Gliocas Sholaimh 3
3
CAIB. III.
1Ach tha anama nam fìrean ann an làimh Dhé, agus cha bhean àmhghair riutha.
2Ann an sealladh nan neo‑ghlice bha iad air am meas gu bàsachadh, agus tha an siubhal air a ghabhail mar thruaigh,
3Agus an dol a mach uainne mar léir‑sgrios: ach tha iad ann an sìth.
4Oir ged tha iad air am peanasachadh ann an sealladh dhaoine, gidheadh tha ʼn dòchas aca làn do neo‑bhàsmhorachd.
5Agus air doibh a bhi beagan air an smachdachadh, bithidh iad gu mòr air an duaiseachadh: oir dhearbh Dia iad, agus fhuair se iad airidh air fein.
6Mar òr ʼsan àmhuinn dhearbh se iad; agus ghabh se iad mar ìobairt‑loisgte.
7Agus ann an àm am fiosrachaidh dealraichidh iad, agus ruithidh iad a null ʼsa nall mar shradan anns an asbhuain.
8Bheir iad breth air na cinnich, agus bithidh uachdaranachd aca os ceann an t‑sluaigh, agus rìoghaichidh an Tighearna gu sìorruidh.
9Tuigidh iadsan an fhìrinn a chuireas an dòchas ann; agus a mheud ʼsa bhios dìleas ann an gràdh fanaidh iad maille ris: oir bithidh gràs agus tròcair aig a naoimh, agus bithidh cùram air a thaobh a phobuill thaghta fein.
10Ach bithidh na daoine mì‑dhiadhaidh air am peanasachadh a réir an smuainte fein, a dhearmad na fìreana, agus a thréig an Tighearna.
11Oir ge bʼ e nì tàir air gliocas agus oilein, tha esan truagh, agus tha an dòchas aca faoin, an oibre mì‑thorrach, agus an gnìomhara neo‑tharbhach:
12Tha na mnai aca amaideach, agus an clann aingidh:
13Tha an sliochd mallaichte: air an aobhar sin is beannaichte an neo‑thorrach a ta neo‑thruaillidh, aig nach ʼeil eòlas air leabaidh pheacaich: gheibh ise toradh aig àm fìosrachaidh nan anam.
14Agus is beannaichte an càillteanach nach dʼ oibrich aingidheachd le ʼlàmhaibh, agus nach do smuainich nithe olc an aghaidh Dhé: or dhàsan bheirear tiodhlac àraidh aʼ chreidimh, agus oighreachd ann an teampull an Tighearna ni ʼs taitnich dʼ a inntinn.
15Oir is glòrmhor toradh nan deagh ghnìomh; agus cha tuit freumh aʼ ghliocais gu bràth air falbh.
16A thaobh sliochd nan adhaltranach, cha tig iad chum an iomlanachd fein, agus gearrar as o ʼn bhuin sìol na leapach eucoraich.
17Oir ged robh iad fada beò, gidheadh cha bhi meas idir dhiubh; agus bithidh an aois dheirionnach aca as eugais urraim.
18Air neo, ma gheibh iad bàs gu h‑ealamh, tha iad gun dòchas, agus gun chomhfhurtachd ann an là na deuchainn.
19Oir is uamhasach crìoch a ghinealaich eucoraich.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 3: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017