I. Chorint 16
16
XVI. CAIB.
Mu thional deirce: comhairlean agus beannachdan.
1A nis a thaobh an tionail a thathas a dianamh air son nan naomh, dianaibhse cuideachd a reir ʼs mar dhʼ orduich mi do eaglaisean Ghalatia.
2Air a chiad latha de ʼn t-seachduin, cuireadh a h-uile h-aon agaibh seachad an tasgadh na lan-thaitneas ris fhein; air chor ʼs nach bi an tional ri dhianamh nuair a thig mise.
3Agus nuair a bhios mi maille ribh, feadhainn sa bith dhe ʼn dian sibh raghainn le litrichean, iad sin cuiridh mi a thoirt ur tiodhlaic air adhart gu Ierusalem.
4Agus ma bhios e iomchuidh gum falbhainnse, theid iad comhla rium.
5A nis thig mi gu ʼr n-ionnsuidh, nuair a ghabhas mi tromh Mhacedonia: oir gabhaidh mi tromh Mhacedonia.
6Agus fanaidh mi treis theagamh comhta ribh, no ma dhʼ fhaoidte ré a gheamhraidh: los gun dian sibh iul domh air an t-sligh taobh sa bith an teid mi.
7Oir cha n-aill leam ur faicinn san dol seachad a mhain: oir tha dochas agam fuireach treis a dhʼ uine maille ribh, ma leigeas an Tighearna leam.
8Ach fanaidh mi an Ephesus gu Caingis.
9Oir tha dorus mor agus follaiseach fosgailte dhomh, agus moran naimhdean.
10A nis ma thig Timoti, seallaibh nach bi e fo eagal maille ribh: oir tha e g-oibreachadh obair an Tighearna, mar tha mise.
11Uime sin na sealladh duine air bith sios air: ach thugaibh air aghaidh e an sith los gun tig e gam ionnsuidhse: oir tha duil agam ris maille ris na braithrean.
12A thaobh ar brathar Apollo, tha mi toirt dhuibh ri thuigsinn, gun do ghrios mi gu cruaidh air, e thighinn gu ʼr n-ionnsuidh comhla ris na braithrean; ʼs gu deimhinn cha robh e idir toileach air tighinn san àm so: ach thig e nuair a gheobh e cothrom.
13Dianaibh faire, seasaibh steidheil anns a chreideamh, oibrichibh gu fearail, agus bithibh sgairteil.
14Biodh ur n-uile ghniomhran diante ann an carrantachd.
15Guidheam oirbh, a bhraithrean, is aithne dhuibh tigh Stephanais, us Fhortunatuis, agus Achaicuis: ʼs gur iad ciad thoradh Achaia, ʼs gun tug iad iad fhein seachad gu freasdal air na naoimh,
16G um bi sibhse cuideachd umhailt dha ʼn leithidean so, ʼs do ʼn h-uile h-aon a tha ri obair ʼs ri saothair comhla ruinne.
17Agus tha aoibhneas orm an lathair Stephanais, us Fhortunatuis, ʼs Achaicuis, a chionn gun dʼ rinn iad suas an ni a bha dhith air ur taobhsa:
18Oir thug iad furtachd dha mʼ spiorad-sa, thug agus dha ʼr spiorad fhein. Cuiribh eolas ma ta air an leithidean sin.
19Tha eaglaisean Asia a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh. Tha Acuila us Priscilla a cur moran bheannachdan, anns an Tighearna, gu ʼr n-ionnsuidh maille ris an eaglais a tha ʼnan tigh, ʼs gur ann aca a tha mi fhein air aoidheachd.
20Tha na braithrean uile a cur bheannachdan h-ugaibh. Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh.
21Tha mise Pol a cur mo bheannachd le mo laimh fhein.
22Neach air bith nach toir gaol dha ʼr Tighearna Iosa Criosta, biodh e ʼna anathema, Maran Atha.
23Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh.
24Gun robh mo charrantachd maille ribh uile ann an Iosa Criosta. Amen.
Currently Selected:
I. Chorint 16: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017