Gnìomharan 24
24
1 Air do Phòl a bhith air a chasaid le Tertullus an teangair, 10 fhreagair e air a shon fhèin a‑thaobh a chaitheamh‐beatha agus a theagaisg: 24 shearmonaich e Crìosd don uachdaran agus da mhnaoi. 26 Bha sùil aigesan ri airgead fhaotainn uaith, ach ann an dìomhain.
1Agus an ceann còig làithean na dhèidh sin chaidh Ananias#Gnìo 23:2; 25:2 an t‑àrd‐shagart sìos maille ris na seanairean, agus ri Tertullus, fear‐tagraidh àraidh, muinntir a nochd iad fhèin an làthair an uachdarain an aghaidh Phòil.
2Agus nuair a ghairmeadh a‑mach e, thòisich Tertullus air a chasaid, ag ràdh, Do bhrìgh gu bheil sinn tromhadsa a’ mealtainn mòr‐shìth, agus gun do rinneadh iomadh deagh ghnìomh don chinneach seo tre do ghliocas‐sa,
3Tha sinn a’ gabhail ri seo, anns gach àm agus anns gach àite, Fhelics ro‑òirdheirc, leis gach uile bhuidheachas.
4Ach, a‑chum nach cuirinn mòr‐mhoille ort, guidheam ort, ded shuairceas gun èisd thu rinn gu h‑ath‐ghoirid.
5Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh#Gnìo 6:13; 17:6; 21:8, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann‐feadhna do luchd saobh‐chreideamh nan Nàsarènach.
6Neach mar an ceudna a thogair an teampall a thruailleadh#Gnìo 19:37; 21:28; agus a ghlac sinne, agus b’àill leinn breith a thoirt air a rèir ar lagha fhèin:
7Ach air teachd do Lisias an t‑àrd‐cheannard oirnn, thug e le mòr‐ainneart as ar làmhan e,
8Ag àithneadh da luchd‐casaid teachd ad ionnsaigh‐sa#Gnìo 23:30; neach om faod thu, le a cheasnachadh, fios fhaotainn air na h‑uile nithean a tha sinne a’ cur as a leth.
9Agus dh’aontaich na h‑Iùdhaich mar an ceudna, ag ràdh gu robh na nithean seo mar sin.
10An sin air don uachdaran smèideadh air Pòl e a labhairt, fhreagair esan, Is mò mo mhisneach gu freagairt air mo shon fhèin, gu bheil fhios agam gu robh thusa rè mòran bhliadhnachan ad bhritheamh air a’ chinneach seo:
11Oir faodaidh tu fios fhaotainn, nach mò na dà‑là‑dheug o chaidh mi suas gu Ierusalem a dhèanamh adhraidh#Gnìo 21:15.
12Agus cha d’fhuair iad mi a’ deasbaireachd ri aon neach anns an teampall#Gnìo 25:8; 28:17, no a’ brosnachadh an t‑sluaigh gu ceannairc, aon chuid anns na sionagogan, no anns a’ bhaile:
13Cha mhò as urrainn iad na nithean sin a dhearbhadh a tha iad a’ cur as mo leth#1 Pead 3:16.
14Ach tha mi ag aideachadh seo dhutsa, gur ann a rèir na slighe sin ris an abair iadsan saobh‐chreideamh, a tha mise a’ dèanamh adhraidh do Dhia m’athraichean#Mic 4:5; 2 Tim 1:3, a’ creidsinn nan uile nithean a tha sgrìobhte anns an lagh agus anns na fàidhean#Gnìo 26:22; 28:23:
15Agus tha dòchas agam ann an Dia#Gnìo 23:6, etc.; 26:6, 7; 28:20, etc., ris a bheil sùil mar an ceudna aca fhèin, gun tig aiseirigh nam marbh#Daniel 12:2; Eòin 5:28, 29; 1 Cor 15:12‐27; Tais 20:6, 13, nam fìrean araon agus nan neo‐fhìrean.
16Agus an seo tha mi a’ saothrachadh a‑ghnàth cogais neo‐lochdach a bhith agam a‑thaobh Dhè#Gnìo 23:1; 1 Tim 3:9, agus a‑thaobh dhaoine.
17A‑nis an dèidh mòran bhliadhnachan, thàinig mi a thoirt dèirce a‑chum mo chinnich#Gnìo 11:29, 30; Ròm 15:25, agus thabhartas.
18Air a seo fhuair Iùdhaich àraidh on Asia mi air mo ghlanadh anns an teampall, gun sluagh, agus gun bhuaireas;
19Muinntir dom bu chòir a bhith an seo ad làthair‐sa, agus m’agairt#Gnìo 23:30; 25:16, nam biodh nì sam bith aca am aghaidh.
20No abradh iad seo fhèin, ma fhuair iad eucoir sam bith annam, nuair a sheas mi an làthair na comhairle;
21Mura ann a‑mhàin airson an aon fhacail seo, a ghlaodh mi am sheasamh nam measg, gur ann airson aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt gu breitheanas leibhse an‑diugh.
22Agus nuair a chuala Felics na nithean seo, air dha eòlas na bu choileanta a bhith aige air an t‑slighe sin, chuir e air dàil iad, ag ràdh, Nuair a thig Lisias an t‑àrd‐cheannard#Gnìo 24:7 a‑nuas, làn‐rannsaichidh mi ur cùis.
23Agus dh’àithn e do cheannard‐ceud Pòl a ghleidheadh, agus e a bhith fuasgailte aige, agus gun neach de a mhuinntir fhèin a bhacadh o fhrithealadh dha#Gnìo 27:3; 28:16, no teachd da ionnsaigh.
24Agus an dèidh làithean àraidh, nuair a thàinig Felics maille ra mhnaoi Drusilla, a bha na ban‐Iùdhaich, chuir e fios air Pòl, agus dh’èisd e ris mu thimcheall a’ chreidimh ann an Crìosd.
25Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd#Ier 22:15‐17; Daniel 4:27; Eòin 16:8, stuaim#Gnà 31:4, 5; Daniel 5:1‐4; Hos 7:5; 1 Pead 4:4, agus breitheanas ri teachd#Daniel 12:2; Mat 25:31‐46; 2 Cor 5:10; Tais 20:12, ghabh Felics eagal mòr#Isa 32:11; Hab 3:16, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo#Gnà 1:24‐32; Mat 22:5; 25:1‐10; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.
26Bha dùil aige mar an ceudna gu rachadh airgead a thoirt dha le Pòl#Ecs 23:8, a‑chum gum fuasgladh e e: uime sin chuir e fios air na bu trice, agus labhair e ris.
27Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich#Gnìo 25:9; Marc 15:15, dh’fhàg e Pòl ceangailte.
Currently Selected:
Gnìomharan 24: ABIG
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017