YouVersion Logo
Search Icon

Iob 42

42
1An sin fhreagair Iob an Tighearna, agus thubhairt e,
2Tha fhios agam gur urrainn thusa gach nì a dhèanamh, agus nach ceilear smuain air bith ort.
3Cò esan a cheileas comhairle gun eòlas? Uime sin chuir mi an cèill nithean nach do thuig mi; nithean tuilleadh is iongantach air mo shon-sa, nach b’aithne dhomh.
4Eisd, guidheam ort, agus labhraidh mi: feòraichidh mi dhìot, agus foillsich thusa dhomh.
5Le èisdeachd na cluaise chuala mi thu; ach a‑nis chunnaic mo shùil thu.
6Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.
7Ach an dèidh don Tighearna na briathran sin a labhairt ri Iob, thubhairt an Tighearna ri Eliphas an Temanach, Tha m’fhearg air a lasadh ad aghaidh-sa, agus an aghaidh do dhithis chàirdean, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.
8Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris-san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.
9Agus chaidh Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh: agus ghabh an Tighearna ri Iob.
10Agus thionndaidh an Tighearna braighdeanas Iob, nuair a rinn e ùrnaigh airson a chàirdean: agus thug an Tighearna do Iob a dhà uiread is a bha aige roimhe.
11Agus thàinig a bhràithrean uile da ionnsaigh, agus a pheathraichean uile, agus iadsan uile dom b’aithne e roimhe, agus dh’ith iad aran maille ris na thaigh; agus bha truas aca dheth, agus thug iad comhfhurtachd dha a‑thaobh an uilc uile a thug an Tighearna air: agus thug iad dha gach aon dhiubh bonn airgid, agus gach aon dhiubh cluas-fhàinne òir.
12Agus bheannaich an Tighearna crìoch Iob nas mò na a thoiseach; agus bha aige ceithir-mìle-deug caora, agus sia mìle càmhal, agus mìle cuing dhamh, agus mìle asal bhoireann.
13Agus bha aige seachd mic, agus triùir nighean.
14Agus thug e Iemima mar ainm air a’ chiad nighinn, agus Cesiah mar ainm air an dara, agus Ceren-hapuch mar ainm air an treas nighinn.
15Agus cha d’fhuaireadh mnathan cho sgiamhach ri nigheanan Iob anns an tìr uile; agus thug an athair dhaibh oighreachd am measg am bràithrean.
16Agus bha Iob beò na dhèidh seo ceud agus dà‑fhichead bliadhna; agus chunnaic e a mhic, agus mic a mhac, ceithir ginealaichean.
17Agus fhuair Iob bàs na sheann duine agus làn de làithean.

Currently Selected:

Iob 42: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy