Iudit 14
14
CAIB. XIV.
1An sin thubhairt Iudit riù, Eisdibh rium a nis, a bhràithre, agus gabhaibh an ceann so, agus crochaibh e air an àit a ʼs àirde dʼ ar ballachaibh.
2Agus co luath ʼsa thig aʼ mhaduinn, agus a thig aʼ ghrian a mach air an talamh, gabhadh gach aon agaibh a bhuill‑airm, agus rachadh gach duine treun a mach as aʼ bhaile, agus cuiribh ceannard thairis orra, mar gu ʼm biodh sibh aʼ dol sìos do ʼn àr‑fhaiche dlùth air freiceadan nan Assiriach; ach na rachaibh sìos.
3An sin glacaidh iad an armachd, agus théid iad sìos dhʼ ionnsuidh aʼ chàimp aca, agus togaidh iad suas ceannardan armailte Assuir, agus ruithidh iad gu bùth Holoferneis, ach chan fhaigh iad e: an sin tuitidh eagal orra, agus teichidh iad as bhur fianuis.
4Mar so cuiridh sibhse, agus iadsan uile a ta chòmhnuidh air crìochaibh Israeil an ruaig orra, agus cuiridh sibh as doibh nan siubhal.
5Ach mu ʼn dean sibh na nithe sin, gairmibh a ʼm ionnsuidh Achior an t‑Ammonach, chum gu ʼm faic agus gu ʼm fanaich e esan a ta ʼdeanamh tàir air tigh Israeil, agus a chuir dʼ ar n‑ionnsuidh e, mar gu ʼm bʼ ann chum a bhàis.
6An sin, ghairm iad air Achior a mach á tigh Osiais; agus an uair a thàinig e, agus a chunnaic e ceann Holoferneis ann an làimh duine ann an coimhthionail an t‑sluaigh, thuit e air a ghnùis, agus dhʼ fhàilnich a spiorad.
7Ach an uair a thug iad thuige e, thuit e aig cosaibh Iudit, agus rinn e ùmhlachd dhi, agus thubhairt e, Is beannaichte thusa ann an uile phàilliun Iudah, agus anns gach uile chinneach, air am bi iongantas aig cluinntinn dhoibh mu tʼ ainm.
8A nis uime sin cuir an céill domh na h‑uile nithe a rinn thu ʼs na làithibh so. An sin dhʼ innis Iudit dha, ann am meadhon an t‑sluaigh, gach nì a rinn i, o ʼn là air an deachaidh i a mach, gus an uair sin anns an do labhair i riutha.
9Agus an uair a sguir i o bhi labhairt, rinn an sluagh iolach le guth mòr, agus rinn iad fuaim aoibhneach ʼsa bhaile aca.
10Agus an uair a chunnaic Achior na h‑uile a rinn Dia Israeil, chreid e gu mòr ann an Dia, agus thimchioll‑gheàrr e feòil a roimh‑chroicinn, agus dhʼ aonaicheadh e ri tigh Israeil chum an là ʼn diugh.
11Agus an uair a dhʼ éirich aʼ mhaduinn, chroch iad ceann Holoferneis air aʼ bhalla, agus ghabh gach fear na buill‑airm aige, agus chaidh iad a mach ʼnan cuideachdaibh gu mullachaibh nam beann.
12Ach an uair a chunnaic na h‑Assiriaich iad, chuir iad fios chum nan ceannard aca, a thàinig dhʼ ionnsuidh nan oifigeach agus nan ceannard aca, agus gach aon dʼ an riaghlairibh.
13Mar sin thàinig iad chum pàilliuin Holoferneis, agus thubhairt iad ris‑san air an robh cùram a chodach uile, Dùisg a nis a thighearna; oir tha do dhànadas aig na tràillibh teachd a nuas chum an cath a chur ʼnar n‑aghaidh, chum gu ʼn sgriosar iad gu buileach.
14An sin chaidh Bagoas a steach, agus bhuail e aig dorus aʼ phàilliuin; oir bha dùil aige gu ʼn do choidil e maille ri Iudit.
15Ach do bhrìgh nach do fhreagair neach sam bith, dhʼ fhosgail se e, agus chaidh e do ʼn t‑seòmar‑leapach, agus fhuair se e air a thilgeadh marbh air an làr, agus thugadh an ceann deth.
16Uime sin ghlaodh e le guth mòr, le gul, agus osnaich, agus mòr éighich, agus reub e ʼeudach.
17An déigh dha dol do ʼn bhùth far an do thàmhaich Iudit; agus an uair nach dʼ fhuair e i, leum e a mach chum an t‑sluaigh, agus ghlaodh e,
18Bhuin na tràillean so gu mealltach; thug aon bhoirionnach do na h‑Eabhraich masladh air tigh rìgh Nabuchodonosoir: oir, feuch, tha Holofernes ʼna shìneadh air an làr gun cheann.
19An uair a chual ceannardan armailte nan Assiriach na briathra sin, reub iad an còta, agus bha an inntinnean fo thrioblaid iongantach, agus bha glaodh agus farum ro mhòr air feadh aʼ chàimp.
Currently Selected:
Iudit 14: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017