YouVersion Logo
Search Icon

II. Chorint 1

1
I. CHAIBIDEAL.
Tha e labhairt mu dheidhinn a thrioblaidean ann an Asia: a fiachuinn nach i an leisga chum e bho thighinn gan ionnsuidh: a g-innse steidhealachd us treibhdhireas a theagaisg.
1Pol, ostal Iosa Criosta le toil De, agus Timoti, brathair, gu eaglais Dhe a tha an Corint, maille ris na naoimh uile, a tha ann an Achaia gu leir.
2Grasan gun robh dhuibhse agus sibh bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
3Beannaichte gun robh Dia us Athair ar Tighearna Iosa Criosta, Athair nan trocair, agus Dia gach furtachd,
4A tha furtachadh oirnn ʼnar n-uile chàs; gus sinn a bhith comasach air furtachadh orrasan, a tha ann an gàbhadh sa bith, tromh ʼn bhrosnachadh leis a bheil sinn fhein air ar brosnachadh bho Dhia.
5Oir mar a tha fulangasan Chriosta pailt unnainne, mar sin tromh Chriosta is pailt ar furtachd cuideachd.
6A nis ma tha sinn an trioblaid, ʼsann gu sibhse a chur h-uige ʼsa shabhaladh, no ma tha sinn air ar furtachadh, ʼsann gu sibhse fhurtachadh, no ma tha sinn air ar brosnachadh, ʼsann gu sibhse a bhrosnachadh ʼsa shabhaladh, ni tha toirt seachad faighidin gu giulan leis na ceart fhulangasan a tha sinn fhein a fulang;
7Gus ar dochas a bhith daingeann as ur leth: us fios againn mar tha comh-phairt agaibh sna fulangasan, gum bi sin agaibh cuideachd san aoibhneas.
8Oir cha mhath leinn, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach air an trioblaid a thainig oirnn an Asia, gun robh sinn air ar sarachadh thar tomhas agus fos cionn ar neart, ann an rathad ʼs gun robh sinn sgith dhe ʼr beatha.
9Ach bha binn a bhàis againn unnainn fhein, gus nach cuiremid earbsa asainn fhein, ach á Dia, a thogas na mairbh:
10A shaor sinn, ʼsa tha ga ʼr saoradh bho chunnartan cho mor; as a bheil sinn a g-earbsa gun saor e sinn fhathast,
11Le ur n-urnaigh-sa air ar son a bhith ga ʼr cuideachadh; air chor ʼs gun toirear buidheachas seachad le moran air ar son, as leth na gibht so a fhuaradh dhuinn le moran sluaigh.
12Oir si so ar gloir, teisteanas ar cogais, gur h-ann an aon-fhillteachd cridhe, ʼs an treibhdhireachd Dhe, cha n-ann an gliocas feolmhor, ach an grasan De, a bha ar comhradh anns an t-saoghal so: agus gu mor nas pailte dha ʼr taobhsa.
13Oir cha n-eil sinn a sgriobhadh nichean eile gu ʼr n-ionnsuidh, ach na leugh sibh agus a bʼ aithne dhuibh. Agus tha mi an dochas gun aithnich sibh gus a chrioch,
14Ceart mar dhʼ aithnich sibh sinn am pairt, gur sinne ur gloir, mar is sibhse ar gloir-ne, ann an latha ar Tighearna Iosa Criosta.
15Us anns an earbsa so bha toil agam tighinn gu ʼr n-ionnsuidh, los gum faigheadh sibh an ath ghras;
16ʼSa gabhail ur rathaid-sa do Mhacedonia; us tighinn a rithist bho Mhacedonia gu ʼr n-ionnsuidh, gun dian sibh iul dhomh na mʼ thurus do Iudéa.
17Nuair ma ta bha ʼm; beachd so agam, na chleachd mi luaineachas? No n-ann a reir na feola tha mi cur romham, na tha mi cur romham, air chor ʼs gum bi agam, Se, us Cha n-e?
18Ach tha Dia firinneach, oir anns an teagasg a thug sinn dhuibhse, cha n-eil Se, agus, Cha n-e.
19Oir Mac Dhe, Iosa Criosta, a chaidh shearmonachadh ʼnur measg leinne, leamsa, ʼs le Silbhanus, ʼs le Timoti, cha bʼ esan Se, us, Cha n-e, ach annsan bʼe Se.#1.19 I. 19. Bʼe Se. Cha robh iomluaineachd air bith ann an teagasg nan Ostal, air uair, coltach ris na h-eiricich nuadha, a g-radh, Tha, agus uair eile, Cha n-eil. Ach bʼ ionann an teagasg daonnan, an t-aon Tha ciadna, ann an Iosa Criosta, aon Amen, se sin, aon fhirinn annsan.
20Oir annsan tha gealltanasan uile Dhe ʼnan Se: agus uime sin troimh-san ʼnan Amen do Dhia gus ar gloir-ne.
21A nis esan a tha ga ʼr neartachadh maille ribhse ann an Criosta, ʼsa dhʼung sinn, se Dia;
22Agus a sheul sinn cuideachd, ʼsa thug earlas an Spioraid dhuinn ʼnar cridheachan.
23Ach tha mi gairm Dhe ʼna fhianuis air mʼ anam, gur h-ann gus ur caomhnadh-sa, nach tainig mi tuille do Chorint: cha n-e gum beil sinn a gabhail uachdranachd air ur creideamh, ach gur sinn luchd-cuideachaidh ur sòlais: oir tha sibh steidheil sa chreideamh.

Currently Selected:

II. Chorint 1: MacETN

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in