YouVersion Logo
Search Icon

Romanaich 7

7
VII. CAIB.
Shaor Criosta sinn bho ʼn lagh, us bho smal a pheacaidh, ged tha ana-miannan fhathast a cogadh ruinn.
1Nach eil fhios agaibh, a bhraithrean, (oir tha mi labhairt ri feadhainn dha ʼn aithne an lagh) gum beil cumhachd aig an lagh thairis air duine fhad ʼs is beo e?
2Oir am boirionnach aig a bheil fear, tha i ceangailte ris an lagh fhad ʼs is beo a fear: ach ma gheobh a fear bàs, tha i fuasgailte bho lagh a fir.
3Uime sin, fhad ʼs is beo a fear, theirear ban-adhaltrach rithe, ma bhios i cuide ri fear eile: ach ma gheobh a fear bàs, tha i air a saoradh bho lagh a fir: air chor ʼs nach ban-adhaltrach i, ged a bhiodh i cuide ri fear eile.
4Uime sin, mo bhraithrean, tha sibhse mar an ciadna marbh do ʼn lagh tromh chorp Chriosta, los gum buin sibh do aon eile a dhʼ eirich a rithist bho na mairbh, ʼs gun toir sinn a mach toradh do Dhia.
5Oir nuair a bha sinn san fheoil, dhʼ oibrich ana-miannan nam peacannan, a bha tromh ʼn lagh, ʼnar buill, gu toradh a thoirt a mach gu bàs.
6Ach tha sinn a nis air ar fuasgladh bho lagh a bhàis, anns an robh sinn an sàs, los gun dian sinn seirbhis le urachd spioraid, ʼs cha n-ann le seanachd na litreach.
7Ciod ma ta a their sinn? Am peacadh an lagh? Fad bho sin. Ach cha bʼ aithne dhomh am peacadh ach tromh ʼn lagh: oir bha mi gun aithne air sannt, mur abradh an lagh: Na sanntaich.
8Ach am peacadh a gabhail fàth bho ʼn fhainte, dhʼ oibrich e unnamsa a h-uile sannt. Oir gun an lagh bha am peacadh marbh.
9Us chaith mise mo bheatha uaireigin as aonais an lagh. Ach nuair a thainig an fhainte, bheothaich am peacadh;
10Agus bhasaich mise; agus an fhainte a dhʼ orduicheadh gu beatha, fhuaradh dhomhsʼ i ʼna h-aobhar bàis.
11Oir am peacadh a gabhail fàth bho ʼn fhainte, mheall e mi, us mharbh e mi leatha.
12Air an aobhar sin tha an lagh gu deimhinn naomh, agus an fhainte naomh, agus ceart, agus math.
13An dʼ rinneadh ma ta sin a tha math ʼna bhas dhomhsa? Fad bho sin. Ach am peacadh, los gum faicear ʼna pheacadh e, dhʼ oibrich e tromh ʼn mhath am bàs dhomhsa; los gum fàs am peacadh tromh ʼn fhainte fos cionn tomhais peacach.
14Oir tha fios againn gum beil an lagh spioradail; ach tha mise feolmhor, air mo reic fo ʼn pheacadh.
15Oir an ni tha mi dianamh, cha n-eil mi ga thuigsinn. Oir am math is toigh leam, cha n-e tha mi dianamh: ach an t-olc is fuathach leam, se tha mi dianamh.
16Le sin ma tha mi dianamh an ni nach toigh leam, tha mi g-aontachadh leis an lagh, gum beil e ceart.
17A nis cha mhise ma ta nas fhaide a tha dianamh sin, ach am peacadh a tha tamh unnam.
18Oir is aithne dhomh nach eil am math a tamh unnam, se sin, na mʼ fheoil. Oir tha an toil gu math deas dhomh: ach math a chur an gniomh, cha n-eil mi faotuinn.
19Oir cha n-e am math is aill leam, a tha mi dianamh: ach se an t-olc nach math leam, a tha mi dianamh.
20A nis ma tha mi a dianamh an ni nach aill leam, cha mhise nas fhaide a tha ga dhianamh, ach am peacadh a tha tamh unnam.
21Leis a sin tha mi a faighinn lagha, nuair tha mhiann orm math a dhianamh, gum beil an t-olc a lathair agam.
22Oir tha mi gabhail tlachd á lagh Dhe a reir leth-a-stigh an duine:
23Ach tha mi faicinn lagh eile na mʼ bhuill a gleachd an aghaidh lagh mʼ inntinn, ʼs gam thoirt fo dhaorsa do lagh a pheacaidh a tha na mʼ bhuill.
24Is truagh an duine mi, co a shaoras mi bho chorp a bhàis so?
25Grasan De tromh Iosa Criosta ar Tighearna. Uime sin tha mise fhein a geilleadh do lagh Dhe leis an inntinn: ach do lagh a pheacaidh leis an fheoil.

Currently Selected:

Romanaich 7: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in