Gniomhan 17
17
XVII. CAIB.
Teagasg Phoil do mhuinntir Thessalonica, Bherea, agus Athéne.
1ʼS nuair a shiubhail iad tromh Amphipolis us Apollonia, thainig iad gu Thessalonica, far an robh sinagog aig na h-Iudhaich.
2ʼS chaidh Pol mar a bʼ abhuist a stigh gan ionnsuidh, us fad tri latha sàbaid mhìnich e dhaibh as na sgriobtuirean,
3A soilleireachadh dhaibh, ʼsa, leigeil fhaicinn gum feumadh Criosta fulang, us eirigh rithist bho na mairbh; agus gur e so Iosa Criosta, a tha mise cur an ceill dhuibh.
4Us chreid cuid dhiu, agus lean iad ri Pol ʼs ri Silas, agus buidhean mhor de dhaoine crabhach ʼs de na cinnich, agus roinn nach bu bheag de mhnathan uasal.
5Ach na h-Iudhaich a gabhail farmaid, ʼsa tional gan ionnsuidh roinn de dhroch dhaoine de ghraisg an t-sluaigh, ʼsa togail buaireis, lion iad am baile le iorghuill; ʼsa cuairteachadh tigh Iasoin, dhʼiarr iad an liubhairt a mach do ʼn t-sluagh.
6Agus nuair nach robh iad gam faighinn, tharruinn iad Iason us braithrean araid gu riaghladairean a bhaile, a g-eigheach: Iad so, a tha togail iorghuill air feadh a bhaile, thainig iad an so cuideachd,
7Iad so ghabh Iason h-uige; ʼs tha iad uile a cur an aghaidh achdannan Chésair, le bhith g-radh gum beil righ eile ann, Iosa.
8Agus bhuair iad an sluagh us riaghladairean a bhaile, ri cluinntinn nan nichean so.
9ʼS air dhaibh urras a ghabhail bho Iason, ʼs bho chàch, leig iad as iad.
10Ach san uair chuir na braithrean Pol us Silas air falbh san oidhche gu Beréa. Nuair rainig iadsa sin, chaidh iad a stigh do shinagog nan Iudhach.
11A nis bha iad so ʼna bʼ uaisle na muinntir Thessalonica: ʼs ghabh iad ris an fhacal leis a h-uile deothas, a rannsachadh nan Sgriobtur gach latha, fiach an ann mar sin a bha.
12ʼS gu dearbh chreid moran dhiu-san, agus de mhnathan urramach dhe na cinnich, agus roinn nach bu bheag de dhaoine.
13ʼS nuair a fhuair na h-Iudhaich, a bhʼann an Thesslonica, brath gun robh facal De air a shearmonachadh le Pol ann am Beréa, thainig iad an sin cuideachd, a gluasad ʼsa cur roimh cheile an t-sluaigh.
14An sin ghrad-chuir na braithrean Pol air falbh, gus e dhol thun na mara: ach dhʼ fhuirich Silas us Timoti an sin.
15Us thugadh Pol le luchd-coimhideachd gu ruig Athéne; ʼsa faighinn orduigh bhuaithe gu Silas us Timoti, iad a thighinn h-uige gu ro chabhagach, dhʼ fhalbh iad.
16ʼS nuair bha Pol gam feitheamh-san aig Athéne, ghluaiseadh a spiorad ann, a faicinn a bhaile a geilleadh tur do dhʼiodhol-aoradh.
17Uime sin rinn e deaspud anns an t-sinagog ris na h-Iudhaich, ʼs ris na daoine crabhach, agus air a mhargadh gach latha riusan a bha san lathair an sin.
18ʼS bha feallsanaich araid de na h-Epicurich, us de na Stoicich a deaspud ris; agus thuirt cuid: Ciod is miann leis a ghlagaire so radh? ach cuid eile: Is coltach gur duine e, a tha toirt a stigh dhiathan ùra: a chionn gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh.
19Agus ga ghabhail, thug iad leo e thun an Areopaguis, a g-radh: Am faod sinn eolas fhaighinn air an teagasg ùra so, a tha thu labhairt?
20Oir tha thu toirt nichean araid ùra ga ʼr cluasan: uime sin bu mhath leinn brath a bhith againn ciod is ciall daibh sin.
21(A nis cha n-eil muinntir Athéne uile, ʼs na coigrich a tha an sin, a dianamh chaochla, ach a g-innse, no a g-eisdeachd ri uirsgeul air choireigin.)
22Ach thuirt Pol, ʼs e ʼna sheasamh am miadhon an Areopaguis: A Mhuinntir Athéne, tha mi faicinn gum beil sibhse anns a h-uile ni ro shaobh-chrabhach.
23Oir a gabhail seachad ʼsa faicinn ur n-iodholan, fhuair mi altair air an robh e sgriobhte: Doʼn Dia Neo-aithnichte. Esan ma ta dha ʼm beil sibhse toirt aoraidh, agus sibh gun aithne air, se tha mise teagasg dhuibh:
24An Dia, a rinn an saoghal, ʼs gach ni thʼann, ʼs gur Tighearna neamh agus talmhuinn e, cha n-eil e tamh ann an teampuill, a rinneadh le lamhan,
25Cha mhua tha e air a sheirbhiseachadh le lamhan dhaoine, mar gum biodh ni a dhʼeasbhuidh air, ʼs gur e fhein a tha toirt do gach aon beatha, us anail, agus gach ni;
26Us rinn e bho h-aon an cinneadh-daonda uile, gus comhnuidh a ghabhail air uachdar an talmhuinn gu leir, a suidheachadh amannan sonraichte, agus criochan an aite comhnuidh,
27Gus iad Dia a shireadh, fiach am biodh a rath orra a mhothachadh, no fhaighinn, ged nach eil e fada bho gach aon againn.
28Oir ʼsann annsan a tha ar beatha, ar gluasad, agus ar bith: mar a thuirt cuideachd cuid dhe ur baird fhein: Oir is sinn cuideachd a ghineal.
29Air an aobhar sin bhon is sinne gineal De, cha n-fhaod sinn bhith am beachd, gum beil an Diadhachd coltach ri òr, no ri airgiod, no ri cloich, air an dealbhadh le seoltachd us innleachd dhaoine.
30Agus Dia gu dearbh a sealltuinn thairis air linntean an aineolais so, tha e nis a g-innse do dhaoine, iad uile peanas a dhianamh anns gach aite,
31A chionn gun do shonraich e latha anns an toir e breth air an t-saoghal le ceartas, leis an duine so, a dhʼ orduich e, a toirt creidimh do ʼn h-uile duine, le a thogail-sa bho na mairbh.
32Ach nuair a chual iad mu aiseirigh nam marbh, rinn cuid gu dearbh fanaid, ach thuirt cuid eile: Cluinnidh sinn thu fhathast mu thimchioll so.
33Mar sin chaidh Pol a mach as am measg.
34Ach dhʼ aontaich cuid de dhaoine leis, us chreid iad: ʼnam measg sin bha Dionisius an t-Areopagach, us boirionnach dha ʼm bʼ ainm Damaris, agus feadhainn eile maille riu.
Currently Selected:
Gniomhan 17: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017