Gnìomhan 13
13
Barnabas agus Saul a' Togail Orra
1A‑nis san eaglais a bh' ann an Antioch bha fàidhean agus luchd‑teagaisg: Barnabas, Simeon ris an canar Niger, Lucius o Chirène, Manaen (a chaidh a thogail còmhla ri Heroid an tetrarc) agus Saul. 2Agus fhad 's a bha iad ag adhradh do Dhia agus a' trasgadh, thuirt an Spiorad Naomh, “Coisrigibh dhòmhsa Saul is Barnabas chun na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.” 3An uair sin às dèidh dhaibh trasgadh agus ùrnaigh a dhèanamh 's an làmhan a shìneadh orra, chuir iad air falbh iad.
Ann an Cìopras
4Mar sin, air an cur a‑mach leis an Spiorad Naomh, chaidh iad sìos gu Seleucia agus às a sin sheòl iad gu Cìopras. 5Agus nuair a ràinig iad Salamis, shearmonaich iad facal Dhè ann an sionagogan nan Iùdhach. Agus bha Eòin cuideachd aca mar neach‑frithealaidh.
6Nuair a bha iad air a dhol tron eilean gu lèir cho fada ri Paphos, fhuair iad draoidh sònraichte, fàidh‑brèige Iùdhach dham b' ainm Bar‑Ìosa. 7Bha e còmhla ris an uachdaran, Sergius Paulus, duine air leth glic, a ghairm Barnabas is Saul thuige agus a dh'iarr facal Dhè a chluinntinn. 8Ach chuir Elimas an draoidh (oir 's e seo ainm air eadar‑theangachadh) nan aghaidh, ag iarraidh an uachdarain a thionndadh air falbh on chreideamh. 9Ach rinn Saul, dham b' ainm cuideachd Pòl, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, geur‑amharc air, 10agus thuirt e, “Ò thusa a tha làn dhen a h‑uile seòrsa ceilg is foill, a mhic an diabhail, a nàmhaid gach uile fhìreantachd, nach sguir thu a chlaonadh slighean dìreach an Tighearna? 11Agus a‑nis, seall, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh thu dall 's gun comas a' ghrian fhaicinn.”
Sa bhad thuit ceò is dorchadas air, agus chaidh e mun cuairt a' sireadh dhaoine a threòraicheadh air làimh e. 12An uair sin chreid an t‑uachdaran, nuair a chunnaic e an rud a bh' air tachairt, oir bha e fo iongnadh mu theagasg an Tighearna.
Ann an Antioch na Pisidia
13A‑nis sheòl Pòl agus a chompanaich o Phaphos is thàinig iad gu Perga ann am Pamphilia; agus dh'fhàg Eòin iad is thill e gu Ierusalem. 14Ach chaidh iadsan air adhart o Pherga agus thàinig iad gu Antioch na Pisidia; agus air an t‑Sàbaid chaidh iad a‑steach dhan t‑sionagog is shuidh iad sìos. 15Às dèidh leughadh on Lagh agus o na Fàidhean, chuir riaghladairean an t‑sionagoig fios thuca, ag ràdh, “A bhràithrean, ma tha facal earalachaidh agaibh dhan t‑sluagh, canaibh e.”
16Mar sin sheas Pòl suas, agus a' smèideadh le a làimh, thuirt e, “Fheara Israeil agus sibhse air a bheil eagal Dhè, èistibh! 17Thagh Dia an t‑sluaigh seo Israel, ar n‑athraichean, agus dh'àrdaich e na daoine aca san àm a dh'fhuirich iad ann an tìr na h‑Èipheit, agus le gàirdean togte thug e a‑mach aiste iad. 18Agus airson mu cheathrad bliadhna chuir e suas leotha san fhàsach. 19Agus às dèidh seachd nàiseanan a sgrios ann an tìr Chanàain, thug e an talamh acasan dhaibh mar dhìleab. 20Agus thug seo uile mu 450 bliadhna.
“Agus às dèidh seo thug e britheamhan dhaibh, gu Samuel am fàidh. 21An uair sin dh'iarr iad rìgh, agus thug Dia dhaibh Saul mac Chis, duine de threubh Bheniàmin, airson ceathrad bliadhna. 22Agus às dèidh dha esan a thoirt às, thog e suas Daibhidh gus a bhith na rìgh dhaibh, air an tug e an fhianais seo: ‘Fhuair mi Daibhidh mac Iese, duine a rèir mo chridhe fhèin, a nì m' uile thoil.’
23“O shliochd an duine seo tha Dia, a rèir a gheallaidh, air Slànaighear a thoirt gu Israel, Ìosa. 24Ro a thighinn‑san, bha Eòin air baisteadh an aithreachais a chur an cèill do shluagh Israeil uile. 25Agus fhad 's a bha Eòin a' crìochnachadh a chùrsa, thuirt e, ‘Dè a tha sibh a' smaoineachadh a th' annamsa? Cha mhise esan. Cha mhi, ach seallaibh, às mo dhèidh tha fear a' tighinn, nach airidh mi air cuarain a chasan fhuasgladh.’
26“A bhràithrean, a chlann cinneach Abrahàim, agus iadsan nur measg air a bheil eagal Dhè, thugainne chaidh teachdaireachd na slàinte seo a chur. 27Oir iadsan a tha a' fuireach ann an Ierusalem, agus na riaghladairean aca, a chionn 's nach do dh'aithnich iad esan no guthan nam fàidhean a th' air an leughadh gach Sàbaid, choilean iadsan iad le bhith ga dhìteadh‑san. 28Agus ged nach d' fhuair iad adhbhar sam bith ann a bha airidh air bàs, dh'iarr iad air Pìlat gum biodh e air a chur gu bàs. 29Agus nuair a bha iad air a h‑uile rud a bha sgrìobhte ma dheidhinn a choileanadh, thug iad a‑nuas on chraoibh e agus chuir iad na shìneadh e ann an tuam. 30Ach thog Dia suas o na mairbh e, 31agus thairis air mòran làithean nochd e riuthasan a bh' air tighinn suas còmhla ris o Ghalile gu Ierusalem, a tha a‑nis nam fianaisean dhàsan dhan t‑sluagh.
32“Agus tha sinne a' toirt thugaibh an deagh sgeòil dhen ghealladh a thug Dia dha na h‑athraichean, 33oir tha e air seo a choileanadh dhuinne, an cuid cloinne‑san, le bhith a' togail Ìosa, mar a tha cuideachd sgrìobhte san dara Salm:
“‘Is tusa mo Mhac;
An‑diugh ghin mi thu.’#Salm 2:7
34“Agus a thaobh na fìrinn gun do thog e suas o na mairbh e, gun a bhith a' tilleadh tuilleadh gu truaillidheachd, tha e air bruidhinn san dòigh seo:
“‘Bheir mise dhuibh beannachdan naomha is cinnteach Dhaibhidh.’#Isa. 55:3
35“Mar sin tha e cuideachd ag ràdh ann an àite eile:
“‘Cha leig thu led Aon Naomh gum faic e truaillidheachd.’#Salm 16:10 (LXX)
36“Oir thuit Daibhidh – às dèidh dha adhbhar Dhè a choileanadh na ghinealach fhèin – na chadal agus chaidh adhlacadh còmhla ri athraichean agus chunnaic e truaillidheachd. 37Ach esan a thog Dia suas, chan fhaca e truaillidheachd.
38-39“Mar sin biodh fios agaibh, a bhràithrean, gu bheil, tron duine seo, mathanas pheacaidhean air a shearmonachadh dhuibh, agus troimhesan tha a h‑uile neach a chreideas air a shaoradh on a h‑uile rud o nach b' urrainn dhuibh a bhith air ur saoradh tro Lagh Mhaois. 40Thugaibh an aire, mar sin, airson 's nach tig an rud a th' air a ràdh anns na fàidhean gu buil:
41“‘Seallaibh, a luchd‑magaidh,
gabhaibh iongnadh agus rachaibh a dhìth,
oir tha mise a' dèanamh obrach
nur làithean‑se
nach creideadh sibh,
fiù 's nan innseadh cuideigin dhuibh.’#Hab. 1:5 (LXX)”
42Fhad 's a bha Pòl is Barnabas a' dol a‑mach, bha na daoine a' guidhe orra gum bruidhneadh iad riutha mu dheidhinn nan rudan seo air an ath Shàbaid. 43Agus às dèidh dhan choitheanal sgaoileadh, lean mòran Iùdhach agus phroseiliteach cràbhach Pòl is Barnabas, a bha a' bruidhinn riutha 's gan cur fo ìmpidh leantainn orra ann an gràs Dhè.
44An ath Shàbaid cha mhòr nach do chruinnich am baile gu lèir a dh'èisteachd ri facal an Tighearna. 45Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, chaidh an lìonadh le eud agus thòisich iad air cur an aghaidh na bha Pòl ag ràdh, 's a' toirt toibheim.
46An uair sin bhruidhinn Pòl is Barnabas a‑mach gu dàn, ag ràdh, “Dh'fheumadh facal Dhè a bhith air a bhruidhinn ribhse an toiseach. Ach air sgàth 's gu bheil sibh ga dhiùltadh agus a' toirt breith nach eil sib' fhèin airidh air a' bheatha shìorraidh, seallaibh, tha sinne a' tionndadh gu na Cinnich. 47Oir mar seo dh'àithn an Tighearna dhuinn:
“‘Rinn mi thu nad sholas dha na Cinnich,
airson 's gum faod thu slàinte a thoirt gu crìochan na talmhainn.’#Isa. 49:6”
48Agus nuair a chuala na Cinnich seo, thòisich iad air gàirdeachas a dhèanamh is facal an Tighearna a ghlòrachadh, agus chreid na h‑uimhir is a bha òrdaichte chun na beatha shìorraidh.
49Agus bha facal an Tighearna a' sgaoileadh air feadh na ceàrnaidh gu lèir. 50Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich na mnathan cràbhach àrd‑inbheil is prìomh dhaoine a' bhaile agus dhùisg iad suas geur‑leanmhainn an aghaidh Phòil is Bharnabais, is thilg iad a‑mach iad às a' cheàrnaidh aca. 51Ach chrath iad dhiubh an dust on casan nan aghaidh agus chaidh iad gu Iconium. 52Agus bha na deisciobail air an lìonadh le aoibhneas is leis an Spiorad Naomh.
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024