Ester 14
14
CAIB. XIV.
1Chaidh banrighinn Ester mar an ceudna dhʼ ionnsuidh an Tighearna, air di a bhi fo eagal aʼ bhàis;
2Agus chuir i gu taobh a sgeudachadh rìomhach, agus chuir i uimpe trusgain na h‑àmhghair agus aʼ bhròin: agus an àit oladh deagh fhàile, chomhdaich i a ceann le luaithre agus aolach, agus dhʼ irioslaich i a corp gu mòr, agus lìon i uile ionadan a h‑aoibhneis le a folt air a spìonadh.
3Agus rinn i ùrnuigh ri Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, O mo Thighearna, is tusa adʼ aonar ar Rìgh: cuidich leam, boirionnach aonaranach, aig nach ʼeil fear‑cuideachaidh ach thusa:
4Oir tha mo chunnart ʼnam làimh.
5Suas o làithibh mʼ òige chual mi, ann an treubh mo theaghlaich, gu ʼn tug thusa, a Thighearna, Israel a mach as gach sluagh, agus ar n‑aithriche uatha‑san uile a chaidh rompa, mar oighreachd bithbhuan; agus ge bʼ e nì a gheall thu dhoibh, chuir thu sin an gnìomh.
6Agus a nis pheacaich sinn ʼnad fhianuis: uime sin thug thu thairis sinn do làmhaibh ar nàimhdean,
7Do bhrìgh gu ʼn dʼ rinn sinn aoradh dʼ an diathaibh: O Thighearna, tha thusa ceart.
8Gidheadh cha ʼn ʼeil iad riaraichte le sinne a bhi ann am bràighdeanas: ach cho‑aontaich iad le ʼn iodholaibh fein,
9Gun cuir iad as do ʼn nì sin a dhʼ òrduich thusa ledʼ bheul fein, agus gu ʼm mill iad tʼ oighreachd fein, agus gu ʼn dùin iad beul na dream a mholas tu, agus gu ʼm mùch iad glòir do thighe, agus tʼ altarach,
10Agus gu ʼm fosgail iad beul nan cinneach, a chur air aghaidh molaidh nan iodhol, agus a chur urraim gu bràth air rìgh feòlmhor.
11O Thighearna, na tabhair do shlat‑rìoghail dhoibh‑san a ta mar neoni, agus na deanadh iad gàire ri ʼr tuiteam; ach tionndaidheadh iad an innleachd orra fein, agus deanadh iad eiseimpleir dhethsan, a thòisich so ʼnar n‑aghaidh.
12Cuimhnich, O Thighearn, dean thu fein aithnichte ann am àm ar n‑àmhghair, agus thoir dànachd dhomh, O Rìgh nan cinneach, agus a Thighearna gach cumhachd.
13Tabhair dhomh còmhradh fileanta ʼnam bheul an làthair an leòbhainn: tionndaidh a chridhe gu fuath a thoirt dàsan a ta cogadh ʼnar n‑aghaidh, chum gu ʼn tig crìoch air fein, agus orra‑san uile a ta a dhʼ aoin‑inntinn ris:
14Agus saor sinn ledʼ làimh, agus cuidich leamsa a ta a ʼm aonar, aig nach ʼeil còmhnadh eile ach thusa.
15Tha fios agad air na h‑uile nithibh, O Thighearna; tha fios agad gu ʼm bheil fuath agam‑sa do ghlòir nan an‑diadhaidh, agus oillt orm ri leabadh nan neo‑thimchioll‑gheàrrte, agus ris na cinnich gu léir.
16Tha fios agad air mʼ éigin: oir tha gràin agam air comhar mʼ àirdʼ inbhe, a ta air mo cheann anns na làithibh anns am bheil mi ʼgam nochdadh fein, agus gu ʼm bheil fuath agam dha mar luideig shalaich, agus nach caith mi e ʼn àm domh a bhi gu h‑aonaranach leam fein;
17Agus nach dʼ ith do bhan‑òglach aig bòrd Amain, agus nach robh mòr‑mheas agam air cuirm an rìgh, ʼs nach dʼ òl mi fìon nan tabhartas‑dibhe.
18Ni mò an robh aoibhneas sam bith aig do bhan‑òglach o ʼn là anns an tugadh gu so mi a nis, ach annad fein, O Thighearna Dhé Abrahaim.
19O thusa a Dhé chumhachdaich os ceann nan uile, éisd ri guth nan eu‑dòchasach, agus saor sinn o làmhaibh nan droch‑bheairteach, agus saor mise o mʼ eagal fein.
Currently Selected:
Ester 14: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

: