1
Ròmanach 7:25
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Uime sin, tha mise fhèin leis an inntinn a’ dèanamh seirbhis do lagh Dhè; ach leis an fheòil do lagh a’ pheacaidh.
Compare
Explore Ròmanach 7:25
2
Ròmanach 7:18
Oir tha fhios agam, annamsa (sin ri ràdh, ann am fheòil) nach eil math sam bith a’ gabhail còmhnaidh: oir tha an toil an làthair maille rium, ach dòigh sam bith a‑chum math a dhèanamh chan eil mi a’ faotainn
Explore Ròmanach 7:18
3
Ròmanach 7:19
Oir chan eil mi a’ dèanamh a’ mhaith a bu mhiann leam: ach an t‑olc nach b’àill leam, is e sin a tha mi a’ dèanamh.
Explore Ròmanach 7:19
4
Ròmanach 7:20
A‑nis ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, cha mhise nas mò a tha a’ dèanamh seo, ach am peacadh a tha a’ gabhail còmhnaidh annam.
Explore Ròmanach 7:20
5
Ròmanach 7:21-22
Uime sin tha mi a’ faotainn lagha, nuair a b’àill leam am math a dhèanamh, gu bheil an t‑olc an làthair agam. Oir tha tlachd agam ann an lagh Dhè, a rèir an duine an taobh a‑staigh
Explore Ròmanach 7:21-22
6
Ròmanach 7:16
Uime sin ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, tha mi ag aontachadh leis an lagh, gu bheil e math.
Explore Ròmanach 7:16
Home
Bible
Plans
Videos