YouVersion Logo
Search Icon

Salm 3

3
Salm le Daibhidh, nuair a theich e ro Absalom a mhac.
1A Thighearna, nach lìonmhor a dh’fhàs mo naimhdean? Is iomadh iad a tha ag èirigh am aghaidh.
2Is iomadh iad a their rim anam nach eil furtachd aige ann an Dia. Selah.
3Ach tha thusa, a Thighearna, ad sgèith dhòmhsa; mo ghlòir agus fear-togail mo chinn.
4Lem ghuth dh’èigh mi ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium as a shliabh naomh. Selah.
5Laigh mi sìos agus chaidil mi: dhùisg mi, oir chùm an Tighearna suas mi.
6Chan eagal leam deich mìle sluaigh, a chuir iad fhèin am aghaidh air gach taobh.
7Eirich, a Thighearna; saor mi, O mo Dhia; oir bhuail thu mo naimhdean uile air an gial; bhris thu fiaclan nan aingidh.
8Is leis an Tighearna an fhurtachd; air do shluagh tha do bheannachd. Selah.

Currently Selected:

Salm 3: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy