YouVersion Logo
Search Icon

Ester 12

12
CAIB. XII.
1Agus ghabh Mardoceus fois dha fein anns aʼ chùirt maille ri Gabata agus Tarra, dithis chaillteanaich an rìgh, agus luchd‑gléidhidh na lùchairt.
2Agus chual e an innleachdan, agus rannsaich e an rùintean a mach, agus dhʼ fhiosraich e gu ʼn robh iad chum gréim a dheanamh air an rìgh Artacsercses; agus uime sin thug e fios do ʼn rìgh mu ʼn timchioll.
3An sin cheasnuich an rìgh an dithis chaillteanaich, agus an déigh dhoibh an nì aideachadh, bha iad air an tachdadh.
4Agus rinn an rìgh cuimhneachan air na nithibh sin, agus sgrìobh Mardoceus mar an ceudna umpa.
5Mar sin dhʼ àithn an rìgh do Mhardoceus seirbhis a dheanamh anns aʼ chùirt, agus air son sin thug e duais da.
6Gidheadh dhʼ iarr Aman mac Amadatuis an t‑Agageach, a bha ann an urram mòr aig an rìgh, trioblaid a chur air Mardoceus agus a shluagh, a thaobh nan càillteanach aig an rìgh.

Currently Selected:

Ester 12: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in