II. Chorint 13
13
XIII. CAIB.
Tha e maoitheadh air na rag-pheacaich, gus an gluasad gu aithreachas.
1Seall, se so an treas uair a tha mi tighinn gu ʼr n-ionnsuidh. Am bial dithis no triuir fhianuisean seasaidh a h-uile facal.
2Dhʼ innis mi cheana, ʼs tha mi g-innse roimh laimh, mar a lathair, ach a nis as an lathair, dhaibhse uile a pheacaich roimh, ʼs do chàch uile, nach caomhainn mi, ma thig mi rithist.
3Am beil dearbhadh bhuaibh air a Chriosta sin, a tha labhairt unnamsa, nach eil anfhann unnaibhse, ach a tha cumhachdach unnaibh?
4Oir ged a cheusadh e tromh laigse, an deigh sin tha e beo tromh chumhachd Dhe. Oir tha sinne cuideachd lag annsan: ach bithidh sinn beo maille ris tromh chumhachd Dhe unnaibhse.
5Rannsuichibh sibh fhein, fiach a bheil sibh sa chreideamh: dearbhaibh sibh fhein. An e nach aithne dhuibh sibh fhein, gum beil Iosa Criosta unnaibh? mur do chuireadh theagamh air chul sibh.
6Ach tha duil agam gum bi fios agaibh nach do chuireadh air chul sinne.
7A nis tha sinn a guidhe air Dia gun sibh ni air olc a dhianamh, cha n-ann gus sinn fhein fhiachuinn dearbhte, ach gus sibhse na tha math a dhianamh: agus gum bi sinne mar air ar cur air chul.
8Oir cha n-urrainn duinn ni a dhianamh an aghaidh na firinn, ach air son na firinn,
9Oir tha sinn a gabhail toil-inntinn a chionn gum beil sinne lag, agus sibhse laidir. So cuideachd tha sinn a guidhe, sibhse a bhith coimhlionta.
10Uime sin tha mi a sgriobhadh nan nichean so as an lathair, air chor ʼs nach bi mi san lathair mua ʼs cruaidh, a reir na cumhachd, a thug an Tighearna dhomh, gu leas, ʼs cha n-ann gu aimhleas.
11Mar cheann sguir, a bhraithrean, bithibh aoibhneach, bithibh coimhlion, gabhaibh comhairle, bithibh a dhʼ aon inntinn, bitheadh sith agaibh; agus bithidh Dia na sith agus a ghraidh maille ribh.
12Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. Tha na naoimh uile a cur bheannachd h-ugaibh.
13Gun robh grasan ar Tighearna Iosa Criosta, agus carrantachd Dhe, agus co-chomunn an Spioraid Naoimh maille ribh uile. Amen.
Currently Selected:
II. Chorint 13: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017