YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanach 10

10
1 Tha an sgriobtair a’ nochdadh an eadar‐dhealachaidh a tha eadar fìreantachd an lagha, agus a’ chreidimh; 11 agus nach cuirear a h‑aon de na h‑Iùdhaich, no de na Cinnich sin uile a chreideas fo amhluadh.
1A bhràithrean, is e dùrachd mo chridhe, agus m’ùrnaigh ri Dia airson Israeil, gum biodh iad air an tèarnadh.
2Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhaibh, gu bheil eud aca a‑thaobh Dhè#Ròm 9:31; Gnìo 21:20, ach chan ann a rèir eòlais.
3Oir air dhaibh a bhith aineolach air fìreantachd Dhè#Ròm 1:17, agus ag iarraidh am fìreantachd fhèin a chur air chois#Philip 3:9, cha do strìochd iad do fhìreantachd Dhè.
4Oir is e Crìosd crìoch an lagha a‑chum fìreantachd do gach neach a chreideas#Eabh 10:14.
5Oir tha Maois a’ cur an cèill na fìreantachd a tha on lagh, eadhon, An duine a nì na nithean sin, gum bi e beò leo#Lebh 18:5.
6Ach mar seo tha an fhìreantachd a tha o chreideamh ag ràdh, Na abair nad chridhe, Cò a thèid suas air nèamh#Deut 30:12‐14? (sin ri ràdh, a thoirt Chrìosd a‑nuas;)
7No, Cò a thèid sìos don doimhne? (sin ri ràdh, a thoirt Chrìosd a‑rìs air ais o na mairbh:)
8Ach ciod a tha i ag ràdh? Tha m’fhacal am fagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe: is e sin facal a’ chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh,
9Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa#1 Eòin 4:2, agus ma chreideas tu ann ad chridhe#Gnìo 8:37 gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.
10Oir is ann leis a’ chridhe a chreidear a‑chum fìreantachd, agus leis a’ bheul a dh’aidichear a‑chum slàinte.
11Oir tha an sgriobtar ag ràdh, Ge bè neach a chreideas annsan cha nàraichear e#Isa 28:16; 49:23.
12Oir chan eil eadar‐dhealachadh eadar an t‑Iùdhach agus an Greugach#Gnìo 15:9; Gal 3:28: oir an aon Tighearna a tha os cionn nan uile#1 Tim 2:5, tha e saoibhir do na h‑uile a ghairmeas air.
13Oir ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna tèarnar e#Ioel 2:32.
14Ach cionnas a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus cionnas a chreideas iad anns an tì air nach cuala iad iomradh? Agus cionnas a chluinneas iad gun searmonaiche?
15Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha#Isa 52:7; Nah 1:15!
16Ach cha robh iad uile umhail don t‑soisgeul#Gnìo 28:24; Eabh 4:2. Oir tha Esaias ag ràdh, A Thighearna, cò a chreid ar n‑aithris‐ne#Isa 53:1?
17Uime sin, is ann o èisdeachd#10:17 am facal ceudna a tha air eadar‐theangachadh ‘aithris’. a thig creideamh, agus èisdeachd tre fhacal Dhè.
18Ach tha mi ag ràdh, Nach cuala iad? Chuala gu deimhinn, chaidh am fuaim air feadh gach tìre a‑mach#Salm 19:4; Mat 28:19; Col 1:6, 23, agus am briathran gu iomallan an domhain.
19Ach tha mi ag ràdh, Nach robh fhios aig Israel? Air tùs, tha Maois ag ràdh, Cuiridh mi eud oirbh le Cinneach nach eil nan Cinneach#Deut 32:21, agus le Cinneach neo‐thuigseach cuiridh mi fearg oirbh.
20Ach tha Esaias ro‑dhàn, agus tha e ag ràdh, Fhuaireadh mi leòsan nach d’iarr mi#Isa 65:1, 2; dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach d’fheòraich air mo shon.
21Ach ri Israel tha e ag ràdh, Shìn mi a‑mach mo làmhan rè an là gu h‑iomlan ri poball eas‐umhail agus a labhras am aghaidh.

Currently Selected:

Ròmanach 10: ABIG

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in