Romanaich 11
11
XI. CAIB.
Cha do thilg Dia bhuaithe Israel uile cha tig e do na cinnich a bhith uaibhreach, ach seasamh an creideamh ʼs am fiamh.
1Uime sin tha mi g-radh: Na thilg Dia bhuaithe a phobull? Fad bho sin: Oir is Isralach mise fhein de shliochd Abrahaim, de threibh Bheniamin.
2Cha do thilg Dia bhuaithe a phobull, a roimh-dhʼaithnich e. Nach eil fhios agaibh ciod a tha an Sgriobtur a g-radh mu Elias, mar tha e gairm air Dia an aghaidh Israil?
3 A Thighearna, mharbh iad tʼ fhaidhean, leag iad tʼ altairean; ʼs tha mise air mʼ fhagail am aonar, ʼs tha iad a g-iarraidh mo bheatha.
4Ach ciod a tha an fhreagairt dhiadhaidh a g-radh ris? Dhʼ fhag mi dhomh fhein seachd mile fear, nach do lub an glun do Bhaal.
5Mar sin cuideachd sa cheart àm so tha fuigheall air an sabhaladh a reir tagha nan gras.
6Agus ma ʼsann le gras, cha n-ann a nis le oibrichean: air-neo cha n-eil gras tuille ʼna ghras.#11.6 XI. 6. cha n-ann a nis le oibrichean: Nan tigeadh sabhaladh bho oibrichean diante le neart naduir, gun chreideamh, gun ghrasan, cha bhiodh sabhaladh na ghras no ʼna ghean-math, ach ʼna fhiachan; ach cha n-eil buannachd sam bith ann an leithidean so de dhʼ oibrichean marbha an lathair Dhe gu sabhaladh. Cha n-ionann idir iad us oibrichean diante tromh ghrasan De, oir ʼsann do ʼn leithidean so a gheall e a bheatha shiorruidh.
7Ciod ma ta? Na bha Israel a sireadh, cha dʼ rainig e air: ach rainig an taghadh air: agus dhalladh càch,
8Mar tha e sgriobhte: Thug Dia dhaibh spiorad neo-mhothachail, suilean los nach faic iad, us cluasan los nach cluinn gus an latha an diugh.
9Agus tha Dài g-radh: Biodh am bord ʼna ribe, ʼs ʼna ghoisne, ʼs ʼna cheap-tuislidh, ʼs ʼna dhiol-fiach dhaibh.
10 Biodh sgleo air an suilean los nach faic iad; us crom-sa sios an druim daonnan.
11Tha mi ma ta a g-radh: Na thuislich iad mar so air sheol ʼs gun do thuit iad? Na leigeadh Dia. Ach le an coire-san thainig sabhaladh thun nan cinneach, gus iad a bhith eudmhor mar iadsan.
12A nis ma se an coire-san saibhreas an t-saoghail, agus an laghdachadh-sa beartas nan cinneach, cia mor na ʼs mua na sin an lanachd?
13Oir tha mi g-radh ribhse, a chinnich: Fhad ʼs is ostal nan cinneach mi, gun toir mi urram do ʼm dhriachd,
14Fiach am brosnaich mi air sheol sa bith luchd-mʼ fheola fhein gu eud, ʼs gun sabhail mi cuid dhiu.
15Oir ma se an call-sa reite an t-saoghail: ciod an gabhail a rithist, ach beatha bho na mairbh?
16Oir ma tha an ciad thoradh naomh, tha ʼm meall ann cuideachd; agus ma tha ʼm friamh naomh, na meoir cuideachd.
17Agus ma bhristeadh cuid de na meoir, ʼs ma shuidhicheadh thusa a bha na dʼ chrann-ola fiadhaich ʼnam measg ʼs gun dʼ rinneadh thu na dʼ chomh-pairteach de ʼn fhriamh agus de bhrigh na craoibh-ola:
18Na dian uaill an aghaidh nam miar. Ach ma tha thu gabhail uaille, cha tu a tha giulan an fhriamha, ach am friamh thusa.
19Their thu ma ta: Bhristeadh na meoir los gun suidhichteadh mise ʼnan aite.
20Ro mhath: ʼsann as leth am mi-chreidimh a bhristeadh air falbh iad. Ach ʼsann tromh chreideamh a tha thusa na dʼ sheasamh: na bi ard-inntinneach, ach fo fhiamh.
21Oir mur do chaomhainn Dia na meoir nadurra: gabh eagal nach caomhainn e theagamh thusa nas mua.
22Faic le sin mathas agus cruas De: dhaibhse gu dearbh a thuit cruas: ach dhutsa mathas De, ma se ʼs gum fan thu ann am mathas, air-neo sgathar thusa dheth cuideachd.
23Agus suidhichear iadsan cuideachd, mur fan iad ʼnam mi-chreideamh: oir tha Dia comasach air an suidheachadh a rithist.
24Oir ma ghearradh thusa as a chrann-ola fhiadhaich nadurra, ʼs an aghaidh naduir ma shuidhicheadh thu san deagh chrann-ola: cia mor is docha na sin a shuidhichear iadsan, a tha ʼnam meoir nadurra, ʼnan crann-ola fhein?
25Oir cha mhath leam, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach air an run-dhiomhair so (air eagal sibh a bhith glic ʼnur beachd fhein), gun do thachair ann am pairt doille ann an Israel, gus an tigeadh lanachd nan cinneach a stigh,
26Agus mar sin bithidh Israel uile sabhailte, mar tha e sgriobhte: Thig á Sion esan a spionas ʼsa thionndaidheas air falbh ain-diadhachd bho Iacob.
27 Agus se so mo chumhnanta riu, nuair a bheir mi air falbh am peacannan.
28A thaobh an t-Soisgeil gu dearbh is naimhdean iad as ur lethse: ach a thaobh an taghaidh is ro-ionmhuinn iad as leth nan aithrichean.
29Oir tha tiodhlaicean agus gairm Dhe gun aithreachas.
30Oir mar a bha sibhse uair nach do chreid sibh Dia, ach fhuair sibh a nis trocair troimh am mi-chreideamh-san:
31Is amhuil iadsan a nis, cha do chreid iad gum faigheadh sibhse trocair, gus iad fhein mar an ciadna a ruighinn air trocair.
32Oir dhruid Dia h-uile ni ann am mi-chreideamh, gus ʼiochd fhiachuinn do ʼn h-uile h-aon.
33O doimhne saibhreas gliocas, agus eolas De: nach do-thuigsinneach a bhreitheanasan, ʼs do-rannsaichte a rathaidean!
34Oir co dha ʼm bʼ aithne beachd an Tighearna? No co bʼ fhear-comhairle dha?
35No co thug dha an toiseach, us diolar dha?
36Oir ʼsann bhuaith-san, agus troimh-san, agus annsan a tha h-uile ni: dhasan gun robh gloir gu siorruidh. Amen.
Currently Selected:
Romanaich 11: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017