Skip to content

Gnìomhan 14

14
Ann an Iconium
1A‑nis ann an Iconium chaidh iad còmhla a‑steach dhan t‑sionagog Iùdhach agus bhruidhinn iad ann an leithid de dhòigh is gun do chreid àireamh mhòr de dh'Iùdhaich agus de Ghreugaich. 2Ach dhùisg na h‑Iùdhaich eas‑creidmheach suas na Cinnich is phuinnseanaich iad an inntinnean an aghaidh nam bràithrean. 3Mar sin dh'fhan iad an sin airson ùine fhada, a' bruidhinn gu dàn airson an Tighearna, a thog fianais mu fhacal a ghràis, a' ceadachadh gun robh comharraidhean is iongantasan air an dèanamh len làmhan. 4Ach bha sluagh a' bhaile air an roinn; bha cuid dhiubh le na h‑Iùdhaich agus cuid eile le na h‑abstoil. 5Nuair a chuir an dà chuid Cinnich is Iùdhaich – cuide ri na riaghladairean aca – romhpa droch làimhseachadh a dhèanamh orra 's an clachadh, 6fhuair iad fios air agus theich iad gu bailtean de Licaonia, Listra is Derbe, agus an dùthaich mun cuairt, 7agus an sin chùm iad orra a' searmonachadh an t‑soisgeil.
Ann an Listra agus ann an Derbe
8A‑nis aig Listra bha duine na shuidhe aig nach robh lùths na chasan, na chrioplach o bhroinn a mhàthar, fear nach do choisich riamh. 9Dh'èist e ri Pòl a' bruidhinn. Agus thuirt Pòl – a' geur‑amharc air agus a' faicinn gun robh creideamh aige gus a bhith air a dhèanamh slàn – 10ann an guth àrd, “Seas suas gu dìreach air do chasan!” Agus leum e suas is thòisich e air coiseachd.
11Agus nuair a chunnaic an sluagh an rud a bha Pòl air a dhèanamh, thog iad suas an guth, ag ràdh ann an cànan Licaonia, “Tha na diathan air tighinn a‑nuas thugainn ann an coltas dhaoine!” 12Ghabh iad Seus air Barnabas agus Hermes air Pòl, a chionn 's gum b' esan am prìomh neach‑labhairt. 13Agus thug sagart teampaill Sheuis, a bha taobh a‑muigh a' bhaile, daimh is cearcaill‑fhlùraichean gu na geatachan agus bha e ag iarraidh ìobairt a dhèanamh cuide ri na slòigh.
14Ach nuair a chuala na h‑abstoil Barnabas is Pòl seo, shrac iad am badan aodaich agus ruith iad a‑mach dhan t‑sluagh, ag èigheach, 15“A dhaoine, carson a tha sibh a' dèanamh nan rudan seo? 'S e daoine a th' annainne cuideachd, leis an aon seòrsa nàdar ribhse, agus tha sinn a' toirt deagh sgeul thugaibhse, gum bu chòir dhuibh tionndadh o na rudan faoine seo chun an Dè bheò, a rinn nèamh is talamh is an cuan agus a h‑uile rud a th' annta. 16Anns na ginealaich a dh'fhalbh leig e le na nàiseanan uile siubhal nan slighean fhèin. 17A dh'aindeoin sin, cha do dh'fhàg e e fhèin gun fhianais, oir rinn e math le bhith a' toirt uisge dhuibh o nèamh agus ràithean torrach, a' sàsachadh ur cridheachan le biadh is aoibhneas.” 18Fiù 's le na briathran seo bu ghann a chùm iad an sluagh o ìobairt a thairgsinn dhaibh.
19Ach thàinig Iùdhaich o Antioch is o Iconium, agus às dèidh dhaibh na slòigh a thoirt a thaobh, chlach iad Pòl is tharraing iad a‑mach às a' bhaile e, a' saoilsinn gun robh e marbh. 20Ach nuair a chruinnich na deisciobail timcheall air, dh'èirich e agus chaidh e a‑steach dhan bhaile, agus air an ath latha chaidh e còmhla ri Barnabas gu Derbe.
An Tilleadh gu Antioch agus Siria
21Nuair a bha iad air an soisgeul a shearmonachadh dhan bhaile sin agus air mòran dheisciobal a dhèanamh, thill iad gu Listra is gu Iconium is gu Antioch, 22a' neartachadh anman nan deisciobal, agus gam misneachadh gus a bhith a' leantainn orra sa chreideamh, agus ag ràdh gur ann tro iomadh àmhghar a dh'fheumas sinn a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè. 23Agus nuair a bha iad air èildearan a shuidheachadh dhaibh anns gach eaglais, às dèidh ùrnaigh a dhèanamh le trasgadh, dh'earb iad iadsan dhan Tighearna san robh iad air creidsinn. 24An uair sin chaidh iad tro Phisidia agus thàinig iad gu Pamphilia. 25Agus nuair a bha iad air facal Dhè a bhruidhinn ann am Perga, chaidh iad sìos gu Atàlia.
26Às a sin sheòl iad gu Antioch, far an robh iad air a bhith air an earbsadh do ghràs Dhè 's airson na h‑obrach a choilean iad. 27Agus nuair a ràinig iad is a chruinnich iad an eaglais còmhla, dh'aithris iad a h‑uile sìon a bha Dia air a dhèanamh leotha, agus mar a bha e air doras creideimh fhosgladh dha na Cinnich. 28Agus cha do dh'fhan iad ùine fhada còmhla ris na deisciobail.