Ester 13
13
CAIB. XIII.
1Bʼ e so dùblachadh nan litrichean: Tha ʼn rìgh mòr Artacsercses aʼ sgrìobhadh nan nithe so chum nam prionnsan agus nan uachdaran a ta fuidhe o na h‑Innsibh gu Etiopia, ann an sèa fichead agus seachd mòr‑roinn.
2An déigh dhomh tighearnas fhaotuinn thairis air iomadh cinneach, agus uachdaranachd a bhi agam thar an t‑saoghal gu léir, gun a bhi air mo shéideadh suas le h‑uaill air son mʼ ùghdarrais, ach ʼgam ghiùlan fein an còmhnuidh le ceartas agus ciùineas, rùnaich mi mʼ ìochdarain a shuidheachadh an còmhnuidh ann am beatha shìochail; agus, aʼ deanamh mo rìoghachd sìochail, agus aʼ fosgladh slighe chum nan crìochan a ʼs iomalluiche, dhʼ ath‑nuadhaich mi sìth, nì a ta na h‑uile aʼ miannachadh.
3A nis an uair a dhʼ fheòraich mi de mo choimhearlaichibh cia mar a bheirteadh na nithe so gu crìch, chuir Aman, a thug barrachd ann an gliocas ʼnar measg, agus air an robh meas air son a dheagh rùin bunailtich agus a dhìllseachd sheasmhaich, agus aig an robh urram an dara àite ʼsan rìoghachd,
4An céill duinn, gu ʼn robh pobull droch‑rùineach àraidh air an sgapadh am measg uile chinneach an t‑saoghail, aig an robh laghanna an aghaidh gach cinnich eile, agus a rinn tàir an còmhnuidh air àitheantaibh rìghrean, air chor is nach urrainn an dlùth‑cheangal urramach sin ʼnar rìoghachdaibh, a shònraich sinn, dol air aghaidh.
5Air duinn ma ta a thuigsinn gu ʼm bheil an sluagh so ʼnan aonar an còmhnuidh an aghaidh nan uile dhaoine, aʼ deanamh eadar‑dhealachaidh air sheòl iongantach ʼnan laghannaibh, agus aʼ tàrmachadh droch‑rùin dʼ ar rìoghachd, aʼ deanamh gach uilc ʼnan comas, chum nach bi ar rìoghachd air a socaireachadh gu daingean:
6Thug sinn air an aobhar sin àithne, gu ʼm biodh iadsan uile a ta air an comharrachadh a mach dhuibh le Aman, a ta air a shuidheachadh thairis air cùisibh, agus a ta a ʼs faigse dhuinn fein, air an gearradh as gu h‑iomlan le claidheamh an nàimhdean, le ʼm mnathaibh agus le ʼn cloinn, gun truas, gun tròcair, air aʼ cheathramh là deug do Adar, dara mìosa deug na bliadhna so a ta làthair:
7Chum gun téid iadsan, a bha o shean agus a ta fathast mar an ceudna droch‑rùineach, le h‑ainneart ann an aon là do ʼn uaigh, agus gu ʼm bi iad ʼnan aobhar an còmhnuidh an déigh so air ar gnothuichean a bhi gu maith air an suidheachadh, agus as eugais trioblaid.
8An sin smuainich Mardoceus air uile oibribh an Tighearna, agus rinn e ùrnuigh ris,
9Ag ràdh, O Thighearna, Thighearna, an Rìgh Uile‑chumhachdach: oir tha ʼn saoghal gu léir fodʼ chumhachd, agus ma shònraich thu Israel a shaoradh, cha ʼn urrainn duine sam bith cur ʼnad aghaidh:
10Oir rinn thu nèamh agus talamh, agus na h‑uile nithe a ta mìorbhuileach fo nèamh.
11Is tu Tighearna nan uile nithe, agus cha ʼn urrainn duine sam bith cur ʼnadʼ aghaidh‑sa, oir is tusa an Tighearna.
12Tha fios agad air na h‑uile nithibh, agus tha fios agad, a Thighearna, nach ann aon chuid le tàir no le h‑uaill, no le iarrtas sam bith air glòir, nach do chròm mi sìos do dhʼ Aman uaibhreach.
13Oir bhithinn toillichte, le deagh‑ghean, bùinn nan cas aige a phògadh, air son tèaruinteachd Israeil.
14Ach rinn mi so, chum nach deanainn roghainn do ghlòir dhaoine os ceann glòire Dhé: ni mò an dean mi aoradh do neach sam bith ach dhuit‑sa, O Dhé; ni mò a nì mi e ann an uaille.
15Agus a nis, O Thighearna Dhé agus a Rìgh, caomhain do shluagh fein: oir tha an sùilean oirnne ʼgar toirt gu neoni; seadh, tha iad ag iarraidh an oighreachd a mhilleadh, a bha leat fein o ʼn toiseach.
16Na dean tàir air aʼ chuibhrinn, a shaor thu as an Eiphit air do shon fein.
17Eisd rimʼ ùrnuigh, agus bi tròcaireach ridʼ oighreachd fein: tionndaidh ar bròn gu h‑aoibhneas, chum gu ʼm bi sinn beò, a Thighearna, agus gu ʼm mol sinn tʼ ainm fein: agus na sgrios beòil na muinntir sin a ta ʼgad mholadh, a Thighearna.
18Ghlaodh Israel uile air an dòigh cheudna gu ro dhùrachdach ris an Tighearna, do bhrìgh gu ʼn robh am bàs roimh an sùilean.
Currently Selected:
Ester 13: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

: