YouVersion Logo
Search Icon

Ephesuis 1

1
I. CHAIBIDEAL.
Na grasan mora a fhuair sinn bho Chriosta: is esan ceann na h-eaglais.
1Pol, ostal Iosa Criosta tromh thoil Dhe, do na naoimh uile a tha an Ephesus, ʼs do na creidich ann an Iosa Criosta.
2Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
3Beannaichte gun robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a bheannaich sinn le uile bheannachdan spioradail sna h-ardaibh ann an Criosta,
4Amhuil mar a thagh e sinn annsan roimh chruthachadh an t-saoghail, gus sinn a bhith naomh ʼs gun smal ʼna lathair ann an carrantachd.
5A roimh-dhʼorduich sinne gu uchd-mhacachd cloinne dha fhein, tromh Iosa Criosta a reir beachd a thoil fhein,
6Gu moladh gloir a ghrasan, leis an dʼ rinn e sinn taitneach ʼna Mhac gaolach,
7Anns a bheil saoradh againn tromh fhuil, mathanas pheacannan, a reir saibhreas a ghrasan,
8A tha lan-phailt unnainne anns a h-uile gliocas agus tuigse;
9Gu run-diomhair a thoil a nochdadh dhuinn a reir a thoile math fhein, a runaich e annsan,
10Ann an riarachadh lanachd na h-aimsire, gu ath-nuadhachadh a h-uile ni, a tha air neamh agus air talamh, ann an Criosta agus annsan a mhain:
11Anns na ghairmeadh sinne cuideachd le crannchur, us sinn roimh-orduichte a reir a bheachd-san, a tha g-oibreachadh a h-uile ni a reir comhairle a thoil;
12Chum gum bi sinn gu moladh a ghloir, sinne a chuir a cheana ar dochas ann an Criosta:
13Anns a bheil sibhse cuideachd, an deigh dhuibh facal na firinn a chluinntinn (soisgeul ur sabhalaidh), agus sibh a creidsinn ann, air ur comharrachadh le Spiorad naomh a ghealltanais,
14Agus is esan earlas ar n-oighreachd, gu saorsuinn a chosnadh, gu moladh a ghloir.
15Uime sin mise cuideachd, ʼs mi cluinntinn mu ʼr creideamh, a tha san Tighearna Iosa, agus mu ʼr gaol do na naoimh uile,
16Tha mi gun lasachadh a toirt taing air ur son, gu ʼr cuimhneachadh na mʼurnaighean;
17Gu Dia ar Tighearna Iosa Criosta, Athair na glorach, spiorad a ghliocais agus an taisbeanaidh a thoirt dhuibh, gu eolas air fhein:
18Air chor ʼs, le suilean ur cridheachan a bhith air an soilleireachadh, gun aithnich sibh ciod e dochas a ghairm-san, us ciod e saibhreas gloir oighreachd-san sna naoimh,
19Us ciod i moralachd ro bharraichte a chumhachd dha ʼr taobh-ne, a tha creidsinn a reir oibreachadh neart a chumhachd,
20A dhʼ oibrich e ann an Criosta, ga thogail bho na mairbh, ʼs ga chur ʼna shuidhe air a laimh dheis anns na h-ardaibh,
21Fos cionn gach uile phrionnsachd, us chumhachd, us fhearta, agus uachdranachd, ʼsa h-uile ainm, a dhʼ ainmichear cha n-ann san t-saoghal so mhain, ach cuideachd san t-saoghal ri tighinn.
22Us chuir e h-uile ni fo chasan; agus rinn e ʼna cheann e air an eaglais uile,
23ʼS gur i a chorp-san agus ʼiomlanachd-san a tha lionadh nan uile anns gach uile.

Currently Selected:

Ephesuis 1: MacETN

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in