Iudit 15
15
CAIB XV.
1Agus an uair a chual iadsan a bha anns na bùthannaibh na nithe a thachair, bha iongantas orra.
2Agus thuit eagal agus ball‑chrith orra, air chor is nach robh aon duine aig an robh aʼ chridhe fuireach ann an sealladh a choimhearsnaich, ach aʼ brùchdadh a mach uile cuideachd, theich iad air gach slighe anns aʼ chòmhnard, agus ann an dùthaich nam beann.
3Theich iadsan mar an ceudna a champaich anns na beanntaibh ceithir thimchioll#15.3 ceithir thimchioll ‑ timchioll gu lèir ‑ right round, all around Bhetulia. An sin brùchd clann Israeil a mach orra, eadhon gach fear ʼnam measg a bha ʼna ghaisgeach.
4An sin chuir Osias fios chum Bhetomasteim, agus chum Bhebai, agus Chobai, agus Chola, agus chum uile chrìochan Israeil, a leithid is a dhʼ innseadh na nithe a rinneadh, agus gu ʼm brùchdadh na h‑uile a mach air na nàimhdibh aca chum an sgriosadh.
5A nis, an uair a chual clann Israeil so, leag iad gu léir orra a dhʼ aon inntinn, agus mharbh siad iad gu Cobai: iadsan mar an ceudna a thàinig o Ierusalem, agus o dhùthaich nam beann gu léir, (oir dhʼ innis daoine dhoibh ciod na nithe a rinneadh ann an camp an nàimhdean,) agus iadsan a bha ann an Galaad, agus ann an Galilee, chuir iad an ruaig orra le mòr sgrios, gus an robh iad seachad air Damascus, agus air na crìochaibh aige.
6Agus leag an t‑iomlan, a bha chòmhnuidh ann an Betulia, air camp Assuir, agus chreach siad iad, agus rinneadh ro shaibhear iad.
7Agus bha ʼn t‑iomlan aig cloinn Israeil a phill o ʼn àr; agus fhuair na frith‑bhailtean agus na mòr‑bhailtean, a bha anns an beanntaibh agus anns aʼ chòmhnard, iomadh creach; oir bha an àireamh ro mhòir.
8An sin thàinig Ioacim an t‑àrd‑shagart, agus seanairean chloinn Israeil a bha chòmhnuidh ann an Ierusalem, a dhʼ fhaicinn nan nithe maithe a nochd Dia do Israel, agus a dhʼ fhaicinn Iudit, agus a chur failte oirre.
9Agus an uair a thàinig iad da h‑ionnsuidh, bheannaich iad i le aon inntinn, agus thubhairt iad rithe, Is tusa àrdachadh Ierusaleim, is tusa mòr ghlòir Israeil, is tu mòr aoibhneas ar cinnich:
10Rinn thu na nithe sin uile ledʼ làimh fein: rinn thu mòr mhaith do Israeil, agus tha Dia toillichte leis; gu robh thu air do bheannachadh leis an Tighearn Uile‑chumhachdach gu bràth. Agus thubhairt an sluagh uile, Mar sin biodh e.
11Agus chreach an sluagh an camp rè dheich là fichead: agus thug iad pàilliun Holoferneis do Iudit, agus an obair‑airgid aige uile, agus a leapaichean, agus a shoithichean, agus ʼàirneis gu léir: agus ghabh i e, agus chuir i air a muileid e, agus dheasuich i a carbadan, agus chuir i na nithe sin orra.
12An sin ruith boirionnaich Israeil uile cuideachd ʼga faicinn, agus bheannaich iad i, agus rinn iad dannsa ʼnam measg fein air a son; agus ghabh i geugan ʼna làimh, agus thug i iad do na boirionnaich a bha maille rithe.
13Agus chuir iad blàth‑fhleasg do ʼn chrann‑olaidh oirre fein agus air a ban‑òglaich a bha maille rithe, agus chaidh i air thoiseach air an t‑sluagh uile anns an dannsa, aʼ treòrachadh nam ban uile: agus lean uile dhaoine Israeil ʼnan armachd le blàth‑fhleasgaidh, agus le h‑òranaibh ʼnam beul.
Currently Selected:
Iudit 15: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017