YouVersion Logo
Search Icon

Philippi 1

1
I. CHAIBIDEAL.
Gaol an ostail air muinntir Philippi.
1Pol us Timoti, seirbhisich Iosa Criosta, do na naoimh uile ann an Iosa Criosta, a thʼ ann am Philippi, maille ris na h-easbuigean ʼs na deaconan.
2Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
3Tha mi toirt taing do mʼ Dhia a h-uile uair a chuimhnicheas mi oirbh,
4Daonnan na mʼ urnaighean uile a guidhe air ur son gu leir le aoibhneas,
5Air son ur co-chomuinn ann an soisgeul Chriosta bho ʼn chiad latha gus a nis:
6A g-earbsa so fhein, gun dian esan, a thòisich an deagh obair, a coimhlionadh gu latha Iosa Criosta:
7Mar a tha e ceart dhomhsa so a smaoineachadh mu ʼr deidhinn uile, ʼs gum beil sibh agam na mʼ chridhe, ʼs na mʼ chuibhrichean, ʼs ann an dion, ʼs an daingneachadh an t-soisgeil, gum beil sibh uile ʼnur luchd comhphairt na mʼ shòlas:
8Oir se Dia mʼ fhianuis air cho mor ʼsa tha mo dheidh oirbh uile ann an innibh Iosa Criosta.
9Agus se so tha mi guidhe, gum miadaich ur carrantachd nas mua ʼs nas mua ann an eolas, agus anns a h-uile tuigse,
10Gus an raghnaich sibh na nichean is fhearr; los gum bi sibh treibhdhireach ʼs gun choire gu latha Iosa Criosta,
11Air ur lionadh le toradh a cheartais tromh Iosa Criosta gu gloir ʼs gu moladh Dhe.
12A nis, a bhraithre, is math leam fios a bhith agaibh, gum beil na tha tachairt dhomhsa a tighinn a thaobh coltais gu leasachadh an t-soisgeil;
13Air chor ʼs gum beil mo cheanglaichean ann an Criosta follaiseach sa chùirt uile, agus anns gach aite eile;
14ʼS gum beil moran de na braithrean san Tighearna a gabhail misnich, bho mo cheanglaichean-sa, gu facal De a labhairt le barrachd danadais gun ghioraig.
15Tha cuid gu dearbh tromh fharmad agus chomh-stri; agus cuid eile le toil mhath a searmonachadh Chriosta;
16Cuid bho charrantachd, us fios aca gun deachaidh mo chur air son dion an t-soisgeil:
17Ach tha cuid bho chonas a searmonachadh Chriosta gu neo-threibhdhireach, ann am beachd leasachadh craidh a chur ri mo chuibhrichean.
18Ach dé an omhail? Fhad ʼsa thathas air a h-uile cor, biodh e le fàth no le firinn, a toirt eolais air Criosta; as leth so tha mi aoibhneach, seadh, us bithidh mi aoibhneach.
19Oir is aithne dhomh gun tionndaidh so gu mʼ shabhaladh tromh ur n-urnaighse, agus tromh chuideachadh Spiorad Iosa Criosta,
20A reir mo dhuil-sa agus mo dhochais, nach naraichear air aona chor mi: ach leis a h-uile earbsa a nis, mar riamh, gun ardaichear Criosta na mʼ chorpsa, co-dhiu ʼsann tromh mo bheatha no tromh mo bhàs.
21Oir dhomhsʼ a bhith beo se Criosta, ʼsa bhith marbh buannachd.
22Agus ma se ʼs gun toir a bhith beo san fheoil toradh mo shaothrach domh, ciod a raghnaicheas mi, cha n-aithne dhomh.
23Ach tha mi air mo theannachadh eadar an dà chuid: an deidh a thʼ agam a bhith air mʼ fhuasgladh, ʼsa bhith maille ri Criosta, se gu fad moran is fhearr:
24Ach se fuireach san fheoil, a tha riatanach air ur sonsa.
25ʼS le mʼ earbsa a bhith mar so, tha brath agam gum fan ʼs gum fuirich mi fada maille ribh uile, gus ur leas, ʼs gu solas a chreidimh,
26Gus ur n-aighear a bhith nas pailte ann an Iosa Criosta air mo shonsa, le mi thighinn uair eile gu ʼr n-ionnsuidh.
27A mhain biodh ur caithe-beatha freagrach do shoisgeul Chriosta; air chorʼs co-dhiu thig mi ʼsa chi mi sibh, no as an lathair gun cluinn mi mu ʼr deidhinn, gum beil sibh a seasamh gu daingeann ann an aon spiorad, a dhʼ aon inntinn a co-oibreachadh air son creideamh an t-soisgeil;
28Agus na gabhaibh a bheag a dhʼ eagal roimh naimhdean: ni a tha ʼna aobhar ditidh dhaibhse, ach dhuibhse ʼna aobhar sabhalaidh, agus so bho Dhia:
29Oir thugadh dhuibhse air son Chriosta, cha n-e a mhain gun creid sibh ann, ach cuideachd gum fuilig sibh as a leth:
30An cath ciadna agaibh, a chunnaic sibh unnamsa, ʼsa tha sibh a nis air cluinntinn mu thimchioll.

Currently Selected:

Philippi 1: MacETN

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in