Romanaich 4
4
IV. CAIB.
Cha robh Abraham air a naomhachadh le oibrichean, ach le creideamh ʼs le grasan: agus thachair sin roimh a thimchioll-ghearradh: tha na cinnich ʼnan cloinn do Dhia le creideamh.
1Ciod uime sin a their sinn a fhuair Abraham, ar n-athair a reir na feola?
2Oir ma naomhaicheadh Abraham le oibrichean, tha aobhar uaill aige, ach cha n-ann a thaobh Dhe.
3Oir ciod tha ʼn sgriobtur a g-radh? Chreid Abraham Dia; us mheasadh sin dha gu ceartas.
4A nis dhasan a tha g-oibreachadh, cha n-eil an tuarasdal air a mheas mar ghean-math, ach mar fhiachan.#4.4 IV. 4. a nis dhasan a tha g-oibreachadh, &c. Mar gum bʼ ann bhuaithe fhein, no le neart fhein. Tha leithid so de dhuine, ars an t-ostal, a g-agairt a dhuais mar ainfheach, as leth a dhianadais fhein; an aite gum beil esan, nach eil a g-oibreachadh, se sin leis an dana earbsa chur à gniomhran diante le neart fhein, ach a tha g-iarraidh naomhachd tromh chreideamh us ghrasan, air a naomhachadh gu saor tromh ghrasan De.
5Ach dhasan nach eil a g-oibreachadh, ach a tha creidsinn annsan a tha naomhachadh nan neo-dhiadhaidh, tha a chreideamh air a mheas gu ceartas a reir beachd grasan De.
6Mar tha Dài cuideachd a cur an ceill sonas an duine, dha ʼm beil Dia meas ceartais gun oibrichean:
7Is beannaichte iadsan, dha ʼn do mhathadh an lochdan, us dha ʼn do dhubhadh as am peacannan.
8Is beannaichte an duine nach do chuir an Tighearna peacadh as a leth.
9Am beannachadh so ma ta, an ann san timchioll-ghearradh a mhain a tha e fantuinn, no bheil e san neo-thimchioll-ghearradh mar an ciadna? Oir tha sinn a g-radh gun do mheasadh creideamh do Abraham gu ceartas.
10Ciamar a mheasadh e ma ta? An ann san timchioll-ghearradh, no san neo-thimchioll-ghearradh? Cha n-ann san timchioll-ghearradh, ach san neo-thimchioll-ghearradh.
11Us fhuair e comharradh an timchioll-ghearraidh, seul air ceartas a chreidimh, a bhʼ aige san neo-thimchioll-ghearradh; gus e bhith ʼna athair acasan uile a tha creidsinn gun an timchioll-ghearradh, los gum measar dhaibh-san e cuideachd gu ceartas;
12Agus gus e bhith ʼna athair do ʼn timchioll-ghearradh, cha n-ann a mhain do luchd an timchioll-ghearraidh, ach dhaibhse cuideachd a tha leanail ceuman a chreidimh, a tha ann an neo-thimchioll-ghearradh ar n-athar Abraham.
13Oir cha bʼ ann tromh ʼn lagh a thugadh an gealladh do Abraham, no dha shliochd, gum biodh e ʼna oighre air an t-saoghal, ach tromh cheartas creidimh.
14Oir ma ʼs oighreachan iadsan a tha dhe ʼn lagh, tha creideamh gun bhrigh, tha an gealladh gun stath.
15Oir se fearg a tha an lagh a g-oibreachadh. Oir far nach eil lagh, cha n-eil bristeadh lagha.
16Mar so ʼsann bho chreideamh a tha e, los, a reir nan gras, gum biodh an gealladh daingeann do ʼn t-sliochd uile; cha n-ann a mhain dhasan a tha dhe ʼn lagh, ach dhasan mar an ciadna, a tha de chreideamh Abrahaim, agus is esan ar n-athair-ne uile,
17(Mar tha e sgriobhte: Rinn mi thu na tʼ athair ioma cinnidh), an lathair Dhe, anns an do chreid e, ʼsa tha beothachadh nam marbh, ʼsa gairm nan nichean nach eil, mar nan nichean a tha.
18Chreid esan ann an dochas an aghaidh dochais, gum biodh e ʼna athair ioma cinnidh, a reir ʼs mar a chaidh a radh ris: Mar so bithidh do shliochd.
19Agus cha robh e lag ʼna chreideamh, cha mhua sheall e air a chorp fhein a nis marbh, ged a bha e cheana ciad bliadhna ach gann, no air com marbh Sara.
20Ann an gealladh Dhe cha do thuislich e le an-earbsa, ach bha e air a neartachadh an creideamh, a toirt gloire do Dhia,
21Lan-fhiosrach gum beil esan comasach air ni sa bith a gheall e a choimhlionadh.
22Agus uime sin mheasadh e dha gu ceartas.
23A nis cha n-ann a mhain air a shonsan a chaidh a sgriobhadh, gun do mheasadh e dha gu ceartas:
24Ach air ar son-ne cuideachd, dha ʼn teid a mheas, ma se ʼs gun creid sinn annsan, a thog ar Tighearna Iosa Criosta bho na mairbh,
25A liubhradh seachad air son ar ciontan, ʼsa dhʼ eirich a rithist air son ar naomhachaidh.
Currently Selected:
Romanaich 4: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017