YouVersion Logo
Search Icon

Iudit 13

13
CAIB. XIII.
1A nis, air teachd do ʼn fheasgair, rinn a sheirbhisich cabhag gu falbh, agus dhùin Bagoas a bhùth o ʼn taobh a mach, agus chuir e air falbh an luchd‑frithealaidh o làthaireachd a thighearna; agus thug iad an leapaichean orra; oir bha iad gu léir sgìth, do bhrìgh gu ʼn do lean aʼ chuirm gu fada.
2Agus dhʼ fhàgadh Iudit leatha fein anns aʼ bhùth, agus Holofernes ʼna shìneadh air a leabaidh; oir bha e air a lìonadh le fìon.
3A nis thug Iudit òrdugh dʼ a ban‑òglaich seasamh air an taobh a mach do ʼn t‑seòmar‑leapach, agus fuireach gus an tigeadh i mach, mar a rinn i gach là: oir thubhairt i gun rachadh i a mach chum nan ùrnuighean aice, agus labhair i ri Bagoas mu ʼn ghnothuch cheudna.
4Mar so chaidh iad uile a mach, agus cha dʼ fhàgadh beag no mòr ʼsan t‑seòmar‑leapach. An sin thubhairt Iudit ʼna cridhe, aʼ seasamh ri taobh na leapach aige, O Thighearna Dhé gach uile chumhachd, seall eadhon a nis air oibribh mo làmh air son àrdachaidh Ierusaleim.
5Oir ʼse nis an t‑àm chum cuideachadh a dheanamh ledʼ oighreachd, agus chum nan innleachd agam a chur an gnìomh, a sgriosadh nan nàmhaid a dhʼ éirich ʼnar n‑aghaidh.
6An sin thàinig i gu post na leapach a bha aig ceann Holoferneis, agus thug i nuas an claidheamh aige á sin,
7Agus dhlùthaich i ris an leabaidh aige, agus ghlac i folt a chinn, agus thubhairt i, Neartaich mi an diugh, O Thighearna Dhé Israeil.
8Agus bhuail i e dà uair air a mhuineal le a h‑uile neart, agus thug i dheth an ceann,
9Agus thilg i sìos a chorp bharr na leapach, agus spìon i nuas an ceann‑bhrat o na puist; agus an déigh sin chaidh i a mach, agus thug i ceann Holoferneis dʼ a ban‑òglaich;
10Agus chuir i e ʼna màla‑bìdh: mar so chaidh iad le chéile a mach, a réir an cleachdaidh, a dheanàmh ùrnuigh; agus an uair a chaidh iad seachad air aʼ champ, chuairtich iad an gleann, agus dhìrich iad beinn Bhetulia, agus ràinig iad a gheataichean.
11An sin ghlaodh Iudit a ʼm fad as ris an luchd‑faire aig aʼ gheata, Fosgail, fosgail a nis an geata: tha Dia, eadhon ar Dia‑ne maille ruinn, a nochdadh a chumhachd fein fathast ann an Ierusalem, agus na feachdan aige an aghaidh an nàmhaid, mar a rinn e eadhon an diugh.
12A nis, an uair a chual daoine a baile a guth, rinn iad cabhag gu dol sìos dhʼ ionnsuidh geata am baile fein, agus ghairm iad air seanairibh aʼ bhaile.
13Agus an sin ruith iad uile, eadar bheag agus mhòr; oir bha e iongantach leò gu ʼn tàinig i: uime sin dhʼ fhosgail iad an geata, agus ghabh iad rompa, agus las iad teine mar sholus, agus sheas iad mʼ an timchioll.
14An sin thubhairt i riutha le guth àrd, Molaibh, molaibh Dia, a deirim, molaibh Dia; oir cha tug e air falbh a thròcair o thigh Israeil, ach sgrios e ar nàimhdean le mo làmhaibh‑sa an nochd.
15An sin thug i an ceann as aʼ mhàla, agus nochd i e, agus thubhairt i riutha, Faicibh ceann Holoferneis, prìomh cheannard armailte Assuir, agus faicibh an ceann‑bhrat anns an do luidh e ʼna mhisge; agus chuir an Tighearn as da le làimh boirionnaich.
16Mar is beò an Tighearna, a chùm mi air an t‑slighe an deachaidh mi, mheall mo ghnùis e chum a sgrios, agus an déigh sin cha do pheacaich e maille rium, chum mo thruailleadh agus nàir a chur orm.
17An sin bha iongantas ro mhòr air an t‑sluagh uile, agus chròm siad iad fein, agus rinn iad aoradh do Dhia, agus thubhairt iad a dhʼ aon inntinn, Gu mo beannaichte thusa, ar Dia‑ne, a thug an diugh gu neoni nàimhdean do phohuill fein.
18An sin thubhairt Osias rithe, O a nighinn, is beannaichte thusa ann an Dia os ceann uile bhoirionnaich na talmhainn; agus beannaichte gu robh an Tighearna Dia, a chruthaich na nèamhan agus an talamh, a sheòl thusa chum ceann àrd‑cheannaird ar nàimhdean a ghearradh dheth.
19Oir cha dealaich do mhisneach anns aʼ chùis so ri cridhe dhaoine, aig am bheil cuimhne air cumhachd Dhé, gu sìorruidh.
20Agus gun tiondaidheadh Dia na nithe sin mar chliù bithbhuan dhuit‑sa, ʼgad fhiosrachadh le nithibh maithe, do bhrìgh nach do chaomhain thu do bheatha fein air son àmhghair ar cinnich fein, ach rinn thu dìoghaltas air son ar sgrios, aʼ gluasad air slighe dhìrich am fianuis ar Dé‑ne. Agus ghlaodh an sluagh uile, Biodh e mar sin, biodh e mar sin.

Currently Selected:

Iudit 13: MacGAP

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in