YouVersion Logo
Search Icon

Salm 2

2
1Carson a ghabh na cinnich boile, agus a smaoinich na slòigh nì dìomhain?
2Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte-san, ag ràdh,
3Briseamaid o chèile an cuibhreach, agus tilgeamaid dhinn an cuing?
4An tì a tha na shuidhe air nèamh, nì e gàire; nì an Tighearna fanaid orra.
5An sin labhraidh e riu na fheirg, agus na chorraich cuiridh e uamhann orra.
6Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.
7Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac-sa; an‑diugh ghin mi thu.
8Iarr orm, agus bheir mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan na talmhainn mar sheilbh.
9Brisidh tu iad le slait iarainn; mar shoitheach creadhadair, pronnaidh tu iad nam bloighdean.
10A‑nis, matà, a rìghrean, bithibh glic; gabhaibh fòghlam, a bhritheamhan na talmhainn.
11Dèanaibh seirbhis don Tighearna le eagal, agus dèanaibh gàirdeachas le ball-chrith.
12Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as.

Currently Selected:

Salm 2: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy