Sailm 2
SD1694

Sailm 2

2
1Creud as far ghabh na Geintligh boil',
'ſan pobul fos gu cruinn,
Far ſmuaintigh ſiad beart dhìomhaoinach
nach fédfuidh chur an ſuim?
2Rìoghridh na talmhann déirigh ſiad,
'ſna prionnſidh móra tréun,
Anaghaidh Dé do chruinnig headar,
'ſan tì do ung ſe fein.
3Briſmaid anois a ngcuibhreach dhínn,
(a dubhradar ar fad)
Na boinn do báill leo íathadh oirn,
dhínn tilgemaid gu grad.
4An tí ar neamh na ſhuigh ata,
do ni ſe gáire fó:
Is mar chúis mhagidh beithann ſiad,
don Tighearn' árd, gach lò.
5'N ſin labhraidh ſe a mbriathraibh borb
na chorrigh riu gu garg,
Is cuiridh ſe gu cabhaig iad,
le laſan is le feirg.
6Gidheadh do ungadh leam mo riogh
gu fíor ar Sion caomh;
Is chuir me é na uachdaran
ſuas ar mo thulach naomh.
7Cuirfam a ngcéill an tordug hadh úd:
(dubhairt Jehóbha riom,)
Is tu mo mhacſa; ſann aniugh
do ghineadh thuſa liom.
8Iarr orm, ſmar oighreachd bheiram dhuit
na geintiligh gu léir,
'S Mar Shealbh ro dhíleas bheiram dhuit
fad iomall crìch gach tír.
9Nitar le ſlait don iarunn chruaidh
gu luath a mbriſeadh leat,
Na mbloidaibh bega pronnfar iad
mar phota criadh led neart.
10O' ríoghridh, uime ſin anois
gabhuidhſe ciall gu léir:
A bhreithaimh talmhuinn gabhaidh fos
deadh fhòghlam glan da rèir.
11Don Tighearna Jehobha mór
adhruidhſe dhò gu ceart,
Le heagal dèanuidh ſeirbhis mhaith
do Thighearna na mfeart.
'Sle ballchrith déanaibh gaírdeachas.
12Don mhac is tugaibh póg,
Deagal gu laſadh 'fheargſan ruibh,
dar milleadh ann ſan ród.
An uair do bheithas corrigh air
ag laſadh acht gu beag:
Is beannuight iad gach uile neach
an dòchas air do leag.

Scots Gaelic Synod of Argyle Metrical Psalms 1694 © Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society), 2018.


Learn More About Sailm Dhaibhidh 1694 (Seanadh Earra-ghàidheal)

Encouraging and challenging you to seek intimacy with God every day.


YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy.