Ròmanach 9
9
1 Tha Pòl duilich airson nan Iùdhach. 7 Cha b’iad sliochd Abrahàim uìle clann a’ gheallaidh. 18 Tha Dia a’ dèanamh tròcair air an dream as toil leis. 21 Feudaidh an cumadair an nì as àill leis a dhèanamh ris a’ chrèadh.
1Tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige (air a bhith dom chogais a’ dèanamh fianais dhomh anns an Spiorad Naomh),
2Gu bheil doilgheas mòr orm, agus cràdh air mo chridhe an còmhnaidh.
3Oir ghuidhinn mi fhèin a bhith dealaichte o Chrìosd#Ecs 32:32, airson mo bhràithrean, mo luchd‐dàimh a‑thaobh na feòla:
4A tha nan Israelich; dom buin an uchd‐mhacachd#Ecs 4:22, agus a’ ghlòir#Ecs 14:19; 24:16; 40:34, agus na coicheangail#Ecs 24:7, 8, agus tabhairt an lagha#Ecs 20; Salm 147:19, agus seirbhis Dhè#Eabh 9:1, 10, agus na geallaidhean#Eph 2:12;
5Dom buin na h‑athraichean#Ròm 11:28, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla#Lùc 3:23, etc., neach as e Dia os cionn nan uile#Eòin 1:1, beannaichte gu sìorraidh. Amen.
6Chan e gu bheil facal Dhè gun èifeachd#Isa 55:11. Oir chan Israelich iadsan uile a tha o Israel#Ròm 2:28, 29:
7Agus cha mhò do bhrìgh gur sliochd do Abrahàm iad, a tha iad uile nan cloinn: ach, Ann an Isaac ainmichear do shìol#Gen 21:12.
8Is e sin ri ràdh, Chan iad clann na feòla clann Dhè: ach is iad clann a’ gheallaidh a mheasar mar shìol#Gal 4:28.
9Oir is e seo facal a’ gheallaidh, A rèir an àma seo thig mi, agus bidh mac aig Sàra#Gen 18:10, 14.
10Agus chan e a‑mhàin seo, ach Rebeca mar an ceudna nuair a rinneadh torrach i o aon#Gen 25:21, 23, eadhon Isaac ar n‑athair‐ne;
11(Oir mun do rugadh na naoidheanan, agus mun do rinn iad math no olc, a‑chum gum biodh rùn Dhè a rèir an taghaidh seasmhach, chan ann o obraichean, ach on tì a ghairmeas;)
12Thubhairteadh rithe, Nì an neach as sine seirbhis don neach as òige.
13A rèir mar a tha e sgrìobhte, Ghràdhaich mi Iàcob#Mal 1:2, 3, ach dh’fhuathaich mi Esau.
14Ciod a their sinn, matà? A bheil eucoir maille ri Dia#Deut 32:4? Nar leigeadh Dia.
15Oir tha e ag ràdh ri Maois, Nì mi tròcair air an neach air an dèan mi tròcair#Ecs 33:19, agus gabhaidh mi truas den neach den gabh mi truas.
16Uime sin chan ann on tì leis an àill, no on tì a ruitheas, ach o Dhia a nì tròcair.
17Oir tha an sgriobtar ag ràdh ri Phàraoh#Ecs 9:16, Is ann a‑chum na crìche seo fhèin a thog mi suas thu, a‑chum gum foillsichinn mo chumhachd annad, agus a‑chum gum biodh m’ainm iomraiteach air feadh na talmhainn uile.
18Uime sin nì e tròcair air an tì as àill leis, agus an tì as àill leis cruadhaichidh e.
19Their thu, matà, rium, Carson a tha e mas eadh a’ faghail croin? Oir cò a chuir an aghaidh a thoile#2 Each 20:6; Daniel 4:35?
20Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e#Isa 29:16, Carson a rinn thu mi mar seo?
21Nach eil cumhachd aig a’ chreadhadair air a’ chriadh#Isa 64:8, ionnas gun dèanadh e den aon mheall aon soitheach a‑chum urraim, agus soitheach eile a‑chum eas‐urraim?
22Ciod mas e, air a bhith do Dhia toileach a fhearg a nochdadh, agus a chumhachd a dhèanamh aithnichte, gun d’fhuiling e le mòr fhad‐fhulangas#Àir 14:11, 18; 1 Pead 3:20 soithichean na feirge#2 Tim 2:20 air an ullachadh a‑chum sgrios:
23Agus a‑chum gun dèanadh e aithnichte saoibhreas a ghlòire#Eph 1:18 air soithichean na tròcair, a dh’ullaich e ro‑làimh a‑chum glòire#1 Tes 5:9,
24Eadhon sinne a ghairm e, chan e a‑mhàin de na h‑Iùdhaich, ach mar an ceudna de na Cinnich#Eph 2:11, 18?
25Mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an Hosèa, Goiridh mi mo phoball dhiubhsan nach robh nam poball dhomh#Hos 2:23; agus bean ghràdhach dhithse nach robh gràdhach.
26Agus tàrlaidh, anns an ionad anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo phoball‐sa#Hos 1:10; an sin gun goirear clann an Dè bheò dhiubh.
27Tha Esaias mar an ceudna ag èigheach mu thimcheall Israeil#Isa 10:22, 23, Ged tha àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fairge, is fuidheall a thèarnar.
28Oir crìochnaichidh e an obair, agus gearraidh e goirid i ann an ceartas: do bhrìgh gun dèan an Tighearna obair ghoirid air an talamh#Isa 28:22.
29Agus mar a thubhairt Esaias roimhe#Isa 1:9, Mura fàgadh Tighearna nan sluagh sìol againn, dhèante sinn mar Shòdom, agus bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah.
30Ciod a their sinn mas eadh? Gun do ràinig na Cinnich#Ròm 10:20, nach robh a’ leantainn fìreantachd, air fìreantachd, eadhon an fhìreantachd a tha o chreideamh#Ròm 1:17; Philip 3:9:
31Ach cha do ràinig Israel, a bha a’ leantainn lagh na fìreantachd#Ròm 10:2; 11:7, air lagh na fìreantachd.
32Carson? A chionn nach ann o chreideamh, ach mar gum b’ann o obraichean an lagha a dh’iarr iad i: oir thuislich iad air a’ chloich‐thuislidh sin#Mat 21:42, 44; 1 Pead 2:6‐8;
33Mar a tha e sgrìobhte, Feuch, cuiream ann an Sion clach‐thuislidh, agus carraig oilbheim: agus gach neach a chreideas annsan, cha chuirear gu nàire e#Isa 8:14.
Currently Selected:
Ròmanach 9: ABIG
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017