Philippi 2
2
II. CAIB.
Tha e gam brosnachadh gu aontachd agus irioslachd, agus an sabhaladh oibreachadh le fiamh ʼs ball-chrith.
1Uime sin ma tha dad a dhʼ fhurtachd ann an Criosta, ma tha dad de chobhair carrantachd, ma tha dad de chomunn an spioraid, ma tha dad de dhʼ innibh truais:
2Lionaibh suas mʼ aighear le sibh a bhith a dhʼ aon inntinn, an aon charrantachd agaibh, an t-aon bheachd, an t-aon aigne;
3Gun ni dhianamh tromh chomhstri no fhaoin ghloir: ach ann an irioslachd gach aon a meas chàich nas fhearr na e fhein;
4Gach aon a sealltuinn, cha n-ann air na nichean is leis fhein, ach is le daoine eile.
5Oir biodh am beachd so unnaibh, a bha cuideachd ann an Iosa Criosta:
6Esan, ʼs e an cruth Dhe, nach do shaoil e ʼna reubainn a bhith co-ionann ri Dia:
7Ach rinn e e fhein ʼna neoni, a gabhail riochd seirbhisich, diante an coltas dhaoine, ʼs air fhaighinn ann an cruth mar dhuine.
8Dhʼ islich e e fhein a striochdadh gu h-iriosal gu bàs, seadh gu bàs na croise.
9Agus air son so thog Dia suas e, ʼs thug e dha ainm, a tha fos cionn a h-uile ainm,
10ʼS gun lub ann an ainm Iosa a h-uile glun dhiusan, a tha air neamh, air talamh, ʼs fo ʼn talamh,
11Agus gun aidich a h-uile teanga, gum beil an Tighearna Iosa Criosta ann an gloir Dhe an t-Athair.
12Uime sin, a mhuinntir mo mhor ghraidh (mar a bha sibh umhailt riamh), cha n-ann a mhain ʼs mi san lathair, ach moran nas mua nis ʼs mi as an lathair, oibrichibh ur sabhaladh le fiamh ʼs le ball-chrith.
13Oir se Dia, a tha g-oibreachadh unnaibh an toil mar-aon ʼs an gniomh, a reir a dheagh thoil fhein.
14Dianaibh ma ta a h-uile ni gun ghearan ʼs gun ag:
15Los gum bi sibh neo-chiontach, ʼs ʼnur cloinn aon-fhillte do Dhia, gun chron am miadhon sluaigh, a tha coirbte agus fiar, sibhse a tha soillseachadh ʼnam measg mar sholus an t-saoghail,
16A gleidheadh facal na beatha gu mo ghloir-sa ann an latha Chriosta, a chionn nach do ruith mi gun fheum, ʼs nach dʼ oibrich mi gun fheum,
17Seadh agus ma dhʼ iobrar mi air iobairt us seirbhis ur creidimh-sa, bithidh aoibhneas orm, us ni mi co-aighear maille ribh uile.
18Agus air son an ni chiadna biodh aoibhneas oirbhse cuideachd, ʼs dianaibh aighear comhla riumsa.
19Agus tha mi an dochas anns an Tighearna Iosa, gun cuir mi Timoti gu h-aithghearr gu ʼr n-ionnsuidh; los gum bi mise cuideachd ann an deagh ghean, nuair gheobh mi fios ciod is cor dhuibhse.
20Oir cha n-eil duine agam cho aon-inntinneach, aig a bheil ro-churam dhibhse le fior ghradh.
21Oir tha iad uile g-iarraidh nan nichean is leo fhein, cha n-iad nan nichean is le Iosa Criosta.
22Agus tuigibh dearbhadh air, chionn, mar mhac dha ʼathair, rinn esan seirbhis maille riumsa san t-soisgeul.
23Tha mi an dochas ma ta esan a chur gu ʼr n-ionnsuidh, cho luath ʼsa chi mi ciod a dhʼ eirgheas dhomh.
24ʼS tha mi g-earbsa anns an Tighearna, gun tig mi fhein gu h-athghoirid gu ʼr n-ionnsuidh.
25Ach chunnaic mi iomchuidh Epaphroditus, mo bhrathair, mo cho-oibriche, ʼs mo cho-shaighdear, agus ur n-ostal-sa, agus fear-frithealaidh mʼ uireasuidh, a chur gu ʼr n-ionnsuidh:
26Oir gu dearbh bha e fad an deidh oirbh uile; ʼs bha duilichinn air, a chionn gun cuala sibh gun robh e tinn.
27Oir gu fior bha e tinn ʼs ri uchd a bhàis: ach rinn Dia iochd ris: ʼs cha n-ann ris-san a mhain, ach riumsa cuideachd, eagal bròn air muin bròin a thighinn orm.
28As leth so chuir mi air adhart e na bu luaithe, gu aighear a bhith oirbh ri fhaicinn a rithist, ʼs gus mise bhith gun mhulad.
29Gabhaibh ris ma ta leis a h-uile aighear anns an Tighearna, ʼs biodh a leithid ann an urram agaibh:
30A thaobh gur h-ann as leth obair Chriosta a thainig e gu uchd a bhàis, a toirt seachad a bheatha, los na bha dhith air ur dleasnas domhsʼ a choimhlionadh.
Currently Selected:
Philippi 2: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017