YouVersion Logo
Search Icon

Ephesuis 5

5
V. CAIB.
Brosnachadh gu caithe-beatha diadhaidh: dleasnas fir us mna dha cheile, bho shamplair Chriosta agus na h-eaglais.
1Bithibhse ma ta ʼnur luchd-leanmhuinn air Dia, mar chloinn ro ghaolach;
2Agus imichibh ann an gradh, mar thug Criosta gradh dhuinn, ʼsa liubhair e e fhein seachad air ar son ʼna thobhartas ʼs ʼna iobairt do Dhia mar fhàile cubhraidh.
3Ach na biodh striopachas, no neo-ghloine air bith, no sannt urad us air an ainmeachadh ʼnur measg, mar a thigeadh do naoimh:
4No drabasdachd, no cainnt ghorach, no sglamhruinn, anns nach eil feum sa bith; ach an aite sin a toirt buidheachais.
5Oir biodh fios agaibh air so, us tuigibh, nach eil aig fear-striopachais sa bith, no fear neoghlan, no fear sanntach (ni is e iodhol-aoradh), oighreachd ann an rioghachd Chriosta agus Dhe.
6Na mealladh aon air bith sibh le cainnt fhaoin: oir as leth so tha fearg Dhe a tighinn air cloinn a mhi-chreidimh.
7Na bithibhse ma ta ʼnur comh-phairtich riu.
8Oir bha sibh uair ʼnur dorchadas, ach a nis ʼnur solus anns an Tighearna. Leanaibh ma ta ceuman clann an t-soluis:
9Oir tha toradh an t-soluis anns a h-uile mathas, agus ceartas, agus firinn:
10A dearbhadh ciod a tha lan-thaitneach do Dhia;
11ʼS na biodh comunn sa bith agaibh ri oibrichean neo-thorach an dorchadais: ach an aite sin cronaichibh iad.
12Oir na nichean a thʼ air an dianamh leo an uaigneas, is nàr urad ʼs an luaidh.
13Ach na nichean uile a tha ri ʼn cronachadh, nithear follaiseach iad leis an t-solus: oir gach ni, a ni soilleir, is solus e.
14Air son sin tha e g-radh: Eirich thusa, a tha na dʼ chadal, us duisg bho na mairbh, agus soilleirichidh Criosta thu.
15Uime sin, a bhraithrean, seallaibh ciamar a dhʼ imicheas sibh gu faicilleach: cha n-ann mar dhaoine neo-ghlic,
16Ach mar dhaoine glic, a g-ath-cheannach na h-aimsire: a chionn gum beil na laithean olc.
17Air an aobhar sin na bithibh neo-ghlic, ach a tuigsinn ciod e toil De.
18ʼS na bithibh air mhisg le fion, anns a bheil roic: ach bithibh air ur lionadh leis an Spiorad Naomh,
19A labhairt eadaraibh fhein ann an sailm, ʼsan laoidhean, ʼs an dàin spioradail, a seinn, ʼsa dianamh ciuil do ʼn Tighearna ʼnur cridheachan,
20Daonnan a toirt taing air son a h-uile ni do Dhia ʼs do ʼn Athair, an ainm ar Tighearna Iosa Criosta.
21A geilleachduinn da cheile ann an eagal Chriosta.
22Biodh mnathan umhailt dha ʼm fir, mar do ʼn Tighearna:
23A chionn gur e am fear ceann na mna, mar is e Criosta ceann na h-eaglais: is esan slanair a chuirp.
24Uime sin mar tha ʼn eaglais umhailt do Chriosta, ceart mar sin biodh na mnathan umhailt dha ʼm fir anns a h-uile ni.#5.24 V. 24. mar tha ʼn eaglais umhailt do Chriosta, Tha ʼn eaglais ma ta a reir Naomh Pol daonnan umhailt do Chriosta, ʼs cha n-urrainn di chaoidh a threigsinn, ach fuireach dileas da gun smal, gun mhuthadh gu deireadh an t-saoghail.
25A dhaoine, thugaibh gaol dha ʼr mnathan, mar thug Criosta gaol do ʼn eaglais, agus a liubhair e e fhein air a son,
26Gus e ga naomhachadh, ga glanadh le ionnlad an uisge ann am facal na beatha,
27Gus a tairgse dha fhein ʼna h-eaglais ghlormhoir, gun smal, gun phreasadh, no aiteal dhe ʼn leithid, ach gum biodh i naomh agus gun ghiomh.
28Ceart mar sin is còir do dhaoine gaol a thoirt dha ʼm mnathan mar dha ʼn coluinn fhein. Esan a tha toirt gaoil dha mhnaoi, tha e toirt gaoil dha fhein.
29Oir cha tug duine riamh fuath dha fheoil fhein, ach tha e ga h-altrum ʼs ga h-eiridneachadh, ceart mar tha Criosta dianamh ris an eaglais:
30A chionn gur sinn buill a choluinn-sa, dhe fheoil, agus dhe chnaimhean.
31 As leth so fagaidh duine ʼathair agus a mhathair, us dluthaichidh e ri mhnaoi, agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil.
32Is sacramaid mhor so, ach tha mi labhairt ann an Criosta agus anns an eaglais.
33Ach co-dhiu thugadh gach aon agaibhse fos leth gaol dha mhnaoi ceart mar dha fhein: ʼs biodh fiamh a fir air a mhnaoi.

Currently Selected:

Ephesuis 5: MacETN

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in