YouVersion Logo
Search Icon

Ester 15

15
CAIB. XV.
1Agus air an treas là, an uair a chrìochnaich i a h‑ùrnuigh, chuir i gu taobh a trusgain‑bròin, agus chuir i uimpe a sgeudachadh rìomhach.
2Agus air di a bhi gu h‑òirdheirc air a sgeudachadh, an déigh dhi gairmeadh air Dia, fear‑coimhid agus fear‑saoraidh nan uile nithe, thug i dithis bhan‑òglach maille rithe:
3Agus air a h‑aon leig i a taice, ʼga giùlan fein gu fìnealta;
4Agus lean an t‑aon eile, aʼ cumail suas a sgiorte.
5Agus bha i ruiteach trìd iomlanachd a maise, agus bha a h‑aghaidh aoibhneach agus ro shuairce: ach bha a cridhe ann an àmhghar le h‑eagal.
6An sin, air di dol a steach troimh nan dorsan uile, sheas i air beulaobh an rìgh, a bha ʼna shuidhe air a chaithir‑rìoghail, agus air a sgeudachadh le uile thrusgannaibh a mhòrachd, aʼ dealrachadh gu léir le h‑òr agus le clochaibh luachmhor; agus bha e ro uamhasach.
7An sin, aʼ togail suas a ghnùis a bha ʼlasadh le mòralachd, sheall e gu garg oirre: agus thuit aʼ bhan‑righinn sìos, agus bha i glas‑neulach, agus dhʼ fhannaich i, agus chròm si i fein air ceann na ban‑òglaich a chaidh air thoiseach oirre.
8An sin dhʼ atharraich Dia spiorad an rìgh gu malltachd, agus leum e le h‑eagal bharr a rìgh‑chaithreach, agus ghlac e ʼna ghàirdeanaibh i, gus an tàinig i da h‑ionnsuidh fein a rìs, agus thug e comhfhurtachd dhi le briathraibh taitneach, agus thubhairt e rithe,
9Esteir, ciod so? is mise do bhrathair, biodh deagh mhisneach agad;
10Cha ʼn fhaigh thu bàs, ged tha ar n‑àithne coitchionn: thig am fagus.
11Agus an sin chùm e suas an t‑slat‑rìoghail òir, agus leag e i air a muineal,
12Agus phòg se i, agus thubhairt e, Labhair rium.
13An sin thubhairt i ris, Chunnaic mi thu, mo thighearna, mar aingeal Dé, agus bha mo chridhe fo thrioblaid air eagal do mhòrachd.
14Oir is mìorbhuileach thu, a thighearn, agus tha do ghnùis làn gràis.
15Agus ʼn àm di a bhi labhairt, thuit i sìos le laigse.
16An sin bha ʼn rìgh fo thrioblaid, agus thug a sheirbhisich uile comhfhurtachd dhi.

Currently Selected:

Ester 15: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in