YouVersion Logo
Search Icon

Ester 11

11
CAIB. XI.
1Anns aʼ cheathramh bliadhna do rìoghachadh Ptolemeuis, agus Chleopatra, thug Dositeus, a deir gu ʼn robh e ʼna shagart agus ʼna Lebhitheach, agus Ptolemeus a mhac, an litir so aig Purim, eadhon mar a thubhairt iad fein an aon litir, agus gun do mhìnicheadh i le Lisimacus, mac Ptolemeuis, a bha ann an Ierusalem.
2Ann an dara bliadhna do rìoghachadh Artacsercseis an t‑uasail, air aʼ cheud là do ʼn mhìos Nisan, bhruadair Mardoceus, Iairuis, mhic Shimei, mhic Chisai, do mac threubh Bheniamin, bruadar;
3A bha ʼna Iudhach, agus a chòmhnuidh ann am baile Shusa, duine mòr, agus seirbhiseach ann an cùirt an rìgh.
4Bʼ esan mar an ceudna aon do na bràighdibh a ghiùlan Nabuchodonosor rìgh Bhabiloin o Ierusalem maille ri Ieconias rìgh Iudea; agus bʼ e so am bruadar aige.
5Feuch farum buaireis, le tàirneanach, agus le critheannaibh‑talmhainn, agus le h‑aimhreite anns an tìr:
6Agus, feuch, thàinig dà dhràgon mhòr a mach deas gu cogadh, agus bha ʼn éigheach aca mòr.
7Agus aig an éigheach aca bha na h‑uile chinnich deas gu cogadh, chum gu ʼn cuireadh iad an cath an aghaidh an t‑sluaigh fhìrinnich.
8Agus feuch bha là dorchadais agus dùibhre, trioblaid agus teanntachd, àmhghair agus buaireis mhòir, air an talamh.
9Agus bha ʼn cinneach fìrinneach gu léir fo thrioblaid, air eagal an truaighean fein, agus bha iad deas gu dol a dhìth.
10An sin ghlaodh iad ri Dia; agus ʼn àm doibh a bhi ʼg éigheach, rinneadh tuil mòr, mar gu ʼm bʼ ann á tobar beag, eadhon mòran uisge.
11Dhʼ éirich an solus agus aʼ ghrian suas, agus chaidh an t‑ìosal àrdachadh, agus chuir iad as doibh‑san a bha glòrmhor.
12A nis, an uair a dhùisg Mardoceus, a chunnaic am bruadar so, agus an nì a shònraich Dia a dheanamh, chùm e air chuimhne am bruadar so; agus gus an tàinig an oidhche bha e ro dheònach air fios fhaotuinn uime.

Currently Selected:

Ester 11: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in