Ròmanach 7
7
1 Chan eil aig an lagh cumhachd os cionn duine nas fhaide nas beò e. 4 Ach tha sinne marbh don lagh; 7 gidheadh chan eil an lagh na pheacadh, 12 ach naomh, ceart, agus maith, etc.
1Nach eil fhios agaibh, a bhràithrean (oir is ann riùsan don aithne an lagh a tha mi a’ labhairt), gu bheil tighearnas aig an lagh air duine, am fad is beò e?
2Oir a’ bhean a tha pòsda ri fear#1 Cor 7:39, tha i ceangailte leis an lagh ra fear am fad is beò e: ach ma gheibh a fear bàs, tha i fuasgailte o lagh a fir.
3Uime sin am feadh is beò a fear, ma phòsar i ri fear eile#Mat 5:32, goirear ban‐adhaltranach dhith: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor on lagh sin, air chor is nach ban‐adhaltranach i, ged robh i aig fear eile.
4Air an adhbhar sin, mo bhràithrean, tha sibhse mar an ceudna marbh don lagh#Gal 5:18 tre chorp Chrìosd; ionnas gum biodh sibh pòsda ri fear eile, eadhon ris‐san a thogadh o na mairbh, a‑chum gun tugamaid toradh a‑mach do Dhia#Gal 5:22.
5Oir nuair a bha sinn anns an fheòil#Ròm 8:8, 9, bha miannan nam peacaidhean, tre an lagh, ag obrachadh nar buill, a‑chum toradh a thoirt a‑mach gu bàs#Ròm 6:21.
6Ach a‑nis tha sinn air ar dèanamh saor on lagh, air dha sin a bhith marbh leis an do chumadh sinn; a‑chum gun dèanamaid seirbhis ann an nuadhachd spioraid, agus chan ann ann an aosmhorachd na litreach.
7Ciod uime sin a their sinn? A bheil an lagh na pheacadh? Nar leigeadh Dia. Chan eadh, cha b’aithne dhomh peacadh, ach tre an lagh#Ròm 3:20: oir cha bhiodh eòlas agam air sannt, mura abradh an lagh, Na sanntaich#Ecs 20:17.
8Ach air don pheacadh fàth a ghlacadh tre an àithne, dh’obraich e annam gach uile ghnè an‑tograidh: oir as eugmhais an lagha bha am peacadh marbh.
9Oir bha mise beò as eugmhais an lagha uair‐eigin: ach air teachd don àithne, dh’ath‐bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bàs.
10Agus an àithne a dh’òrdaicheadh a‑chum beatha#Ecs 20:11, etc., fhuaireadh dhòmhsa a‑chum bàis i.
11Oir air don pheacadh fàth a ghlacadh tre an àithne, mheall e mi, agus le sin mharbh e mi.
12Air an adhbhar sin tha an lagh naomh#Salm 19:7‐9; agus tha an àithne naomh, agus cothromach, agus math.
13Uime sin an do rinneadh an nì sin a bha math na bhàs dhòmhsa? Nar leigeadh Dia. Ach rinneadh am peacadh mar sin, a‑chum gum faicte gur peacadh e, ag obrachadh bàis annamsa, leis an nì sin a tha math: a‑chum tre an àithne gum fàsadh am peacadh ro‑pheacach.
14Oir tha fhios againn gu bheil an lagh spioradail: ach tha mise feòlmhor, air mo reic fon pheacadh#2 Rìgh 17:17.
15Oir an nì a tha mi a’ dèanamh, cha taitneach leam e: oir an nì a b’àill leam, chan e a tha mi a’ dèanamh; ach an nì as fuathach leam, is e sin a tha mi a’ dèanamh.
16Uime sin ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, tha mi ag aontachadh leis an lagh, gu bheil e math.
17A‑nis, matà, cha mhise nas mò a tha a’ dèanamh seo, ach am peacadh a tha a’ gabhail còmhnaidh annam.
18Oir tha fhios agam, annamsa (sin ri ràdh, ann am fheòil) nach eil math sam bith a’ gabhail còmhnaidh#Gen 6:5: oir tha an toil an làthair maille rium, ach dòigh sam bith a‑chum math a dhèanamh chan eil mi a’ faotainn:
19Oir chan eil mi a’ dèanamh a’ mhaith a bu mhiann leam#Gal 5:17: ach an t‑olc nach b’àill leam, is e sin a tha mi a’ dèanamh.
20A‑nis ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, cha mhise nas mò a tha a’ dèanamh seo, ach am peacadh a tha a’ gabhail còmhnaidh annam.
21Uime sin tha mi a’ faotainn lagha, nuair a b’àill leam am math a dhèanamh, gu bheil an t‑olc an làthair agam.
22Oir tha tlachd agam ann an lagh Dhè#Salm 1:2; 119:97‐104, a rèir an duine an taobh a‑staigh#2 Cor 4:16; 1 Pead 3:4:
23Ach tha mi a’ faicinn lagha eile am bhuill#Ròm 6:13, 19; Gal 5:17‐24, a’ cogadh an aghaidh lagh m’inntinn, agus gam thoirt am bruid do lagh a’ pheacaidh#Salm 142:7, a tha ann am bhuill.
24Och is duine truagh mi#Salm 38:2, 10; 77:3‐9! Cò a shaoras mi o chorp a’ bhàis seo#Ròm 6:6?
25Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia#1 Cor 15:57, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Uime sin, tha mise fhèin leis an inntinn a’ dèanamh seirbhis do lagh Dhè; ach leis an fheòil do lagh a’ pheacaidh.
Currently Selected:
Ròmanach 7: ABIG
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017