Ghalatia 1
1
I. CHAIBIDEAL.
Tha e faighinn coire do mhuinntir Ghalatia air son leigeil leo fhein a bhith air am mealladh le luchd-teagaisg ur: a ghairm gu bhith ʼna ostal.
1Pol ʼna ostal, cha n-ann bho dhaoine, ʼs cha mhua tromh dhuine, ach tromh Iosa Criosta, ʼs tromh Dhia an t-Athair, a thog bho na mairbh e,
2Agus na braithrean uile, a tha maille rium, gu eaglaisean Ghalatia.
3Grasan gun robh dhuibhse agus sith bho Dhia an t-Athair, ʼs bho ar Tighearna Iosa Criosta,
4A thug e fhein seachad air son ar peacannan, gus ar saoradh bho ʼn droch shaoghal a tha lathair, a reir toil De agus ar n-Athar,
5Dha bheil gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen.
6Is iongantach leam gum beil sibh air ur n-iomain mar so cho grad bhuaithe-san, a ghairm sibh gu grasan Chriosta, gu soisgeul eile:
7Nach eil ʼna shoisgeul eile, ach gu bheil feadhainn ann, a tha gu ʼr cur troimh cheile, agus leis an aill soisgeul Chriosta fhiaradh.
8Ach ged a theagaisgeadh sinne, no aingeal bho fhlathanas, soisgeul eile, ach an soisgeul a theagaisg sinn dhuibh, biodh e ʼna anathema.
9Ceart mar a thuirt sinn roimh, tha mi nis ga chantuinn a rithist: Ma theagaisgeas duine air bith dhuibh soisgeul, ach sin ris na ghabh sibh, biodh e ʼna anathema.
10Oir an ann air daoine a tha mi nis a toirt chomhairle, no air Dia? No bheil mi sireadh daoine a thoileachadh? Nam bʼ e toil dhaoine bhithinn fhathast a dianamh, cha bu sheirbhiseach Chriosta mi.
11Oir tha mi cur air shuilean dhuibh, a bhraithrean, nach eil an soisgeul, a chaidh a theagasg leamsa, a reir duine:
12Cha mhua bʼ ann bho dhuine a fhuair no dhʼ ionnsuich mi e, ach le taisbeanadh Iosa Criosta.
13Oir chuala sibh mu mo chaithe-beatha roimh so an creideamh nan Iudhach: mar a bha mi dianamh geur-leanmhuinn thar tomhas air eaglais Dhe, agus ga sgrios,
14Agus dhʼ fhas mi nas dìana ann an creideamh nan Iudhach na moran dhe mo chomhaoisean na mʼ chinneadh fhein, agus nas ro-eudmhoir air phailte mu bhial-aithrisean mʼ aithrichean.
15Ach nuair a dheonaich esan, a dhealaich mi bho bhroinn mo mhathar, ʼsa ghairm mi le ghrasan,
16A Mhac fhein a shoilleireachadh unnam, los gun teagaisginn e am measg nan cinneach; gun dàil cha do sthriochd mi do dhʼ fheoil ʼs do dhʼ fhuil,
17Cha mhua chaidh mi do Ierusalem thun nan ostal a bha romham: ach chaidh mi gu Arabia; ʼsa rithist thill mi do Dhamascus:
18An sin an ceann thri bliadhna chaidh mi do Ierusalem gu Peadar fhaicinn, agus dhʼ fhuirich mi maille ris coig latha-diag:
19ʼS cha n-fhaca mi aon eile de na h-ostail, saor bho Sheumas brathair an Tighearna.
20A nis a thaobh nan nichean a tha mi sgriobhadh h-ugaibh, seall, an lathair Dhe, cha n-eil mi dianamh breige.
21An deigh sin thainig mi gu criochan Shiria agus Chilicia.
22Agus cha bʼ aithne do eaglaisean Iudéa, a bha ann an Criosta, mi ri mʼ fhaicinn:
23Ach a mhain bha iad air cluinntinn: Gum beil esan, a rinn geur-leanmhuinn oirnn a chianamh, a nis a teagasg a chreidimh, a bha e air uair a sgriosadh;
24Agus thug iad gloir do Dhia as mo leth.
Currently Selected:
Ghalatia 1: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017