YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 23

23
1 Thagair Pòl a chùis. 2 Dh’òrdaich Ananias a bhualadh. 7 Connsachadh am measg a luchd‐casaid. 11 Thug Dia misneach dha. 14 Nochdadh foill nan Iùdhach an aghaidh Phòil don àrd‐cheannard. 23 Chuir e e gu Felics an t‑uachdaran.
1Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh#Gnìo 24:16; 2 Cor 1:12; Eabh 13:18.
2Agus dh’àithn an t‑àrd‐shagart Ananias dhaibhsan, a bha nan seasamh làimh ris, a bhualadh air a’ bheul.
3An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha#Deut 25:1, 2; Eòin 7:51 ag òrdachadh mo bhualadh?
4Agus thubhairt iadsan a sheas làimh ris, A bheil thusa a’ toirt ana‑cainnt do àrd‐shagart Dhè?
5An sin thubhairt Pòl, Cha robh fhios agam, a bhràithrean, gum b’e an t‑àrd‐shagart e: oir tha e sgrìobhte, Na labhair olc mu uachdaran do phobaill#Ecs 22:25.
6Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise#Gnìo 26:5; Philip 3:5, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas#Gnìo 24:15, 21; 26:6; 28:20.
7Agus air dhàsan seo a labhairt, dh’èirich còmhstri eadar na Pharasaich agus na Sadusaich: agus roinneadh an coitheanal an aghaidh a chèile.
8Oir tha na Sadusaich ag ràdh nach eil aiseirigh, no aingeal, no spiorad ann#Mat 22:23; Marc 12:18; Lùc 20:27; ach tha na Pharasaich ag aideachadh gach aoin dhiubh.
9Agus dh’èirich gàir mhòr: agus air seasamh suas do na sgrìobhaichean a bha air taobh nam Pharasach, chathaich iad nan aghaidh, ag ràdh, Chan eil sinne a’ faotainn cron air bith anns an duine seo: ach ma labhair spiorad no aingeal ris, na cogamaid an aghaidh Dhè#Gnìo 5:39.
10Agus nuair a dh’èirich connsachadh mòr eatorra, air don àrd‐cheannard a bhith fo eagal gu rachadh Pòl a tharraing as a chèile leo, dh’àithn e do na saighdearan dol sìos, agus esan a thogail leis an làimh làidir as am meadhon, agus a thoirt don chaisteal.
11Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris#Gnìo 18:9; 27:23, 24; Salm 46:1, 7, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall‐sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh#Gnìo 28:30, 31; Ròm 1:15.
12Agus air teachd don là, chruinnich dream àraidh de na h‑Iùdhaich an ceann a chèile, agus chuir iad iad fhèin fo mhallachadh#Gnìo 23:21, 30; Gnìo 25:3, ag ràdh nach itheadh agus nach òladh iad gus am marbhadh iad Pòl.
13Agus bha iad os cionn dà‑fhichead fear a rinn an co‑mhionnachadh seo.
14Agus thàinig iad a‑chum nan àrd‐shagart, agus nan seanairean, agus thubhairt iad, Chuir sinne sinn fhèin fo àrd‐mhallachadh, nach blaiseamaid nì sam bith gus am marbhamaid Pòl.
15A‑nis uime sin iarraibh‐se maille ris a’ chomhairle air an àrd‐cheannard, gun tugadh e dur n‑ionnsaigh‐se e a‑màireach, mar gum biodh a rùn oirbh fios fhaotainn na bu choileanta air nì‑eigin ma thimcheall; agus tha sinne deas a‑chum esan a mharbhadh, mun tig e am fagas dhuibh.
16Agus nuair a chuala mac‐peathar Phòil am feall‐fhalach seo, thàinig e, agus air dha dol a‑steach don chaisteal, dh’innis e sin do Phòl.
17An sin ghairm Pòl da ionnsaigh aon de na ceannardan‐ceud, agus thubhairt e, Thoir an t‑òganach seo a‑chum an àrd‐cheannaird; oir tha nì àraidh aige ri innse dha.
18An sin thug e leis e, agus threòraich e e a‑chum an àrd‐cheannaird, agus thubhairt e, Ghairm Pòl am prìosanach mise da ionnsaigh, agus ghuidh e orm an t‑òganach seo a thoirt ad ionnsaigh‐sa, aig a bheil nì‑eigin ri innse dhut.
19An sin rug an t‑àrd‐cheannard air a làimh, agus chaidh e a lethtaobh an uaigneas maille ris, agus dh’fheòraich e dheth, Ciod a tha agad ri innse dhòmhsa?
20Agus thubhairt esan, Rinn na h‑Iùdhaich comhairle iarraidh ortsa gun tugadh tu Pòl a‑màireach don chomhairle, mar gum biodh iad gu rannsachadh nas gèire a dhèanamh air nì‑eigin ma thimcheall.
21Ach na aontaich thusa leo: oir tha os cionn dà‑fhichead fear dhiubh ri feall‐fhalach na aghaidh, a chuir iad fhèin fo mhallachadh, nach ith agus nach òl iad gus am marbh iad e: agus a‑nis tha iad ullamh, a’ feitheamh ri gealladh uatsa.
22An sin leig an t‑àrd‐cheannard uaithe an t‑òganach, agus dh’àithn e dha, ag ràdh, Feuch nach innis thu do neach sam bith gun d’fhoillsich thu na nithean seo dhòmhsa.
23Agus ghairm e da ionnsaigh dà cheannard‐ceud, agus thubhairt e, Ullaichibh dà cheud saighdear a thèid gu Cesarèa, agus deich agus trì‐fichead marcach, agus dà cheud fear‐sleagha, air an treas uair den oidhche.
24Agus ullaichibh eich, a‑chum air dhaibh Pòl a chur orra, gun toir iad e gu tèarainte a‑chum an uachdarain Felics.
25Agus sgrìobh e litir air a’ mhodh seo:
26Beatha agus slàinte o Chlaudius Lisias, a‑chum an uachdarain ro‑òirdheirc Felics.
27Ghlacadh an duine seo leis na h‑Iùdhaich#Gnìo 21:33; 24:7, agus nuair a bha iad air tì a mharbhadh, thàinig mise orra le saighdearan, agus theasairg mi e, a’ tuigsinn gum bu Ròmanach e.
28Agus air dhomh a bhith toileach air fios an adhbhair fhaotainn airson an d’agair iad e, thug mi sìos e a‑chum an comhairle‐san#Gnìo 22:30:
29Agus thuig mi gu robh e air agairt mu cheistean den lagh fhèin#Gnìo 25:19, gun nì sam bith air a chur as a leth a b’airidh air bàs no air ceanglaichean#Gnìo 26:31.
30Ach nuair a dh’innseadh dhomh gu robh na h‑Iùdhaich gu foill a chaitheadh air an duine, air ball chuir mi ad ionnsaigh‐sa e, agus thug mi àithne mar an ceudna da luchd‐casaid gach cùis a bha aca na aghaidh a chur an cèill ad làthair‐sa. Slàn leat.
31An sin air do na saighdearan Pòl a ghabhail, a rèir mar a dh’àithneadh dhaibh, thug iad anns an oidhche e gu Antipatris.
32Agus air an là màireach leig iad don mharc‐shluagh dol leis, agus thill iad fhèin don chaisteal.
33Agus nuair a chaidh iad a‑steach do Chesarèa, agus a thug iad an litir don uachdaran, chuir iad mar an ceudna Pòl na fhianais.
34Agus nuair a leugh an t‑uachdaran an litir, dh’fhiosraich e ciod an dùthaich on robh e. Agus nuair a thuig e gur ann o Chilicia a bha e#Gnìo 21:39,
35Thubhairt e, Eisdidh mi riut, nuair a thig do luchd‐casaid mar an ceudna#Gnìo 24:1, etc.; 25:16. Agus dh’àithn e esan a choimhead ann an talla‑breitheanais Heroid#Mat 27:27.

Currently Selected:

Gnìomharan 23: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in