Iudit 11
11
CAIB. XI.
1An sin thubhairt Holofernes rithe, A bhoirionnaich, biodh deagh mhisneach agad, na biodh eagal ort ʼnad chridhe: oir cha dean mi cron air neach sam bith a bha toileach air seirbhis a dheanamh do Nabuchodonosor, rìgh na talmhainn uile.
2A nis uime sin, mar cuireadh do shluagh‑sa a ta chòmhnuidh anns na beanntaibh ann an suarachas mi, cha bhithinn air togail suas mo shleagh ʼnan aghaidh: ach rinn iad na nithe sin orra fein.
3Ach a nis innis domh cʼ arson a theich thu uatha, agus a thàinig thu dʼ ar n‑ionnsuidh‑ne: oir tha thu air teachd air son dìdein; biodh deagh mhisneach agad, bithidh do bheatha agad an nochd, agus an déigh so:
4Oir cha dean neach sam bith cron ort, ach buinidh iad gu maith riut, mar a nì iad ri seirbhisich an rìgh Nabuchodonosoir mo thighearna.
5An sin thubhairt Iudit ris, Gabh briathra do bhan‑òglaich, agus ceadaich dodʼ bhan‑seirbhiseach labhairt ʼnad fhianuis, agus cha ʼn innis mi aon bhreug dʼ om thighearn an nochd.
6Agus ma bheir thu géill do bhriathraibh do bhan‑òglaich, bheir Dia aʼ chùis gu h‑iomlan gu crìch tromhad‑sa; agus cha ʼn fhàilnich mo thighearna ʼna rùintibh fein.
7Mar is beò Nabuchodonosor rìgh na talmhainn uile, agus mar is beò a chumhachd‑san, a chuir thusa a mach a chumail suas gach nì beò: oir cha dean daoine a mhàin seirbhis da tromhad‑sa, ach mar an ceudna beathaichean na macharach, agus an spréidh, agus eunlaith an adhair, a ta beò ledʼ chumhachd‑sa fo Nabuchodonosor agus a thigh gu léir.
8Oir chual sinn madʼ ghliocas, agus madʼ innleachdan, agus a ta e air aithris air feadh na talmhainn uile gu ʼm bheil thusa a mhàin urramach anns an rìoghachd gu léir, cumhachdach ann an eòlas, agus mìorbhuileach ann an téuchdaibh catha.
9A nis, a thaobh aʼ ghnothuich mu ʼn do labhair Achior ʼnadʼ chomhairle, chual sinn a bhriathra: oir theasairg daoine Bhetulia e, agus chuir e an céill doibh gach nì a thubhairt e riut‑sa.
10Air an aobhar sin, O thighearna agus uachdarain, na diùlt a ghuth: ach taisg suas ʼnadʼ chridhe e, oir a ta e fìor: oir cha deanar peanas air ar cinneach, ni mò a bheir an claidheamh buaidh orra, mar dean iad peacadh an aghaidh an Dé aca fein.
11Agus a nis, chum nach toirear buaidh air mo thighearna, agus nach toirear a rùn gu neoni, tha eadhon am bàs a nis air tuiteam orra, agus rinn am peacadh aca gréim orra, uime sin dùisgidh iad an Dia fein gu corruich, an uair a nì iad sin nach ʼeil ceart rʼ a dheanamh:
12Oir tha ʼn teachd‑an‑tir ʼgan tréigsinn, agus tha ʼn t‑uisge aca air fad, gann: agus tha iad suidhichte gréim a dheanamh air an spréidh aca, agus rùnaichte na nithe sin uile a chaitheadh, a thoirmeasg Dia dhoibh itheadh a réir a laghanna fein;
13Agus tha iad stéighichte air ceud‑thoraidh an arbhair a chaitheadh, agus na deicheannan fìona agus olaidh, a naomhaich iad, agus a ghléidh iad air son nan sagart a ta ʼdeanamh séirbhis ann an Ierusalem roimh ghnùis ar Dé‑ne: na nithe sin nach ʼeil laghail do neach air bith do ʼn t‑sluagh fiù beanachd riù le ʼn làmhaibh.
14Oir chuir iad cuid do Ierusalem, do bhrìgh gu ʼn dʼ rinn iadsan mar an ceudna a leithid sin, a dhʼ fhaotuinn comais dhoibh on àrd‑chomhairle.
15A nis, an uair a gheibh iad fios, o sin a mach nì iad e, agus bheirear dhuit‑sa iad gu bhi air an sgrios air aʼ cheart là sin.
16Air an aobhar sin, theich mise do bhan‑òglach, air falbh uatha, air domh a bhi fiosrach air so uile; agus chuir Dia mi a dhʼ oibreachadh a mach nithe maille riutsa, air son am bi iongantas air an t‑saoghal uile, agus air gach neach a chluinneas e.
17Oir tha do bhan‑òglach diadhaidh, agus aʼ deanamh seirbhis do Dhia fhlaitheanais a là agus a dhʼ oidhche: a nis uime sin, mo thighearna, fanaidh mi maille riut, agus théid do bhan‑òglach a mach air an oidhche do ʼn ghleann, agus nì mi ùrnuigh ri Dia, agus innsidh esan dhomh cuin a chuir iad am peacannan an gnìomh:
18Agus thig mi agus nochdaidh mi dhuit e: an sin théid thu mach le tʼ armailt uile, agus cha bhi aon diubh a chuireas ʼnadʼ aghaidh.
19Agus treòraichidh mi thu troimh mheadhon Iudea, gus an tig thu air beulaobh Ierusaleim; agus suidhichidh mi do rìgh‑chaithear ʼna mheadhon; agus greasaidh tu iad mar chaoraich gun bhuachaille, agus cha ʼn fhosgail fiù cù a bheul riut: oir dhʼ innseadh na nithe sin dhòmhsa a réir mo roimh‑eòlais, agus chuireadh an céill domh iad, agus thàinig mi ʼgan innseadh dhuit.
20An sin thoilich a briathra Holofernes agus a sheirbhisich uile: agus ghabh iad iongantas rʼ a gliocas, agus thubhairt iad,
21Cha ʼn ʼeil a leithid eile do bhoirionnach, o ʼn aon cheann aig an talamh gu ruig an ceann eile, an dà chuid a thaobh maise a gnùise, agus a thaobh gliocais a briathra.
22Thubhairt mar an ceudna Holofernes rithe, Rinn Dia gu maith thusa a chur roimh an t‑sluagh, chum neart a bhi ʼnar làmhaibh, agus sgrios a bhi orrasan a ta deanamh tàir air mo thighearna.
23Agus a nis tha thusa an dà chuid maiseach ʼnadʼ ghnùis, agus glice ʼnadʼ bhriathraibh: gu cinnteach, ma nì thu mar a thubhairt thu, bithidh do Dhia‑sa mo Dhia‑sa, agus gabhaidh tu còmhnuidh ann an tigh rìgh Nabuchodonosoir, agus bithidh tu cliùiteach air feadh na talmhainn gu léir.
Currently Selected:
Iudit 11: MacGAP
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017