Iudit 12
12
CAIB. XII.
1An sin dhʼ àithn e a toirt a stigh far an robh na soithichean airgid aige air an suidheachadh; agus thug e òrdugh ullachadh a dheanamh air a son do ʼn lòn aige fein, agus gu ʼn òladh i do ʼn fhìon aige fein.
2Agus thubhairt Iudit, Cha ʼn ith mi dheth, air eagal oilbheum a thoirt: ach deasaichear lòn air mo shon do na nithibh a thug mi maille rium.
3An sin thubhairt Holofernes rithe, Ma theirigeas do theachd‑an‑tir fein, ciamar a bheireamaid a leithid eile dhuit? oir cha ʼn ʼeil aon dodʼ chinneach maille ruinn.
4An sin thubhairt Iudit ris, Mo thighearna, mar is beò tʼ anam, cha chaith do bhan‑òglach na nithe a ta agam, gus an oibrich an Tighearna le mo làimh na nithe sin a shònraich e.
5An sin thug na seirbhisich aig Holofernes i do ʼn phàilliun, agus choidil i gu meadhon oidhche, agus dhʼ éirich i an uair a bha e am fagus do ʼn fhaire‑mhaidne.
6Agus chuir i fios gu Holofernes, ag ràdh, Thugadh mo thighearn a nis àithne gu ʼn rachadh do bhan‑òglach a mach a dheanamh ùrnuigh.
7An sin thug Holofernes òrdugh do ʼn fhreiceadan aige chum nach bacadh iad i: mar so dhʼ fhan i ʼsa champ rè thrì làithean, agus chaidh i mach air an oidhche gu gleann Bhetulia, agus dhʼ ionnlad si i fein ann an tobar uisge am fagus do ʼn champ.
8Agus an uair a thàinig i a mach, ghuidh i air Tighearna Dia Israeil chum a slighe a sheòladh a thogail suas cloinn a cinnich fein.
9Mar so thàinig i stigh glan, agus dhʼ fhan i ʼsa bhùth, gus an dʼ ith i a lòn aig an fheasgair.
10Agus air aʼ cheathramh là rinn Holofernes cuirm dʼ a sheirbhisich fein a mhàin, agus cha tug e cuireadh do aon air bith do na h‑oifigich chum na cuirme.
11An sin thubhairt e ri Bagoas an càillteanach, ris an robh a chuid uile a ʼn earbsadh, Rach a nis, agus co‑éignich a bhan‑Eabhrach so a ta maille riut, a theachd dʼ ar n‑ionnsuidh, agus a dhʼ itheadh agus a dhʼ òladh maille ruinn.
12Oir, feuch, bithidh e ʼna mhasladh dhuinne ma leigeas sinn le a leithid do bhoirionnach falbh, as eugais a cuideachd: oir mar tarruing sinn dʼ ar n‑ionnsuidh i, nì i gàire‑fanoid ruinn.
13An sin chaidh Bagoas a mach o làthaireachd Holoferneis, agus thàinig e dʼ a h‑ionnsuidh, agus thubhairt e, Na biodh eagal air a ghruagaich mhaisich so teachd chum mo thighearna, agus urram fhaotuinn ʼna làthair, agus fìon òladh, agus sùgradh a dheanamh maille ruinn, agus a bhi air a deanamh air an là so mar aon do nigheanaibh nan Assiriach, a ta ʼfrithealadh ann an tigh Nabuchodonosoir.
14An sin thubhairt Iudit ris, Cò mise, a nis, gu ʼn cuirinn an aghaidh mo thighearna? Gu cinnteach nì mi gu h‑ealamh ge bʼ e nì a ʼs àill leis, agus bithidh e ʼna thoil‑inntinn domh gu là mo bhàis.
15Uime sin dhʼ éirich i, agus dheasuich si i fein le a sgeudachadh, agus le culaidh boirionnaich gu léir: agus chaidh a ban‑òglach, agus sgaoil i croicionna mìne air an làr air a son, fa chomhar Holoferneis, a thugadh dhi le Bagoas air son a feuma gach là, chum gun suidheadh agus gun itheadh i orra.
16A nis an uair a thàinig Iudit a stigh, agus a shuidh i sìos, bha cridhe Holoferneis air a losgadh leatha, agus ghluaiseadh ʼinntinn, agus mhiannaich e gu mòr a conaltradh: oir ghlac e cothrom chum a mealladh, o ʼn là a chunnaic e i.
17An sin thubhairt Holofernes rithe, Ol a nis, agus bi subhach maille ruinn.
18Uime sin thubhairt Iudit, Olaidh mi a nis, mo thighearna, do bhrìgh gum bheil urram air a chur air mo bheatha an diugh, ni ʼs mò na air na làithibh sin uile o rugadh mi.
19An sin ghabh i, agus dhʼ ith, agus dhʼ òl i ʼna làthair, na nithe a dheasaich a ban‑òglach.
20Agus ghabh Holofernes tlachd mòr dhi, agus dhʼ òl e barrachd mòr fìona na dhʼ òl e aig àm sam bith ann an aon là o rugadh e.
Currently Selected:
Iudit 12: MacGAP
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017