YouVersion Logo
Search Icon

Salm 1

1
1Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd-fanaid:
2Ach aig a bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smaoinicheas air a lagh-san a là agus a dh’oidhche.
3Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.
4Chan ann mar sin a bhios na h‑aingidh, ach mar mholl a sgapas a’ ghaoth.
5Air an adhbhar sin cha seas na h‑aingidh ann am breitheanas, no peacaich ann an coitheanal nam fìrean.
6Oir is aithne don Tighearna slighe nam fìrean, ach sgriosar slighe nan aingidh.

Currently Selected:

Salm 1: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy