Gniomhan 19
19
XIX. CAIB.
Pol a suidheachadh Eaglais Ephesuis: carraid nan or-cheard.
1Us thachair nuair bha Apollo aig Corint, gun tainig Pol, an deigh dha na braighean a shiubhal, gu Ephesus, ʼs gun dʼ fhuair e deisciopuil araid;
2Us thuirt e riu: Na ghlac sibhse an Spiorad Naomh bho na chreid sibh? Ach thuirt iad ris: Cha chuala sinne urad ʼs gum beil Spiorad Naomh ann.
3Us thuirt esan: Co ann ma ta a bhaisteadh sibh? Thuirt iad: Am baisteadh Eoin.
4An sin thuirt Pol: Bhaist Eoin sluagh le bqisteadh an aithreachais, a g-radh, iad a chreidsinn annsan, a bha gu tighinn ʼna dheigh, se sin, ann an Iosa.
5Air dhaibh so chluinntinn, bhaisteadh iad an ainm an Tighearna Iosa.
6ʼS nuair a chuir Pol a lamhan orra, thainig an Spiorad Naomh orra, us labhair iad le teanganan, agus rinn iad faisneachd.
7ʼS bha na daoine a bhʼ ann uile mun cuairt do dhà dhiag.
8ʼSa dol a stigh doʼn t-sinagog, labhair e gu misneachail fad thri miosan, a deaspud, ʼsa comhairleachadh mu rioghachd Dhe.
9Ach air do chuid a bhith air an cruadhachadh, ʼs gun a bhith creidsinn, a labhairt gu h-olc air slighe an Tighearna an lathair na cuideachda, gam fagail, chuir e air leth na deisciopuil, ʼs rinn e deaspud gach latha an sgoil Tirannnis araid.
10Agus rinneadh so fad dà bhliadhna, air chor ʼs gun cuala iadsan uile, a bha tamh ann an Asia, Iudhaich araon us Cinnich, facal an Tighearna.
11ʼS rinn Dia le laimh Phoil miarailtean nach bu chumanta:
12Air chor ʼs gun robhas a toirt bho phearsa neapaicean us aprain thun nan daoine tinne, us dhʼ fhalbh an easlaintean bhuapa, us chaidh na droch spioraid a mach asda.
13Agus dhʼ fhiach cuid de gheasadairean Iudhach, a bha dol mun cuairt, ri ainm an Tighearna Iosa a ghairm fos cionn na feadhnach anns an robh droch spioraid, a g-radh: Tha mi griosad oirbh tromh Iosa, a tha Pol a searmonachadh.
14Agus bʼ iad seachdnar araid, mic Sheva, ard-shagart Iudhach, a bha dianamh so.
15Ach thuirt an droch spiorad riu, ʼs e freagairt: Is aithne dhomh Iosa, agus is aithne dhomh Pol: ach co sibhse?
16Ach am fear anns an robh an droch spiorad a leum orra, ʼsa faighinn laimh an uachdar air dithis dhiu, cheannsaich e iad, air chor ʼs gun do theich iad as an tigh sin ruisgte agus leointe.
17ʼS rinneadh so follaiseach do na h-Iudhaich uile ʼs do na cinnich, a bha tamh an Ephesus; agus thuit eagal orra uile, ʼs bha ainm an Tighearna Iosa air ardachadh.
18Us thainig moran chreideach, a g-aideachadh ʼsa g-innse an gniomhran.
19Agus thug moran dhiu-san, a chleachd innleachdan neònach, leo an leabhraichean, agus loisg iad iad ʼnan lathair uile; ʼsa meas am prìs, fhuair iad an luach a tighinn gu leth-chiad mile bonn airgid.
20Mar so chinn facal De cumhachdach, agus dhaingnicheadh e.
21Nuair chriochnaicheadh na nichean so, chuir Pol roimh san Spiorad, gun rachadh e, an deigh triall tromh Mhacedonia ʼs Achaia, gu Ierusalem, a g-radh: An deigh dhomh bhith an sin, feumaidh mi an Roimh fhaicinn cuideachd.
22ʼSa cur dithis dhiusan, a bha frithealadh dha, Timoti agus Erastus, air an adhart gu Macedonia, dhʼ fhan e fhein car uine ann an Asia.
23A nis mu ʼn àm sin dhʼ eirich iomairt nach bu bheag mu shlighe an Tighearna.
24Oir thug ceard-airgid araid, do ʼm bʼ ainm Demetrius, a bha dianamh theampull-airgid do Dhiana, buannachd nach bu ghann do ʼn luchd-cheairde:
25ʼS gan gairm ri cheile, agus càch a bha dhʼ aon cheaird riu, thuirt e: Fheara, tha fhios agaibh gur h-ann bho ʼn cheaird so a tha ar cosnadh;
26ʼS tha sibh a faicinn ʼsa cluinntinn, gum beil am Pol so le chomhairle air tionndadh moran sluaigh air falbh, cha n-ann a mhain an Ephesus, ach air feadh Asia uile ach beag, a g-radh: Nach diathan idir iad a thathas a dianamh le lamhan:
27Air chor ʼs nach i a cheaird so againn a mhain a tha an cunnart tighinn gu neoni, ach measar teampull Diana moire fhein mar neoni, seadh agus tòisichear air cur as da moralachd-sa, dha ʼm beil Asia gu leir, ʼs an domhan a toirt aoraidh.
28Air dhaibh so a chluinntinn, lionadh iad le feirg, us ghlaodh iad, a g-radh: Is mor Diana nan Ephesianach.
29Agus lionadh am baile le buaireas, ʼsa breith air Gaius ʼs air Aristarchus, Macedonaich, companaich Phoil, dhian-ruith iad a dhʼ aon rùn thun an tigh-chluich.
30ʼS ged bha toil aig Pol dol a stigh thun an t-sluaigh, cha do leig na deisciopuil leis.
31Us chuir cuid de riaghladairean Asia, a bha ʼnan cairdean dha, fios h-uige a guidhe air, gun e a thighinn thun an tigh-chluich;
32A nis ghlaodh cuid aon ni, cuid ni eile. Oir bha an comhthional roimh cheile; ʼs cha robh fios aig an roinn bu mhua car-son a chruinnich iad.
33Us tharruinn iad Alastair a mach as an t-sluagh, na h-Iudhaich ga upadh air adhart. Us Alastair a smeideadh le laimh a g-iarraidh samhchair, bha toil aige a chuis a mhineachadh do ʼn t-sluagh.
34Ach cho luath ʼsa thuig iad gum bu Iudhach e, ghlaodh iad uile a dhʼ aon ghuth bial ri dà uair a dhʼ uine: Is mor Diana nan Ephesianach.
35Agus nuair a chiuinich an cleireach an sluagh, thuirt e: Fheara Ephesuis, co an duine aig nach eil fios, gum beil baile nan Ephesianach a toirt aoraidh do Dhiana mhoir, ʼs do ghineal Iupiteir?
36Uime sin bhon is nichean so nach fhaodar aicheadh, bu chòir dhuibh gabhail gu sith, ʼs gun ni dhianamh le braise.
37Oir thug sibh na daoine so ʼn so, gun iad a bhith ciontach an naomh-bhraid, no an toibheum an aghaidh ur ban-dé.
38Ach ma tha cuis an aghaidh duine air bith aig Demetrius, ʼs aig an luchd-cheairde a tha maille ris, tha na cuirtean-lagha fosgailte, ʼs tha uachdranan ann; agradh iad a cheile.
39Agusma se cuis airbith eile a tha ʼnur n-aire, faodar a fuasgladh ann an cruinneachadh laghail.
40Oir tha sinn an cunnart gun agrar oirnn buaireas an latha an diugh: gun duine air bith ciontach (air am faod sinn cunntas a thoirt) mu ʼn chruinneachadh so. ʼS an deigh dha so a chantuinn, sgaoil e an comhthional.
Currently Selected:
Gniomhan 19: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017