Aman.
8Agus bʼ iad na cinnich iadsan a chruinnicheadh a sgrios ainme nan Iudhach:
9Agus is e mo chinneach‑sa an t‑Israel so, a ghlaodh ri Dia, agus a theàrnadh: oir theàrn an Tighearna a shluagh fein, agus shaor an Tighearn sinn o na truaighibh sin uile, agus rinn Dia comharan agus mìorbhuile mòra, nach dʼ rinneadh a ʼm measg nan Cinneach.
10Uime sin rinn e dà chrannchur, aon air son sluaigh Dhé, agus aon eile air son nan Cinneach uile.
11Agus thàinig an dà chrannchur sin aig an uair, agus aig an àm, agus aig là aʼ bhreitheanais, an làthair Dé a ʼm measg nan cinneach air fad.
12Mar so chuimhnich Dia a phobull fein, agus dhʼ fhìreanaich e oighreachd fein.
13Air an aobhar sin bithidh na làithean sin aca anns aʼ mhìos Adar, air aʼ cheathramh agus aʼ chùigeamh là deug do ʼn mhìos cheudna, le mòr‑chuideachd agus aoibhneas, agus le toilinntinn an làthair Dé, a réir nan ginealach am measg a phobuill fein gu bràth.

Currently Selected:

Ester 10: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in